Tha Opera a-nise ri fhaighinn sa Ghàidhlig bhon làraich-lìn aca fhéin:

(Taing dhan obair eadar-theangachaidh a rinn Akerbeltz)

Tha a’ chuid eile den duilleig seo a’ buntainn ri seann ath-bhreac agus seann eadar-theangachadh...


Opera sa Ghàidhlig

Tha an t-sealladair Eadarlìn (web browser) Opera ri fhaighinn sa Ghàidhlig airson coimpiutairean le Windows.

Faigh Opera sa Ghàidhlig

Chan e seo buileach an t-ath-bhreac (version) as ùire de Opera ge-tà. Ma tha thu airson an t-athbhreac is ùire fhaighinn, le rud beag a bharrachd de shaothar...

Faigh Opera (athbhreac as ùire) sa Ghàidhlig

Opera

'S e sealladair gu math luath a tha ann an Opera. Tha e fada nas luaithe na Internet Explorer no Netscape agus ged nach eil e nas fheàrr na iad anns a h-uile dòigh, gu dearbhadh tha e fada nas fheàrr ann an iomadach dòigh. Tha e ri fhaighinn saor 's an asgaidh mar "ad-ware" le sanasachd, agus ma chlàrachas tu e air chosgas $39 no $20 (foghlam), gheibh thu cuidhteas den t-sanasachd.

An t-Eadar-theangachadh

Thòisich Sabhal Mòr Ostaig air Opera a thionndadh gu Gàidhlig mar phàirt den phròiseact DART aig Biùrò Eòrpach nam Mion-chànan. Tha sinn air cumail oirnn ag obair air, ge-tà, agus tha an t-Opera Gàidhlig a th' ann a-nis fada nas fheàrr na am fear aig an àm ud.

Chan eil ach trì de na faidhlichean cobhrach (Help files) ri'm fhaighinn anns a' Ghàidhlig fhathast, ach bidh sinn ag eadar-theangachadh barrachd dhiubh san àm ri teachd. Cum do shùil air an duilleig seo airson fiosrachadh.

Rinn sinn liosta den bhriathrachas Gàidhlig coimpiutaireachd a chleachd sinn anns an eadar-theangachadh de Opera. Ma tha beachdan agad mun bhriatharachas no mun eadar-theangachadh san fharsaingeachd, faodaidh tu an cur thugainn aig opera@smo.uhi.ac.uk agus bidh sinn gu math taingeil air an son.

Criomagan eile fiosrachaidh

Sgioba agus buidheachas

2002-11-01 CPD