Na Trì Mucan Beaga

Bho chionn fhada an t-saoghail bha trì mucan beaga ainmeil ann an Èirinn. Lurcan, Orcan agus Torcan a b’ ainm dhaibh.

Là dhe na làithean bu mhithich dhaibh taigh a màthar fhàgail agus am fearann fhèin a lorg. Nuair a dh’ fhalbh iad thuirt am màthair riu:

“As bith dè gnìomh a nì sibh, dèanaibh ur dìcheall. ’S ann mar sin a bhios rath oirbh san t-saoghal.”

Rinn Lurcan, a’ chiad mhuc bheag, a thaigh às luachair, oir b’ e a b’fhasa dha.

Rinn Orcan, an dara muc bheag, a thaigh às cùrainn. Bha sin na bu làidire na taigh luachrach.

Rinn Torcan, an treas muc bheag, a thaigh às cloich.

Oidhche dhe na h-oidhcheanan thàinig am Faolchù Feòlach Fuilteach gu taigh na ciad mhuice. Bu mhath leis mucan beaga mèatha ithe.

Chunnaic e a’ chiad mhuc bheag na thaigh luachrach.

“Leig a-steach mi, leig a-steach mi,” ars’ am Faolchù Feòlach Fuilteach.

“Cha leig!” ars’ a’ chiad mhuc bheag.

“Mura leig,” ars’ am Faolchù, “nì mi balgan agus sèididh mi agus leagaidh mi do thaigh gus am bi am mullach sìos mu do cheann.”

“Dar ribeagan mo smiogaide, cha leig,” ars’ a’ mhuc bheag.

Ach leag am Faolchù an taigh,

agus dh’ith e a’ chiad mhuc bheag.

Thàinig am Faolchù an uairsin gu ruige an taigh chùrainn.

“Leig a-steach mi, leig a-steach mi, a mhuice bhig, air neo nì mi balgan agus sèididh mi agus leagaidh mi do thaigh gus am bi am mullach a’ tuiteam sìos mu do cheann.”

“Dar ribeagan mo smiogaide, cha leig,” ars’ a’ mhuc bheag.

Ach leag am Faolchù an taigh sin cuideachd,

agus dh’ ith e an dara muc bheag.

Thàinig am Faolchù an uairsin gu ruige an taigh chloiche.

“Leig a-steach mi, leig a-steach mi, a mhuice bhig, no nì mi sèideadh agus balgan agus leagaidh mi do thaigh gus am bi am mullach a’ tuiteam sìos mu do cheann.”

“Dar ribeagan mo smiogaide, cha leig,” arsa an treas muc bheag.

Rinn am Faolchù balgan ge-tà agus shèid e an aghaidh an taigh chloiche,

ach cha robh e comasach dha e a leagail.

Gidheadh, bu sionnach glic sean e. Suas leis a’ leum agus a’ streap ri mullach an taighe gu faigheadh e dòigh a-steach dhan taigh chloiche.

Chunnaic a’ mhuc bheag am Faolchù a’ dìreadh suas air a’ mhullach. Las e lasair teine air an teallach agus chuir e coire mòr làn uisge air.

Thàinig am Faolchù gu farlas an taighe.

Leum e troimhe agus thuit e a-steach sa choire de dh’uisge ghoileach. Fhuair am Faolchù Feòlach Fuilteach bàs-a-tria, o thuiteam, o theine agus o uisge.

Bha Èire làn de chliù na muice bige. B’ e Torcan Marbhaiche Fhaolchon a b’ ainm dha o sin a-mach.

Dh’eadar-theangaich Niall Gòrdan an sgeul seo go Gàidhlig na h-Albann. Tharraing Theresa Illés na dealbhan.

Author: Dennis King, 2009-06-17
Report web errors to: Caoimhín Ó Donnaíle