ÀÈÌÒÙ àèìòù ÁÉÍÓÚ áéíóú
Faic an duilleag Bheurla airson comhairle nas ùire (duilich!)
Ann an Windows XP/2000/ME, fhalbh dhan Control Panel (Start > Settings > Control Panel), agus an uair sin tagh Regional and Language Options > Languages > Details..., agus an uair sin cuir an Irish keyboard air dòigh. Gheibh thu an uair sin litir le sràc mhall (grave accent) le bhith a' putadh a' phutan sràc mhall air a' mheurchlàr, agus an uair sin a' putadh na litreach.
Tha an Irish keyboard aig Microsoft nas fheàrr airson Gàidhlig na h-Albann; tha an Gaelic keyboard nas fheàrr airson Gàidhlig na hÉireann!
Comhairle eile
Seann stuth
Ma tha seòladh phost dealain agad aig yahoo.com, feumaidh tu na user options atharrachadh airson taghadh a dhèanamh de "English (UK)" an àite "English (US)". Mur an dèan thu sin, cuiridh yahoo "charset=us-ascii" aig ceann gach bratha, an àite "charset=iso-latin-1" agus bidh duilgheadas agad leis na sràcan. (A bheil seo fhathast fìor?)