Am bu chòir don chraoibh agam a bhith sa Ghàidhlig?

Faodaidh i a bhith sa Ghàidhlig no sa Bheurla - Tha sin an urra riut fhéin. Tha thu ’nad oileanach air cùrsa Gàidhlig agus leis a sin bhiodh e math craobh a dhèanamh sa Ghàidhlig. Ach air an làimh eile, bidh thu an dòchas gum bi do chraobh-sa feumail às déidh a’ mhodail do dhaoine eile san teaghlach, agus is dòcha nach bi Gàidhlig aig a’ mhórchuid dhiubhsan. Leis a sin, tha mi an dùil gur ann sa Bheurla a bhios a’ mhórchuid de na craobhan. Gu math tric anns a’ chraoibh bidh thu ag iarraidh sealltainn dé a tha sgrìobhte sna clàraidhean agus bu chòir dhut sin fhàgail mar a tha e.

Chì thu anns a’ chraoibh aig Bill Lawson gur ann sa Ghàidhlig a sgrìobh a bhean Chris a sinnsreachd fhéin. Bha sin air sgàth ’s gun robh iad uile ann an Leòdhas, agus gun robh deagh fhios aice air na h-ainmean Gàidhlig a bhiodh orra agus nach robh sna diofar rudan a chaidh an sgrìobhadh sna clàraidhean Beurla ach diofar truaillidhean a chuir an neach-clàraidh air ainm Gàidhlig.

Ma tha cànan eile, Gearmailtis no Ruisis mar eisimpleir, aig a mhórchuid de do theaghlach, is dòcha gum bi thu ag iarraidh an cànan sin a chleachdadh nad chraoibh. Feumaidh tu dèanamh cinnteachd ge-tà gum bi gu leòr ann de chànan a thuigeas luchd-sgrùdaidh a’ mhodail.

Ma tha thu a’ dèanamh craobh do chuideigin eachdraidheil ann an saoghal na Gàidhlig, chan eil adhbhar nach biodh i sin anns a’ Ghàidhlig.

Airson ainmean-àite agus ainmean duine a thionndadh eadar Beurla agus Gàidhlig, gheibh thu cuid sa Stòr-dàta Briathrachais, agus gheibh thu taic bho na ceanglaichean an seo.

Feumaidh an aiste agad agus an aithris-obrach agad a bhith anns a’ Ghàidhlig. Gu dearbh, tha 10% de chomharraidhean na h-aiste a’ dol mar as àbhaist air grinneas Gàidhlig. Thathar a’ tuigsinn nach bi aithris na h-obrach cho grinn sgiobalta ’s a bhios an aiste, ach caillidh tu comharraidhean an sin cuideachd mur am bi a’ Ghàidhlig math gu leòr agus furasta gu leor r’a leantainn.

2012-04-24 CPD