Ciamar a thòiseachas mi ann an Webtrees?
- Theirig gu Webtrees aig SMO, http://www.smo.uhi.ac.uk/webtrees, agus dèan login.
- Theirig dhan dealbhag (icon) Family trees (san t-sreath de dhealbhagan aig a’ mhullach) agus tagh a’ chraobh-sloinnidh agad fhéin.
- Chan eil sa chraoibh agad fhathast ach aon neach, aon individual, Joe BLOGGS. Briog (click) an t-ainm Joe BLOGGS airson a dhol dhan duilleig aigesan.
- Briog an dealbhag Edit (san t-sreath aig a’ mhullach). Atharraich na Given names bho Joe dhan ainm agad fhéin, agus atharraich an Surname bho BLOGGS dhan surname agad fhéin - am maiden name ma ’s e boireannach a th’ annad, oir ann an sloinntearachd bidh na boireannaich an còmhnaidh a’ dol fon maiden name.
- Cha leig thu leas capitals: sgrìobh “MacDonald” seachas “MACDONALD”.
- Ma tha barrachd is aon given name agad, agus ma ’s e an dàrna fear a tha thu a’ cleachdadh, cuir ‘*’ às a dhéidh. Mar eisimpleir, ma ’s e “Joe Peter” a th’ ort gu oifigeil, ach gur e “Peter” seachas “Joe” a bhios tu a’ cleachdadh, sgrìobh “Joe Peter*”.
- Ma tha ainm làitheil agad a tha diofraichte bhon ainm oifigeil, faodaidh tu sin a chur a-steach mar Nickname. Mar eisimpleir, ma ’s e “Margaret” a th’ ort gu h-oifigeil, ach gur e “Peggy” a tha a h-uile duine ag ràdh riut, sgrìobh “Peggy” mar nickname.
- Briog save gus am fiosrachadh seo a shàbhaladh. (Na briog close, air neo caillidh tu na sgrìobh thu!)
- Ma ’s e boireannach a th’ annad, theirig gu Edit, tagh Edit sex, atharraich “male” gu “female”, agus save.
- Briog am facal Birth (no am peann a tha faisg air), atharraich “01 JAN 1850” dhan latha-breitha agad fhéin, sguab às an Note “Edit this individual and replace their details with your own”, cuir a-steach am Place of birth agad ma thogras tu, agus save.
- Faodaidh tu an uair sin a dhol dhan Families tab, Add a new father a bhriogadh, agus fiosrachadh a bhiathadh a-steach mu d’athair. Agus an uair sin, Add a wife to this family agus fiosrachadh a bhiathadh a-steach mu do mhàthair. Agus mar sin air adhart. Thoir an aire an còmhnaidh c’àite (có an duine) aig a bheil thu anns a’ chraoibh; anns an dòigh sin nuair a dhèanas tu Add a sister, bidh fhios agad an e piuthar agad fhéin no piuthar d’athar no piuthar do mhàthar a tha thu a’ cur a-steach.