Rannsaich
Date: Thu, 13 Mar 1997 18:01:57 -0800 (PST)
From: Ken Nilsen <knilsen@juliet.stfx.ca>
Resent-From: scots-gaidhlig-list@eskimo.com

Dh'fhaodte gum bi uidh ag feadhainn anns an t-seanchas seo a fhuair mi bho Dhomhnall Camaron, nach maireann, mu dheidhinn ciamar a bha an Carghas ann a' Siorramachd Antigonish, Tir Mor, Albainn Ur, 'na òige (ca. 1905).

An Carghas

Well, a' rud a dh'ìnnsinn mu dhèidhinn a' Charghas, tha cuimhn' agam dar a bha mi 'nam ghille òg, dar a thigeadh Di-ciadain na Luaith, chan fhaodadh, chan fhaodadh tu danns a bhi agad, chan fhaodadh tu na cairtean a chluich, bheireadh iad leò na cairtean, chuireadh iad sreang man cuairt orra 's chuireadh iad, thilgeadh iad ann am bogsa an àit air choreigin iad, chan fhaiceadh tu sin gus as dèidh a' Chàisg. Thigeadh di-ciadain agus chan fhaodadh tu feòil ith' idir air di-ciadain, chan fhaodadh tu feòil ith'. Di-haoine chan fhaodadh tu feòil ith'.

Well, mhaireadh sin air n-adhart cho fada is a bhiodh an Carghas ann, bhiodh di-ciadain agus di-haoine cha b'urrainn dhut feòil ith'. Chan fhaodadh tu danns, chan fhaodadh tu step a dheanamh is bha a' Chonair Mhoire ri ghabhail a h-uile h-oidhch'.

Agus bha poile dhiubh nach biodh a' smocadh, dh'fhàgadh iad a' phìob. Peanas a bha sin, fhios agad.

A'sin dar a thigeadh Di-haoine na Ceusd', chan fhaodadh tu sian a ith', dh'fheumadh tu gun bhi a' gabhail ach tea dhubh agus pìos de dh'aran agus "Ith sin no fàg e." Ach co dhiubh bha sin dol air n-adhart co dhiubh, sin an dòigh a bha Carghas gus an tigeadh Di-dòmhnaich, bha iad sin, dh'itheadh iad rud sa' bith.

Ach chan eil siod a' dol idir, chan eil e dol ann an diugh idir. Sguir iad dheth sin uile gu lèir. Chan eil a leithid de rud, chan eil Carghas ann tuillidh. Chan eil sian a' dol ann mar b'à'ist dha bhith. Dè's urrainn dhut a dheanamh? Chan eil fhios agam co tha ceart no ceàrr.

(Nochd suidheachadh dhen t-seanchas seo anns an "Antigonish Casket" ann am Mart, 1993)

 
Rannsaich
1997-03-17 CPD