Faclan is Abairtean à Ros an Iar

Faclair Beurla gu Dualchainnt Ghàidhlig Gheàrrloch
le Roy Wentworth

Chan e litreachadh bun-tomhasach no litreachadh GOC a chleachd Roy anns an fhaclair seo, ach litreachadh a tha a' sealltainn fuaimneachadh nam faclan mar a chluinnear iad ann an Ros an Iar. Tha an litreachadh air a mhìneachadh anns an ro-ràdh.

Fhuaireadh na lethbhreacan seo bho Roy air 2003-10-09, ach thionndaich Mìcheal Bauer an IPA ann an dualchainnt.docx gu IPA air 2021-01-09. Seo mar a bha e roimhe, a' cleachdadh seann chruth-clò "Ipa-samd Uclphon1 SILDoulosL" bho SIL.

2023-12-12 CPD