|
|
LEABHAR-LÀIMHE
OILEANACH 2003-2004
CLÀR-FIOSRACHAIDH
Leum gu:
Fàilte Bliadhna na Colaiste
An Leabharlann & An Seòmarbidhe
Seirbheisean Oileanach
Riaghailtean na Colaiste
Poileasaidhean na Colaiste
Giùlan Frithealachd
Slàinte is Sàbhailteachd
Riaghailtean a thaobh teine
Luchdobrach na Colaiste
Fiosrachadh agus Seirbheisean Dòighean Ionnsachaidh
Stiùireadh a thaobh sgrìobhadh Phròiseactan
Stiùireadh a thaobh Aithisgean a Sgrìobhadh
Coionnanachd Chothroman
An tuilleadh fiosrachaidh
Tha fiosrachadh riatanach an lùib leabhar- làimhe nan oileanach a bheir dhut stiùireadh feumail fhad 's a bhios tu nad oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig. Feuch gu leugh thu gu cùramach e aig toiseach do chùrsa agus bheir stiùiriche do chùrsa no do chomharlaiche oileanach cuideachadh dhut le puing sam bith nach eil buileach soilleir.
Is e coimhearsnachd de dh'oileanaich agus luchd-obrach a tha ann an Sabhal Mòr Ostaig le amas sàr ionad Gàidhlig a chruthachadh a bhios na àrainn mhisneachail anns an gabh gach neach compàirt. Mar oileanach, thèid brosnachadh a thoirt dhut com-pàirteachadh ann an co-dhùnaidhean agus a bhith na do bhall de chomataidhean cudthromach. Bidh oileanaich iad fhèin air am brosnachadh pàirt a ghabhail ann an cur-seachadan cultarach agus spòrsail taobh a-staigh agus taobh a-muigh àrainn na colaiste.
Mar oileanach no neach-obrach tha riaghailtean sònraichte a dh'fheumas a bhith air an glèidheadh airson gum bi a' Cholaiste na h-àrainn sàbhailte. Is e làn amas an t-Sabhail Mhòir a dhleastanasan a choileanadh, mar a tha iad sgrìobhte ann an Fasdadh nan Oileanach agus, mar oileanach tha dleastanas agad a thaobh frithealachd agus obair cùrsa.
Tha Sabhal Mòr Ostaig na bhall ann an Institiùd OGE na Mìle Bliadhna agus tha a' Cholaiste a' tàthan chothroman oideachaidh a tha a' freagairt air iarrtasan agus suidheachaidhean fa leth. A bharrachd air cùrsaichean OUVS agus SQA, tha oileanaich comasach air foghlam air astar agus cùrsa inntrigidh Gàidhlig fhaighinn. Bhon t-Sultain 2002, gheibh oileanaich buannachd air goireasan ùra Ionad Chaluim Chille Ìle.
Ge b'e an e foghlam làn no pàirt thìde no rannsachadh for-cheum anns a bheil thu an sàs, suidhichte air an làrach no tro fhoghlam air astar tha mi an dòchas gum bi do chuid oideachaidh taitneach dhut agus gum bi thu soirbheachail leis a' chùrsa a thagh thu.
Iain T. MacLeòid
Ceannard an Fhoghlaim
2003 | 2004 |
2 An t-Sultain Toiseach
Semeaster I 03 An Dàmhair Ceumnachd na Colaiste 15-19 An Dàmhair Seachdain Saor 15-19 An Dùbhlachd Seachdainn Deuchainnean 1 19 An Dùbhlachd
Deireadh Semeaster I |
16 Am Faoilleach Luchd-obrach air ais 26 Am Faoilleach Oileanaich air ais 16 An Gearran - 5 Am Màrt Greis Gnìomhachas 5 An Giblean - 19 An Giblean Saor-làithean na Càisge 17 An Cèitean Deuchainnean 21 An Cèitean Deireadh Seisein |
AN
LEABHARLANN
Tha Leabharlann an t-Sabhail Mhòir suidhichte ann an Arainn Chaluim
Chille, is tha cruinneachadh ioma-mheadhan ann, a tha a' toirt taic do chùrsaichean
na colaiste. Tha goireasan an leabharlann air a dhol a meud gu mòr
bho chionn ghoirid le leudachadh eile air a chriochnachadh ann an seisean
2002/03. Seo na seirbheisean a tha rim faighinn:-
seirbheis-iasaid; seòmar-coimpiutaireachd is leth-bhreacadair; fiosrachadh
mu dhreuchdan, agus trèanadh a-thaobh fiosrachadh a lorg.
Feumaidh gach oileanach foirm-clàraidh a lìonadh gus na seirbheisean-iasaid a chleachdadh, agus gheibh iad na riaghailtean aig an àm. Feumar cumail ri na riaghailtean seo.
Uairean Fosglaidh | |
Diluain gu Dihaoine Dimairt & Diciadain Diardaoin & Dihaoine |
0900-1700 1730-1930 1730-2030 |
Uaireannan, bidh e fosgailte eadar 0900 is 1700 a-mhàin, a-rèir luchd-obrach.
Air sgath 's gu bheil an leabharlann mar phàirt de sheirbheis-leabharlainn
OGE, bidh na prìomh-sheirbhisean anns na leabharlannan ri fhaotainn
le luchd-obrach agus oileanaich air gach làrach.
AN SEÒMAR BIDHE
Tha an Seòmar-Bidhe fosgailte aig na h-amannan a-leanas:-
Diluain-Dihaoine | |
Bracaist Ti/Cofaidh Biadh Meadhan-là Ti/Cofaidh Biadh Feasgair |
0830-0915 1000-1200 1230-1330 1500-1630 1700-1745 |
Disathairne & Là na Sàbaid | |
Biadh-Maidne Biadh Feasgair |
1000-1200 1700-1745 |
Ma tha iarrtasan sònraichte aig oileanaich air sgàth adhbharan mediceach bu chòir dhaibh seo innse do Mhanaidsear nan Goireasan.
Faodaidh oileanaich a thighinn a bhruidhinn ri Luchd-teagaisg no Oide Pearsanta mu dheidhinn ceist no trioblaid sam bith le gnothaichean acadaimeagach.
Bidh gach oileanach a' faighinn Oide Pearsanta a bhios ga choinneachadh suas ri 4 tursan sa bhliadhna airson bruidhinn air adhartas acadaimigeach agus gnothaichean eile a tha an t-oileanach ag iarraidh a thogail.
Ma tha ceistean no trioblaidean aig oileanaich no ma tha taic a dhìth
orra a thaobh gnothaichean mar a-leanas faodaidh iad a thighinn a bhruidhinn
ann an dìomhaireachd ri Sheila Hamilton, Comhairliche nan Oileanach.
· Gnothaichean Ionmhais
· Slàinte is Sochair
· Trioblaidean Pearsanta
· Taigheadas
· Saorsa bho Chìsean Chomhairle
Tha oifis Sheila shuas an staidhre ann an Arainn Chaluim Chille ri taobh oifis Cheannard an Fhoghlaim.
Buidhnean Oileanach
Tha Comann nan Oileanach air a dhèanamh an aìrde de riochdairean gach Clas. Bidh oileanaich cuideachd air an riochdachadh air Comataidhean na Colaiste. Tha Comann nan Oileanach mar bhall de NUS.
Tha e àbhaisteach do oileanaich a bhith a' cur air bhonn Buidhnean Spòrs is Buidhnean Sòisealta agus tha a h-uile cothrom aca Dannsa no Cèilidh a chur air dòigh
Tha Buidhnean Oileanach air mòran airgid a thogail do Bhuidhnean Charthannais thairis air na bliadhnaichean mu dheireadh.
Frithealachd
Feumaidh oileanaich a bhith an làthair gu cunbhalach agus gu pungail airson an cuid chlasaichean. Thèid rabhadh a thoirt do dh' oileanach sam bith aig a bheil droch fhrithealachd.
Deagh Ghiùlain
Tha deagh ghiùlain air a shùileachadh bho oileanaich. Feumar cumail ri riaghailtean na Colaiste agus thèid oileanaich sam bith a tha a' dol an aghaidh seo a pheanasachadh.
Burraidheachd
Ma tha burraidheachd ag adhbharachadh dragh no trioblaid do oileanach sam
bith bu chòir bruidhinn ri Comhairliche nan Oileanach.
Thèid oileanaich sam bith a tha sàs ann am burraidheachd an
aghaidh oileanaich eile a pheanasachadh.
Smocadh
Chan eil smocadh ceadaichte air taobh a-staigh na Colaiste.
Gnothaichean na Colaiste
Dh'fhaodadh gum biodh aig oileanaich ri pàigheadh airson càil sam bith leis a' Cholaiste a tha iad air chall no air milleadh.
Cuairtean agus Turais
Feumaidh oileanaich leantainn stiùireadh bho luchd-stiùiridh turais a thaobh Slàinte is Sàbhailteachd.
Gheibhear fiosrachadh air Poileasaidhean na Colaiste bho Chomhairliche nan Oileanach agus cuideachd tha iad air am foillseachadh ann an leabhar-làimhe chùrsaichean.
Poileasaidh Gearain
Tha cothrom agad trioblaid a tha thu a' faireachdainn a dh'fheumas fuasgladh,
a leantainn tron phoileasaidh ghearain.
Ma tha trioblaid agad aig a' Cholaiste bu chòir dhut a h-uile oidhirp
a dhèanamh airson sin a rèiteach tro chòmhradh neo-fhoirmeil
leis an neach eile anns a' chùis, as bith an e oileanach eile no neach-teagaisg
a th'ann. Far nach eil seo comasach bu chòir dhut bruidhinn ri Comhairliche
nan Oileanach. Ma tha a' chùis fhathast gun a rèiteach bu chòir
dhut bruidhinn ri Stiùiriche a' Chùrsa/Prògram. Is urrainn
do mhòran thrioblaidean a bhith air an cur ceart mar seo.
Ma tha thu fhathast mì-riaraichte an-dèidh seo faodaidh tu sgrìobhadh gu foirmeil gu Stiùiriche a' Chùrsa/Prògram a dh'fheumas freagairt ann an sgrìobhadh.
Ma tha thu mì-riaraichte le seo, faodaidh tu ath-agairt a dhèanamh gu Ceannard an Fhoghlaim tro labhairt no ann an sgrìobhadh agus faodaidh esan a' chùis a thogail aig Coinneamh Bhòrd Urrasairean na Colaiste far am bi feum air a sin. Is e Bòrd nan Urrasairean an cothrom mu dheireadh airson ath-agairt a dhèanamh.
Tha deagh ghiùlan air a shùileachadh bho oileanaich agus thathar
an dùil gun tèid cumail ri riaghailtean na Colaiste.
Dh'fhaodadh oileanaich a bhith air am peanasachadh ma tha iad a' dol an aghaidh
riaghailtean na Colaiste.
Thèid na rudan a-leanas am meas mar bhriseadh de riaghailtean a thaobh
Giùlain.
· Gnìomh sam bith a bheir droch bhuaidh air Slàinte
is Sàbhailteachd.
· A' cur dragh air oileanach no neach-obrach.
· A' dol an aghaidh riaghailtean na colaiste.
Droch Ghiùlan
Tha na rudan a leanas a' cunntadh mar dhroch-ghiùlain a dh'adhbhraicheadh
gum biodh oileanach a' faighinn rabhadh bho Stiùiriche Cùrsa
no Ceannard an Fhoghlaim.
· A bhith fadalach airson Chlasaichean gu tric.
· A bhith dheth airson ùine gun innse.
· Briseadh riaghailtean na Colaiste.
· A bhith an còmhnaidh mi-mhodhail ri oileanaich eile agus luchd-obrach.
Fìor Dhroch Ghiùlain
Ann an suidheachadh den t-seòrsa seo faodaidh oileanach a bhith air
a chur a-mach as a' Cholaiste airson ùine stèidhte no uile gu
lèir. Dh'fhaodadh seo tachairt airson aon de na h-adhbharan a leanas
no adhbhar eile.
· A' briseadh riaghailtean sàbhailteachd no riaghailtean eile
a dh' aona ghnothaich.
· A' diùltadh gabhail ri ordain bho Neach-Obrach a tha laghail
agus iomchaidh.
· A' gabhail deoch làidir no drugaichean sa Cholaiste.
· A' frithealadh na Colaiste bho bhuaidh na dibhe no drugaichean. Burraidheachd
no toirt Ionnsaigh air oileanach eile no neach-obrach. sa Cholaiste.
A' goid no a' milleadh a dh'aona ghnothaich rud a bhuineas do neach-obrach
no oileanach no dhan Cholaiste
· Le bhith a' gabhail àite sa Cholaiste tha thu ag aontachadh
a bhith a' frithealadh chlasaichean. Tha frithealachd riatanach airson adhartas
acadaimeagach agus cuideachd airson adhartas a thaobh a' chànain.
· Thèid frithealachd a chlàradh anns na clasaichean agus
thèid rabhadh a thoirt do dh' oileanach sam bith aig a bheil droch
fhrithealachd. Feumaidh oileanaich a dhol gu co-dhiù 75% de chlasaichean.
· Mur a bi e comasach dhut a bhith an làthair airson adhbhar sam bith feumaidh tu fios fhàgail aig a' Cholaiste ro 10 m ag innse carson a tha thu dheth agus cuin a tha dùil agad tilleadh.
· Ma tha thu dheth airson còrr air 5 latha an dèidh a chèile feumaidh tu teisteanas dotair a chur a-steach.
· Ma tha oileanach gu bhith às làthair airson adhbhar
sam bith aig àm measaidh feumar innse do neach-teagaisg ro-làimh.
Ma tha oileanach tinn aig àm measaidh no deuchainn, feumaidh loidhne
dotair a thoirt do Cheannard an Fhoghlaim no Stiùiriche a' Chùrsa.
· Tha a' Cholaiste a' glèidheadh na còrach oileanach
a chur bho chùrsa no sgoilearachd a thoirt bhuapa air sgàth
droch fhrithealachd.
Gàidhlig
Tha Poileasaidh Gàidhlig aig a' Cholaiste a bhios air a thoirt seachad do gach oileanach is air a mhìneachadh dhaibh.
Tha na cùrsaichean làn-thìde air fad air an teagasg
tro mheadhan na Gàidhlig agus thathar an-dùil gum bi oileanaich
a' bruidhinn Gàidhlig fad an t-siubhail, gu sònraichte air àrainn
na Colaiste.
Gheibh iad gach cuideachadh is brosnachadh bho luchd-obrach is oileanaich
eile far a bheil seo a dhìth.
Tha e mar dhleastanas laghail air a' Cholaiste àite sàbhailte
a thoirt do dh' oileanaich.
Tha e cuideachd mar dhleastanas ort fhèin a bhith mothachail air do
shàbhailteachd fhèin agus sàbhailteachd dhaoin' eile.
Tha seo a' ciallachadh:-
· A bhith eòlach air Riaghailtean Slàinte is Sàbhailteachd.
· Cumail ri na riaghailtean sàbhailteachd air feadh na Colaiste.
· Gun gnothaich mi-cheart a ghabhail ri uidheam smàlaidh, fiosrachadh
a thaobh teine no càil sam bith eile a th'ann airson Slàinte
is Sàbhailteachd.
· Innse mu dheidhinn càil sam bith a dh'fhaodadh tubaist adhbharachadh.
Ciad Cobhair
Gheibhear bocsaichean Ciad Cobhair ann an àiteachan sònraichte
air feadh na Colaiste.
Tha na stuthan a th' annta a-rèir iarrtasan an HSE.
Tha trèanadh Ciad Cobhair aig an luchd-obrach a-leanas:-
Fòn
|
||
Dòmhnall Iain Caimbeul Sheila Hamilton Carlotta Greumach Charles Culbertson Catriona NicIain Mairead Fowler Sìm Innes Jenny Barton |
ACC ACC ACC ACC AO AO AO ACC |
88256 88303 88251 88346 88336 88213 88240 88258 |
Ann an suidheachadh tubaist no far a bheil thu a' faireachdainn tinn innis
do neach-teagaisg no do Chomhairliche nan Oileanach no do Neach-Fàilte
anns a' bhad.
Ma tha thu a' fulang bho thinneas sònraichte innis do Chomhairliche
nan Oileanach.
Ann an suidheachadh tubaist no cùis èiginn
1. Innis don neach-obrach as fhaisge.
2. Far nach eil neach-obrach cuir fios airson neach ciad-cobhair. Fuirich
còmhla ris an neach a th'air a leòn.
3. Na feuch ri cuideigin a tha air a leòn a ghluasad ach airson adhbharan
sabhailte.
Feumaidh oileanaich a bhith mothachail gu bheil uallach orra airson an sàbhailteachd
fhèin agus sàbhailteachd dhaoin' eile.
Feumaidh iad a bhith eòlach air riaghailtean teine na Colaiste.
Tha e air leth cudthromach gun tèid cumail ris na riaghailtean seo fad na tìde agus gu bheil a h-uile cùram air a ghabhail gus nach tachair teine.
Air sgàth's gu bheil teine na chunnart mòr anns na h-àiteachean-fuirich
feumar leantainn nan riaghailtean a thaobh teine fad na tìde.
Bidh neach sam bith nach eil gan leantainn air a pheanasachadh.
Tron chiad cheala-deug den teirm, thèid trèanadh a thoirt a thaobh dòighean air faighinn a-mach ann an suidheachadh teine Feumaidh oileanaich an aire a thoirt don trèanadh seo agus cuimhneachadh gu faod teine adhbharachadh call beatha.
Stiùiriche | Tormod N. MacGilliosa |
Ceannard an Fhoghlaim | Iain T. MacLeòid |
Neach-teagaisg ann am Foghlam na Gaidhealtachd | |
Luchd-teagaisg | |
|
An t-Oll. Meg Bateman |
Stiùiriche Cùrsa Cumanta | |
Àrd-Oll. Mike Cormack | |
Stiùiriche BA na Meadhanan | |
Màiri Sìne Chaimbeul | |
Stiùiriche - Gàidhlig is Conaltradh | |
Niall Friseal | |
Stiùiriche Cùrsa Telebhisean | |
Iain Greumach | |
Neach-teagaisg ann an Gàidhlig is Conaltradh | |
Eardsaidh MacGilleathain | |
Neach-teagaisg cùrsa Iomall a' Chuain Siar | |
An t-Oll. Gillian Rothach | |
Stiùiriche Cùrsa Gàidhlig is Iomall a' Chuain Siar | |
Gabhain Mac a' Phearsain | |
Neach-teagaisg cùrsa Iomall a' Chuain Siar | |
Iain Mac a' Phearsain | |
Stiùiriche - An Cùrsa Comais | |
Catriona NicIain | |
Neach-teagaisg Cùrsa Telebhisean | |
An t-Oll. Caoimhin O Donnaile | |
Stiùiriche Teicneolas | |
Murchadh MacLeòid | |
Neach-teagaisg ann an Gàidhlig | |
Mark Wringe | |
Stiùiriche Cùrsa Cànan is Cultar na Gàidhlig | |
An t-Oll. Roy Wentworth | |
Neach-teagaisg cùrsa ICS agus CCG | |
Neach-Clàraidh Acadaimigeach Comhairle nan Oileanach | Sheila Hamilton |
Neach-Cleireachd Foghlaim | Nicola NicAoidh |
Ceòladair | |
Sgrìobhaiche | Rob Kerr |
Leabharlannaiche | Cairistiona Cain |
Neach-cuideachaidh Leabharlann | Siùsaidh NicRath |
Ard-Oifigear Taic ICT | Màrtainn Dòmhnallach |
Oifigear Margaideachd | Angela NicIlliosa |
Manaidsear Ghoireasan | Carlotta Ghreumach |
Cunntasair | Màiri NicAoidh |
Fear-Gleidhidh | Dòmhnall Iain Caimbeul |
Prìomh Chòcaire | Iain MacEacharna |
FIOSRACHADH
AGUS SEIRBHEISEAN
Goireasan Coimpiutaireachd
Tha trì seòmraichean coimpiutaireachd aig a' Cholaiste a dh'fhaodas
a bhith air an cleachdadh le oileanaich tron latha agus air an fheasgair.
Tha riaghailtean co-cheangailte ri cleachdadh nan coimpiutairean air an dèanamh
follaiseach an sin fhèin. Feumaidh oileanaich aontachadh ris a' Phoileasaidh
Cleachdaidh.
Bùth na Colaiste
Gheibhear leabhraichean agus stuth eile airson nan cùrsaichean anns
a' bhùth agus gabhaidh stoc sam bith eile a bhios gu math nan oileanach
a cheannach a-staigh.
Grantaichean agus Sgoilearachdan
Gheibhear Sgoilearachdan bho Oifis na Colaiste (Arainn Ostaig) aig toiseach
gach Seisein.Gheibhear seicean SAAS bho Sheila Hamilton ann an rùm
3206.
Dotairean
Bu chòir do dh' oileanaich clàradh le dotair anns a' Choimhearsnachd:-
Slèite Dtr. Venters - 01471-844283
Ionad Slàinte an Ath Leathainn - 01471 822460
Seirbheisean Eaglais An t-Ath-Leathann - 10.30m agus 6.00f An Eaglais Chaitligeach- 6.00f Disathairne An Eaglais Shaor |
Bu choir leabhar-là a bhith agad airson cumail na do chuimhne cuin a tha aistean is pìosan-obrach ri bhith a-staigh agus cuideachd cinn-là airson deuchainnean is measaidhean.
Dèan cinnteach gu bheil thu a' toirt sùil air d'obair gu tric, m.e. gach oidhche. Tro bhith a' suidhe measaidhean chì thu ciamar a tha thu a' faighinn air adhart agus am bu chòir dhut a bhith a' caitheamh barrachd ùine ag obair.
Gabh notaichean a tha soilleir agus furasta an tuigsinn.
Measaidhean
Leugh a' cheist agus fiosrachadh eile a tha thu a' faighinn airson gum bi
thu cinnteach gu bheil thu a' tuigsinn gu dìreach dè tha air
iarraidh.
Dèan cinnteach gu bheil thu air ullachadh ceart a dhèanamh.
Far a bheil ùine shònraichte ann airson a' mheasadh tha e cudthromach gu bheil thu a' freagairt gach pàirt agus nach eil thu a' toirt ro fhada air aon cheist.
Tha leabhraichean anns an leabhar-lann a dh'fhaodadh a bhith cuideachail
Làrach-lìn a dh'fhaodadh a bhith feumail a thaobh sgilean ionnsachaidh
http://bubl.ac.uk/link/s/studyskills.htm
http://www.inf.aber.ac.uk/tpl/ejlib/
STIÙIREADH
A THAOBH SGRÌOBHADH PHRÒISEACTAN
Dh'fhaodadh gum bi agad ri pròiseact a sgrìobhadh air cuspair
a gheibh thu bho do neach-teagaisg. Gheibh thu fiosrachadh a thaobh a' chuspair,
dòighean rannsachaidh agus dè cho fada 's a bu chòir
don phròiseact a bhith.
Bidh agad ri fiosrachadh a chruinneachadh agus fhoillseachadh ann an dòigh
soilleir.
Tha e feumail plana ceart a dhèanamh.
Sgrìobh a-mach a' chiad dreach.
Thoir sùil air do chuid rannsachaidh airson faicinn a bheil rudan ann a tha thu airson a chur ris.
Sgrìobh a-mach a-rithist e a' dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile càil anns an òrdugh as fheàrr, a' cleachdadh tuilleadh fiosrachaidh, eisimpleirean is dealbhan.
Bu chòir dhut a bhriseadh an aìrde ann an earrannan agus paragrafan.
(Faodaidh tiotal a bhith agad air gach earrann).
Dèan seo gus am bi an dreach deireannach agad.
Bu chòir do seo a bhith:-
· Furasta a leughadh agus a thuigsinn
· air a litreachadh agus air a phungachadh ceart.
· A bhith grinn agus rianail
Faodaidh clàr-innse agus liosta de thùsan a bhith agad.
Cuimhnich air duilleag-còmhdaich.
Dh'fhaodadh gum bi agad ri thaipeadh.
Tha Deagh-ghnè nas fheàrr na meud
STIÙIREADH
A THAOBH AITHISGEAN A SGRÌOBHADH
Na gabh dragh mun fhacal 'aithisg'. Mar is trice tha iad air an sgrìobhadh
airson trioblaid no ceist a fhreagairt. Thèid coimhead ri suidheachadh,
thèid a mhìneachadh agus bidh diofar fhreagairtean air an toirt
seachad.
Bu chòir do aithisgean a bhith soilleir, stèidhte air fìrinn,
cho soilleir 's a ghabhas agus as aonais claonaidh.
Bidh aithisg sgrìobhte san treasamh pearsa m.e. "Chaidh beachdan
iarraidh air deichnear" an àite "Dh'fhaighnich mi do dheichnear
dè bha iad a' smaoineachadh".
Tha a' chuid as motha de aithisgean air an sgrìobhadh air paipear A4 le cinn-sgrìobhaidh mar a leanas:-
A) TIOTAL - a' sealltainn co mu dheidhinn a tha an aithisg.
B) ADHBHAR - pìos goirid ag innse carson a tha an aithisg air a sgrìobhadh.
C) RANNSACHADH - ag innse mar a chaidh am fiosrachadh a lorg.
D) FIOSRACHADH - am prìomh phàirt a' seall tainn dè a fhuair thu a-mach bho do chuid rannsachaidh air a chur sìos ann an òrdugh shònraichte le cinn-sgrìobhadh airson rian a chur air an earrann seo.
E) CO-DHÙNADH - Bu chòir dhut giorrachadh a dhèanamh den fhiosrachadh agus co-dhùnadh a dhèanamh stèidhte air sin.
F) MOLAIDHEAN - Dh'fhaodadh gum bi agad ri molaidhean a dhèanamh.
G) Bu chòir d'ainm sgrìobhte agus ceann-là a bhith air an aithisg
Sabhal Mòr Ostaig recognises the need for an equal opportunities approach in its role as both an employer and provider of services. The College undertakes to ensure that all concerned will be treated with equal respect in an environment free from prejudice and harassment. The College accepts its obligations to fulfil the statutory requirements which make it unlawful for an employer or employee to discriminate or to treat an individual differently on the grounds of colour, ethnic origin or sex. This acceptance is not based simply on legal requirements and the College extends the principle to ex-offenders, and to such factors as age, religious belief and political opinion.
The Trustees and Senior Management Group have a responsibility to ensure that this policy receives the commitment of all members of staff and students through appropriate and effective communication and training. As an employer the College undertakes to review regularly its recruitment and employment practices to ensure that no group is put at a disadvantage either directly or indirectly. Attention will be paid to all parts of the employment process, from recruitment and selection through to training and career development.
The Equal Opportunities Group will assist in these responsibilities by monitoring all aspects of Equal Opportunities. Staff and students are also required to support this policy. They are required to carry out their duties having regard to equality of opportunity and to regard this as an integral part of College activities. The College will seek to ensure that there will be equality of opportunity for all staff and students in all aspects of College life.
Any breach of this policy will be treated as a serious matter which may warrant disciplinary action.
Farquhar MacIntosh
Chairman of Trustees
Tha fiosrachadh nas mionaidiche air Poileasaidhean agus Seirbhisean UHI agus na Colaiste, riaghailtean measaidh agus fiosrachadh mu chùrsaichean ri fhaotainn ann an Leabhar-làimhe a' Chùrsa agad. Gheibhear leth-bhreac ann an leabharlann na Colaiste.
|
|