Coimpiutaireachd airson na Gàidhlig

Ceumannan oideachaidh

English

Aig deireadh a’ mhodail bu chòir do na h-oileanaich a bhith comasach air:

  1. coimpiutair air dòigh Coimpiutair a chur air dòigh dhan Ghàidhlig - le meurchlàr airson sràcan a sgrìobhadh, le dearbhadh litreachaidh, le bathar-bog Gàidhlig, le clòidhean Gàidhealach, le Gàidhlig ’na accept-language sa bhrabhsair-lìn, agus le roghainnean agus goireasan eile a tha freagarrach airson sgrìobhadh sa Ghàidhlig, agus a’ cleachdadh eadar-aghaidh Ghàidhlig nuair a ghabhas sin a dhèanamh.
  2. caractaran Sealltainn gu bheil iad eòlach air Unicode, air UTF-8 (agus encodings eile) agus air na diofar dhòighean air caractaran le sràc agus caractaran annasach a sgrìobhadh a-steach air diofar choimpiutairean.
  3. còdaichean cànain Sealltainn gu bheil iad eòlach air na bun-tomhasan (standards) airson còdaichean cànain (m.e. “gd” no “gla” airson na Gàidhlig), agus air na còdaichean agus rudan sònraichte a tha a dhìth aig diofar chànanan, ach gu h-àraid aig na cànanan ceilteacha.
  4. goireasan Sealltainn gu bheil iad eòlach air an raon de ghoireasan a th’ ann dhan Ghàidhlig air an Eadarlìon, a’ toirt a-steach: bathar-bog a ghabhas a luchdadh a-nuas leithid Firefox agus LibreOffice; goireasan ioma-chànanach leithid Wikipedia agus an ODP; goireasan sònraichte leithid Tobar an Dualchais agus Am Baile; na bùird-bratha; agus faclairean air-loidhne.
  5. lorg adhartach Rudan a lorg ann an dòigh adhartach anns na faclairean agus goireasan eile.
  6. Uicipeid Artaigilean a chruthachadh agus a dheasachadh sa Uicipeid Ghàidhlig.
  7. làrach-lìn Sealltainn gu bheil iad eòlach air na diofar structaran a ghabhas a chleachdadh airson làrach-lìn ioma-chànanach.
  8. briathrachas Briathrachas coimpiutaireachd sa Ghàidhlig a thuigsinn agus a chur gu feum.

Ceanglaichean Gaeilge a tha feumail

Eacarsaichean

Rudan eile a tha feumail

2013-11-01 CPD