Rannsaich

Salm 23

Is e Dia fhèin as buachaill dhomh,
cha bhi mi ann an dìth.
Bheir e fa-near gun laighinn sìos
air cluainean glas' le sìth:

Is fòs ri taobh nan aibhnichean
thèid seachad sìos gu mall,
A ta e ga mo threòrachadh,
gu mìn rèidh anns gach ball.

Tha 'g aiseag m'anam dhom air ais:
's a' treòrachadh mo cheum
Air slighean glan' na fìreantachd,
air sgàth dheagh ainmne fhèin.

Seadh, fòs ged ghluaisinn eadhon trìd
ghlinn dorcha sgàil a' bhàis,
Aon olc no urchuid a theachd orm
chan eagal leam 's cha chàs;

Airson gu bheil thu leam a-ghnàth,
do lorg, 's do bhata treun,
Tha iad a' tabhairt comhfhurtachd
is fuasglaidh dhomh am fheum.

Dhomh dheasaich bòrd air beul mo nàmh;
le ola dh'ung mo cheann;
Cur thairis tha mo chupan fòs,
aig meud an làin a th'ann.

Ach leanaidh math is tròcair rium,
an cian a bhìos mi beò;
Is còmhnaicheam an àros Dhè,
ri fad mo rè 's mo lò.


Salm le Daibhidh

Is e an Tighearna mo bhuachaille; cha bhi mi ann an dìth. Ann an cluainean glasa bheir e orm laighe sìos; làimh ri uisgeachan ciùine treòraichidh e mi.

Aisigidh e m'anam; treòraichidh e mi air slighean na fireantachd air sgàth a ainme fhèin.

Seadh, ged shiubhail mi tro ghleann sgàil a bhàis, cha bhi eagal uilc orm, oir tha thusa maille rium; bheir do shlat agus do lorg comhfurtachd dhomh.

Deasaichidh tu bòrd fam chomhair ann am fianais mo naimhdean; dh'ung thu le ola mo cheann; tha mo chupan a' cur thairis.

Gu cinnteach leanaidh math agus tròcair mi uile làithean mo bheatha; agus còmhnaichidh mi ann an taigh an Tighearna fad mo làithean.


 
Rannsaich
1997-08-28 CPD