Tríar Manach

Sgeul Abhachdach Meadhan-aoiseach à Éirinn

Air a Chur an Eagar, Eadar-theangachadh, Sgeadachadh agus a Leughadh a-mach
le
Dennis King

nahua voluta

Thig an Sgeul gu Bàrr

Anns a’ bhliadhna 1892 chaidh leabhar a fhoillseachadh ann an Dùn Éideann, Silva Gadelica: A Collection of Tales in Irish, air a dheasachadh agus eadar-theangachadh le Standish Hayes O’Grady. Rinn O’Grady luaidh anns a’ roimh-ràdh air an naomhsheanchas as giorra, ar leis, anns an dualchas Ghàidhealach. Thug e an tionndadh Beurla a leanas air:

“Three penitents resolved to quit the world for the ascetic life, and so sought the wilderness. After exactly a year’s silence the first one said: ‘’tis a good life we lead.’ At the next year’s end the second answered: ‘it is so.’ Another year being run out, the third exclaimed: ‘if I cannot have peace and quiet here I’ll go back to the world.’”

Agus thuirt e, “The original Irish is in a paper MS in the British Museum, but for the moment I have mislaid the reference.”

Thàinig an teacsa Ghàidhlig chun solais mu dheireadh thall anns a’ bhliadhna 1926, nuair a chaidh foilleseachadh anns an dàrna iom-leabhar den Catalogue of Irish manuscripts in the British Museum, a chur Robin Flower ri chéile. Sgrìobh an Dr. Flower air t.d. 586 gum bu léir dhà gun tàinig an teacsa bho “some mediæval MS.” Chan eil ach fìor bheag de theacsaichean Seann-Ghàidhlig a mhaireas fhathast mar sgrìobhaidhean tùsail. Rinneadh lethbhric dhiubh, agus lethbhric de na lethbhric a réir mar a theirg na seann làmh-sgrìobhainnean. Tha e coltach bhon chànan a th’ ann gu bheil an sgeul seo nas sine na mìle bliadhna a dh’aois, ach chan eil an sgeul ri fhaighinn a-nis ach ann an aon làmh-sgrìobhainn pàipear a-mhàin. ’S e Richard Tipper às Baile Mhistéil ann an Co. Átha Cliath, a rinne an lethbhreac seo dheth sa bhliadhna 1709. Tha an làmh-sgrìobhainn seo tasgte ann an Leabharlann na Breatainne a-nis, fon tiotal Egerton 190.

Rinn an Dr. Flower tar-sgrìobhadh den bhunteacsa, ach cha do rinn e eadar-theangachadh:

“Triar mannach dorath (sic) diultadh don tsaoghal. Tiagait a fasach do athghaira a pecadh fri Dia Bhadar cin labhradh fri araile co ceann bliaghna. Is ann isbeart fear dibh fri aroile dia bliaghna ‘Maith atámm,’ ol se, ‘amen’ [...] co cionn bliaghnai. ‘Is maith ón,’ ar in dara fear. Batar ann ier suidhe co ceann bliaghna. ‘Toingim nam abith (sic),’ ar in treas fear, ‘mine lecthi ciunnus damh co n-imgeb in fasach uile dibh.’ Finis.”

Sùil nas dlùithe air an Làmh-sgrìobhainn

Fhuair mi cothrom sùil a thoirt air miocrofilm den làmh-sgrìobhainn sa bhliadhna 2008, ge-tà, agus bu léir nach robh an tar-sgrìobhadh a rinn an Dr. Flower buileach ceart. Gheibhear an tar-sgrìobhadh ceartaichte gu h-ìseal, agus chuir mi clò trom air na facail a cheartaich mi: tsaoghail, tiegait, uam, abit. Chan eil a’ chiad dà dhiubh gu móran diofair, ach tha an dà eile glé chudthromach gus an teacsa a thuigsinn. Sguab mi às am pongaireachd gu léir a chuir an Dr. Flower ris an teacsa, oir chaidh e air iomrall nuair a shaoil e gun robh am facal “amen” ’na phàirt den chòmhradh.

TRIAR mannach dorath diultadh don tsaoghail. tiegait a fasach do athghaira a pecadh fri dia. bhadar cin labhradh fri araile co ceann bliaghna. IS ann isbeart fear dibh fri aroile dia bliaghna Maith atamm ol se amen.co cionn bliaghnai. IS Maith on ar in dara fear batar ann ier suidhe co ceann bliaghna Toingim uam abit ar in treas fear mine lecthi ciunnus damh conimgeb in fasach uile dibh. FINIS

Litreachadh agus Gramar

Tha cuid mhór de dh’fhacail san làmh-sgrìobhainn a tha air an litreachadh a réir nòsan na Nua-Ghaeilge Clasaicich. Chuir mi nòs litreachaidh na Seann-Ghàidhlig orra gu h-ìseal, agus rinn mi an aon rud leis a’ ghramar ann an àite no dhà. An t-aon atharrachadh cudthromach a rinn mi, b’ e “aithrigi” (aithreachas) a chur an àite “athgaira” na làimh-sgrìobhainne. A réir coltais chaidh am facal seo a thruailleadh ri linn lethbhric a dhèanamh den làimh-sgrìobhainn. Mo thaing do Elisa Roma a shoilleirich seo dhomh. Mo thaing cuideachd do Liam Breatnach a shoilleirich ciall an fhacail “uam” dhomh.

Na Dealbhan

A’ chuid as motha de na h-ìomhaighean anns na dealbhan a chuir mi ri chéile, thog mi iad bho chódacsaichean Astacacha a chaidh a sgrìobhadh ann am Meagsago dìreach às déidh a ceannsachaidh leis na Spàinnich. Thàinig a’ mhórchuid dhiubh, agus na daoine uile, bhon Códice Boturini. Ach thàinig an cnoc bhon Códice Aubin, an taigh bho dhealbh-balla anns an Templo de los Guerreros ann an Chichén Itzá, aon lus beag bhon Códice Fejérváry-Mayer, agus an coineanach r’a thaobh bhon chloich Piedra de Tízoc. Chuir mi na h-ìomhaighean seo còmhla a réir feumalachdan an sgeòil, agus dh’atharraich mi cuid acu gu h-aotrom.

An Sgeul ann an Ochd Dealbhan

Briog an àireamh Romanach gus mìneachadh facal air an fhacal fhaighinn air an abairt.

Éist ris an sgeul san t-Seann-Ghàidhlig

illustration

Tríar manach do·rat díultad dont saegul.

Triùir mhanach a thug diùltadh don t-saoghal.

I

illustration

Tíagait i fásach do aithrigi a peccad fri día.

Théid iad ann am fàsach a dhèanamh aithreachais air son am peacaidhean ri Dia.

II

illustration

Bátar cen labrad fri araile co cenn blíadnae.

Bha iad gun labhairt ri chéile gu ceann bliadhna.

III

illustration

Is and as·bert fer diib fri araile dia blíadnae, “Maith at·taam”, olse.

An sin thuirt fear dhiubh ri fear eile an déidh bliadhna, “Is math a tha sinn”, ars esan.

IV

illustration

Amein co cenn blíadnae.

Mar sin gu ceann bliadhna.

V

illustration

“Is maith ón”, ol indara fer.

“Is math ann”, ars an dara fear.

VI

illustration

Bátar and íar suidiu co cenn blíadnae.

Bha iad ann an déidh sin gu ceann bliadhna.

VII

illustration

“Toingim fom aibit,” ol in tres fer, “mani·léicthe ciúnas dom co n-imgéb in fásach uile dúib.”

“Air mo earradh,” ars an treas fear, “muna leige sibh ciùineas dhomh gum fàg mi am fàsach uile dhuibh!”

VIII

An Sgeul san Fhicheadamh Linn

Sgeul Eadar-nàiseanta A-nis

Tha an sgeul beag seo clàraichte sa leabhar The Types of International Folktales le Hans-Jörg Uther (Helsinki. 2004), far a bheil an àireamh ATU (Aarne-Thompson-Uther) 1948 air. Agus chaidh a chìreadh bho chionn ghoirid ann an iom-leabhar 12 den Enzyklopädie des Märchens (Berlin. 2007). Tha Uther a’ dèanamh luaidh air innsean den sgeul bho Nirribhidh, bhon Fhionlainn, bhon Fhreaslainn, bho Éirinn, agus bho dhùthchannan eile ann an taobh tuath na Roinn Eòrpa. Tha e a’ cur giorrachaidh air an sgeul mar a leanas:

Too Much Talk. Three silent men (trolls, brothers, captains, farmers) withdraw from the world and retreat to a hermitage (canyon, monastery, island). After seven years, one of them speaks, “I think I heard a cow moo”. The others are irritated but stay silent. Seven years later, another man says, “It could have been an ox”. The third is annoyed but does not speak. After seven more years, he says, “I am leaving this place because there is too much talking (noise)”.

Seo an innse Nua-Ghaeilge a chlàraich Séamus Ó Duilearga ann an Uíbh Ráthach agus a dh’fhoillsich e ann an Leabhar Sheáin Í Chonaill (BÁC. 1977):

49. An Triúir Driothár san Oileán Uaigneach

Triúr driothár a imig ar luíng chún na faraige. Thugadar tamall math ar a’ bhfaraige, agus ní raibh aon talamh a’ buala leó, is bhí eagal ortha ná buailfeadh; ach sa deire do casach isteach go hoileán iad, a’s do bhí cuíllthe anuas go dtí an fharaige, agus cranna a’ fás aníos thríthi. Do cheangaluíodar a’ lúng ansan do chrann, agus d’imíodar féinig isteach fén dtír. N’fheacadar éinne, agus níor bhuail éinne leó. Luíodar ansan ar a bheith ag obair ’s a gnó ar feag seach’ mblian, agus i gciúnn na seach mblian labhair duin’ aca:

“Airím géim bó!” a duairt sé.

Ní’ thug éinne aon fhreagar’ ar a’ bhfocal san.

D’imig seach’ mblian eile thórsa. Labhair a’ tarna fear ansan, agus duairt sé: “Canad?”

D’fhan a sgéal mar sin ar feag seach’ mblian eile.

“Mara n-éisti sibh,” aduairt a’ tríú fear, “cuirfear as so sinn!”

Sliochd Aona Sheannsgeòil A-mhàin?

Cho fad ’s is aithne dhomh, na h-innsean de ATU 1948 a tha sna cruinneachaidhean beul-aithris, chan eil gin dhiubh nas sine na toiseach na ficheadeimh linne. Tha e coltach nach robh gin sam bith dhiubh ann mus deach Silva Gadelica fhoillseachadh sa bhliadhna 1892, a’ chiad uair a nochd an sgeul sa Bheurla. An-diugh, barrachd is ceud bliadhna bhon uair sin, tha tionndaidhean dheth air sgaipeadh air feadh an t-saoghail. Is Crìosdaidhean, Budaich nó Hiondaich na manaich sna tionndaidhean eadar-dhealaichte seo. Tha an innse seo a leanas, mar eisimpleir, ri fhaighinn sa leabhar The Kitchen Chronicles: 1001 Lunches with J. Krishnamurti le Michael Krohnen:

“There are three monks, who had been sitting in deep meditation for many years amidst the Himalayan snow peaks, never speaking a word, in utter silence. One morning, one of the three suddenly speaks up and says, ‘What a lovely morning this is.’ And he falls silent again. Five years of silence pass, when all at once the second monk speaks up and says, ‘But we could do with some rain.’ There is silence among them for another five years, when suddenly the third monk says, ‘Why can’t you two stop chattering?’”

Eadar-theangachadh Gàidhlig le Caoimhín Ó Donnaíle