Dé a nì mi an toiseach?

Cruthaich ainm-cleachdaidh agus facal faire dhut fhéin air Webtrees

Theirig gu http://www.smo.uhi.ac.uk/webtrees" agus lìon a-steach am foirm. Cuiridh Webtrees fios thugamsa (Caoimhín), cruthaichidh mi craobh-sloinnidh bhàn dhut agus thusa nad mhanaidsear oirre, agus bheir mi comas dod ainm-cleachdaidh. Cuiridh Webtrees fios thugad agus bidh thu comasach air logadh a-steach.

Dèan login gu Webtrees agus thoir sùil mun cuairt

Thoir sùil an toiseach air a’ chraoibh agamsa. Fo “Home page” (an dealbhag aig a’ mhullach) chì thu “**Caoimhín Ó Donnaíle”. Briog sin agus an uair sin briog an dealbhag “Charts”. Briog an t-ainm aig mo sheanair, Patrick Donnelly, mar eisimpleir, airson dol dhan duilleig aige. Lean ort a’ feuchainn siud ’s seo. Tha cead leughaidh agad ach chan eil cead sgrìobhaidh. Chan urrainn dhut dad a bhriseadh. Tha a’ chraobh aig Bill Lawson fosgailte dhut cuideachd.

Thoir sùil bheag air do chraoibh fhéin. Chan eil innte fhathast ach aon neach, Joe Bloggs a rugadh sa bhliadhna 1850.

Bruidhinn ri do theaghlach agus toisich a’ cruinneachadh fiosrachaidh

Mur a rinn thu seo cheana, tha e uabhasach cudromach bruidhinn ma’s urrainn dhut ri daoine nas sine san teaghlach, agus nas urrainn dhut de dh’fhiosrachadh a chruinneachadh, ainmean agus làithean breithe/pòsaidh/bàis. Oir air sàilleabh prìobhaideachd, chan eil e soirbh idir fiosrachadh fhaighinn air loidhne mu dheidhinn daoine a rugadh sa cheud bliadhna a chaidh seachad. Feumaidh tu a dhol air ais a' chiad ceud bliadhna le bhith a’ bruidhinn ri do theaghlach. A bharrachd air sin, tha e tòrr nas saoire fiosrachadh fhaighinn bho do theaghlach no bhith ga cheannach bho ScotlandsPeople! Feuch am faigh thu sgeulachdan agus seanachas cuideachd - Seo rud nach fhaigh thu bho na clàraidhean-oifigeil.

Feuch cuideachd a bheil seann dealbhan agus seann teastanasan breithe/pòsaidh/bàis san teaghlach. Is dòcha gum faigh thu iasad dhiubh airson an sganadh a-steach dhan choimpiutair. Mur am faigh, tha an camara didseatach gu math feumail. Is dòcha gum b’urrainn dhut dol gu cladh agus dealbhan a dhèanamh de leacan uaighe.

Cuir toiseachd air aithris na h-obrach

Seo an iùl don neach-sgrùdaidh air an obair a rinn thu. Is urrainn dhut rudan a bhreacadh sìos ann an dòigh gharbh an toiseach agus sgioblachadh a dhèanamh orra a-rithist.

2012-04-24 CPD