A’ Ghaoth a Tuath agus a’ Ghrian

Sgeulachd air a h-aithris anns na faclan aige fhéin le Alasdair Mac an Fhuinneadair bho Ghleann Comhan, 2005-06-02

Tar-sgrìobhadh

“Bha a’ Gaoth Tuath agus a’ Ghrian ag argamaid có a bu làidir, dol a thàinig fear-turas le còta blàth air. Thuirt iad ri chéile, gu’m fear a dhèanadh am fear-turas toirt dheth an còta, ’s e am fear a bu làidir. ’Sin shéid a’ Gaoth a Tuath as làidir ’s a b’urrainn dhi, ach as motha a shéid i as motha a chùm am fear-turas an còta ris fhéin. Thug a’ Ghaoth suas. ’Sin thàinig a’ Ghrian a-mach, gu blàth. Agus rinn sin am fear-còta thoirt dheth an còta aige. Leis a sin, dh’fheum a’ Ghaoth a gràdh, gum b’e a’ Ghrian as làidir den dithis.”

2025-06-01 CPD