| Am bheil thu ’dol do’n bheinn an diugh? | Are you going to the hill today? |
| Am bheil coin mhath agad? | Have you good dogs? |
| Tha an cù òg sin math. | That young dog is good. |
| Cia meud gunna tha agad? | How many guns have you? |
| Am bheil am fùdar agad? | Have you the powder? |
| Thoir leat na peilearan. | Take the balls with you. |
| Cuimhnich luaidhe. | Mind the shot |
| Ciod a’ bheinn air an sealg sinn? | On what hill will we hunt? |
| Dè a mharbh thu? | What did you kill? |
| Mharbh mi damh donn. | I killed a stag. |
| Leòin mi eilid. | I wounded a hind. |
| Cia meud meur tha air a’ chabar? | How many tines are on the antler? |
| Thilg mi dà mhaigheach. | I shot two hares. |
| Loisg air an fhear ud. | Fire on that one. |
| Tha tri coilich dhubh agam. | I have three black cocks. |
| Tha dà phaidhir de chearcan-fraoich agam. | I have two brace of grouse. |
| Mharbh mi sia paidhrichean de choilich ruadha. | I have killed six brace of red grouse cock. |