Cobhair

Is urrainn dhut na samhlaidhean seo a chleachdadh mar “wildcards” am broinn an fhacail:

?  - a’ riochdachadh aon litir (litir sam bith)
*  - a’ riochdachadh iomadh litir (litrichean sam bith)

Mar eiseimpleir, le “*achadh” gheibhear a h-uile facal a tha a’ crìochnachadh le “achadh”, agus le “??” gheibhear a h-uile facal le dìreach dà litir.

Airson gnothaichean a dhèanamh nas fhasa, tha “tick-boxes” beaga air gach taobh den fhacal air an fhoirm, fear air an taobh chlì a chuireas “*” aig toiseach an fhacail, agus fear air an taobh dheas a chuireas “*” aig deireadh an fhacail. Tha iad ag obair airson faclan Gàidhlig a-mhàin. Chan eil éifeacht sam bith leotha ma ’s e facal Beurla a tha ga lorg sa Bhriathrachan Bheag.


’N aire do litrichean mòr/beag is sràcan
Ma dhaoras tu am bogsa seo, bidh “Lon” agus “lòn” gan àireamh mar fhaclan diofraichte. Ma shaoras tu e, gheibh thu an aon rud le bhith a’ sgrìobhadh “Lon” no “lòn”.


» Tuilleadh mun Bhriathrachan Bheag

2009-01-22 CPD