Two groups: (A) Masculines; (B) Feminines
Article: an t- in singular; na h- in plural
ainm | a name | an t-ainm | na h-ainmean |
amadan | a fool | an t-amadan | na h-amadain |
allt | a brook | an t-allt | na h-uillt |
each | a horse | an t-each | na h-eich |
eun | a bird | an t-eun | na h-eoin |
iasg | a fish | an t-iasg | na h-eisg |
isean | a chicken | an t-isean | na h-iseain (The young of any bird) |
òr | gold | an t-òr | na h-òir (The gold coins) |
òrd | a hammer | an t-òrd | na h-ùird |
ubh | an egg | an t-ubh | na h-uibhean |
uisge | water | an t-uisge | na h-uisgeachan |
Article: an in singular; na h- in plural
acair | an anchor | an acair | na h-acraichean na h-acairean |
abhainn | a river | an abhainn | na h-aibhnichean |
adharc | a swan | an adharc | na h-adhaircean |
eala | a horn | an eala | na h-ealachan |
eaglais | a church | an eaglais | na h-eaglaisean |
eilid | a hind | an eilid | na h-eildean |
iuchair | a key | an iuchair | na h-iuchraichean |
ite | a feather | an ite | na h-itean |
òigh | a virgin | an òigh | na h-òighean |
uinneag | a window | an uinneag | na h-uinneagan |
ubhal | an apple | an ubhal | na h-ùbhlan |
In Group A, nominative, accusative and dative of the nouns are alike after the indefinite article. E.g.:
Tha each anns an stàbull - A horse is in the stable.
Chunnaic am fear each - The man saw a horse.
Thàinig an gille le each - The lad came with a horse.
In the nominative and accusative the definite article takes the form "an t-". E.g.:
Tha an t-iasg anns a' phoit - The fish is in the pot.
Chuir a' bhean an t-iasg air a' bhord - The woman put the fish on the table.
In the dative case, however, the definite article takes the form "an". E.g.:
Tha uisge anns an allt - Water is in thebrook.
Tha earball air an iasg - A tail is on the fish.
In Broup B, the nominative and accusative are similar after the indefinite article in English. E.g.:
Tha eala air an abhainn - A swan is on the river.
Chunnaic mi eala air an loch - I saw a swan on the loch.
The dative case is like the nominative and accusative - except where there are changes due to the "declensions" to which the nouns belong. E.g.:
Tha bàta air abhainn - A boat is on a river.
Tha sgiathan air eala - Wings are on a swan (or, a swan has wings)
But:
Tha gloinne ann an uinneig - Glass is in a window (a pane of glass)
(not, Tha gloinne ann an uinneag)
In the nominative, dative and accusative, the definite article takes the form "an:". E.g.:
Tha an iuchair anns an dorus - The key is in the door.
Fhuair mi an iuchair air an làr - I got the key on the floor.
Thàinig am balach leis an iuchair - The boy came with the key.
Group A. - Nouns | |
athair, a father | eilean, an island |
aodach, cloth, clothes | iasgair, a fisherman |
airgiod, money | ìm, butter |
aran, bread | òganach, a youth |
arbhar, corn | uaireadair, a timepiece |
Group B. - Nouns | |
airigh, a shieling | innis, pasture |
earb, a roe | osag, a breeze |
iolair, an eagle | oidhche, a night |
Verbs | |
bhuain, reaped | sheas, stood |
bhris, broke | thog, lifted, raised, built |
thilg, threw, shot | cheannaich, bought |
Bha an t-aodach air an duine. Tha an t-iasg anns a' mhuir. Bha an t-aran air an truinnsear. Chuir a' chaileag an t-ìm air a' bhòrd. Bha an iuchair anns an dorus. Tha adhaircean air an damh. Chuir a' bhean an t-ìm air an aran. Thàinig an gille leis an iasg ann am poca. Chunnaic mi am bàta anns an abhainn. Bhuain an tuathanach an t-arbhar anns an achadh. Sheas an t-iasgair anns a' bhàta agus thog e an acair. Thilg an t-amadan an t-òrd anns an allt. Fhuair an t-òganach an t-òr anns a' phoca, agus chuir e an t-airgiod anns an abhainn. Tha loch aig an eaglais agus tha na h-ealachan air an loch. Fhuair a' chaileag na h-uibhean agus na h-itean anns an nead. Bhris a' chearc na h-uibhean. Bha an sealgair anns a' bheinn agus thilg e an eilid leis a' ghunna. Cheannaich a' bhean ùbhlan anns a' bhùth. Fhuair am balach na h-ùbhlan air a' bhòrd.
Bha an cìobair air a' mhonadh agus fhuair e aran, agus ìm, agus càise anns an àirigh. Chunnaic e a' bhó anns an innis. Chuala an t-òganach osag anns na craobhan.
QUESTIONS | ANSWERS | |
Có bha aig an dorus? | Bha Seumas aig an dorus. | |
Who was at the door? | James was at the door. | |
C'àite an robh Sumas? | Bha e aig an allt. | |
Where was Seumas? | He was at the brook. | |
C'uin' a bha Seumas anns a' choille? | Bha e anns a' choille anns a' mhaduinn. | |
When was James in the wood? | He was in the wood in the morning. | |
C'uin a thàinig Seumas? | Thàinig e an dé. | |
When did James come? | He came yesterday. |