SABHAL MÒR OSTAIG A' BUANNACHADH DUAIS MHÒR NÀISEANTA

Bha Sabhal Mòr Ostaig am measg fichead sàr cholaiste is oilthigh air feadh na Rìoghachd air an deach Duais Cuimhneachan-Bliadhnail na Bànrigh, an t-Urram Nàiseanta as iomraitiche dhe sheòrsa ann an saoghal Foghlam Àrd-Ìre is Leantainneach.

Tha Duais Cuimhneachan-Bliadhnail na Bànrigh fosgailte do gach oilthigh agus colaiste san Rìoghachd. Thèid gach ionad a sgrùdadh gu cruaidh, le gach tagraiche a' dol tro iomadh mheasadh neo-eisimeileach nàiseanta is eadar-nàiseanta a tha air a dhèanamh le Comhairle na Duaise, Leughadairean neo-eisimeileach, ionadan-foghlaim eile agus oifigich is comataidhean Urras na Duaise.

Nuair a bhios iad a' feuchainn ri co-dhùnadh a ruigsinn, bidh na h-Urrasairean agus Comhairle na Duaise a' coimhead airson tionnsgalachd agus smuaintean no dòighean ùra, agus cuideachd sàr-ìre obrach.

Chaidh muinntir an t-Sabhail, luchd-obrach is oileanaich, sìos a Lunnainn sa Ghearran gus an duais a thogail ann an Lùchairt Bhuckingham. Thug am Bànrigh am bonn oir seachad do Stiùiriche na Colaiste, Tormod MacGilliosa agus fhuair Ceannard an Fhoghlaim, Iain T. MacLeòid, an teisteanas bho Dhùic Dhùn Eideann. Fhuair muinntir an t-Sabhail cothrom bruidhinn ris a' Bhànrigh agus ris an Dùic an dèidh na cùirteasachd agus bha ùine ann bruidhinn ri oileanaich is luchd-obrach na Colaiste is Oilthighean eile.

As dèidh an duais fhaighinn thuirt Tormod MacGilliosa;

"Tha mi air leth toilichte air sgàth nan daoine a bha ag obair as leth na Colaiste rè nam bliadhnaichean, gun deach a leithid de dh'urram iomraiteach a bhuileachadh oirnn. Cha b' ann gun strì a thàinig Sabhal Mòr Ostaig gu bith is tha an duais seo na theisteanas air misneachd nan daoine a stèidhich a' Cholaiste, am Bòrd, an luchd-stiùiridh is luchd-teagaisg, ar n-oileanaich agus luchd-dàimh is caraidean a chur an taic gu dàna ris an iomairt thar nam bliadhnaichean. As leth na coimhearsnachd air fad a tha sinn a' frithealadh, tha e na adhbhar moit dhomh an t-urram mòr seo a ghabhail do Sabhal Mòr Ostaig, is tha làn-fhios agam gum brosnaich e sinn gus tuilleadh spàirn a dhèanamh airson sàr-chothroman foghlaim a lìbhrigeadh don choimhearsnachd Ghàidhlig an Alba agus thall thairis."

Tha Sabhal Mòr Ostaig na phàirtiche foghlaim ann an Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna, agus tha an Institiùd a' tuigsinn cho àraidh sa tha an duais a fhuair a' Cholaiste. Thuirt an t-Àrd-Ollamh Rob MacCarmaig, Ceannard OGE;

"Tha OGE anabarrach fhèin toilichte gun do choisinn fear de na pàirtichean againn duais cho cudthromach. Tha Sabhal Mòr Ostaig air a bhith a' treòrachadh chàich ann a bhith a' mosgladh na Gàidhlig agus cultar nan Gàidheal, agus 's e tha aig cridhe obair OGE san sgìre. Chan urrainn do dhuine tide a chur seachad san t-Sabhal Mhòr gun a bhith fo bhuaidh dhrùiteach àrainn na Colaiste agus togarrachd gach neach a tha innte. Tha e ceart is coltach gu bheilear ag aithneachadh euchdan Sabhal Mòr Ostaig le Duais na Ban-rìgh."

'S fhada bho dh'aithnichear buaidh shòisealta agus eaconomaigeach obair na Colaiste ann a bhith a' brosnachadh ath-nuadhachadh sòisealta agus cultarail na Gaidhealtachd is nan Eilean. Thuirt Seumas Mac an t-Sealgair, Fear-Cathrach Iomairt na Gaidhealtachd is nan Eilean;

"Tha buaidh mhòr iongantach air a bhith aig Sabhal Mòr Ostaig air ath-nuadhachadh sòisealta is eaconomaigeach san fharsaingeachd air Ghaidhealtachd is anns na h-Eileanan, a' dùsgadh misneachd ùr le bhith a' leasachadh a' chànain agus an cultar. Sgeulachd air leth a tha fìor airidh air an urram seo."

Chuir Ailean Caimbeul, a tha na Cheannard ùr air Bòrd na Gàidhlig agus a b' àbhaist a bhith na Urrasair air a' Cholaiste, fàilte air an naidheachd;

" 'S e ceum mòr agus urram da rìribh a tha seo dhan t-Sabhal Mhòr agus a chuid obrach, agus 's e teisteanas sònraichte a tha ann dhaibhsan a rinn a leithid de shaothair airson an ionaid-foghlaim air leth seo a stèidheachadh."

Tha an obair a tha Sabhal Mòr Ostaig a' dèanamh gu nàiseanta airson a' chànain agus an cultar a leasachadh. Thuirt Mìcheal MacBhatair BPA, Ministear an Riaghaltais Albannaich a tha an urra ris a' Ghàidhlig;

"Tha mi a' dèanamh mòr-ghàirdeachas ris an naidheachd gun d'fhuair Sabhal Mòr Ostaig an duais seo, oir tha an Riaghaltas ag aithneachadh an obair chudthromach a tha Sabhal Mòr air a dhèanamh mar Ionad Nàiseanta airson a' chànain agus an cultar a leasachadh, agus mar a tha a' Cholaiste a' dèanamh saothair mhòr ann an làimh ris an Riaghaltas cothrom a thoirt do na h-uile. Bhon àrainn mhìorbhaileach san Eilean Sgitheanach, tha a' Cholaiste air a bhith a' feuchainn ri Cothrom na Fèinne a thoirt do gach neach, san dùthaich seo agus air feadh an t-saoghail. Anns na mìosan bho dheireadh chunnaic sinn barrachd de thoradh na saothrach a rinneadh gus an cànan a neartachadh air feadh na dùthcha nuair a dh'fhosgladh ionad dualchais, foghlaim is cànain an Ìle. Tha e na thoileachadh dhomhsa mar Mhinistear a tha urra ris a' Ghàidhlig, cothrom fhaighinn innse mun spèis a tha agam dhan Cholaiste thionnsgalach seo."

Thug Iain MacIlleGhlais, am Ministear airson Iomairt, Còmhdhail agus Foghlam Fad-Bheatha, iomradh air an naidheachd;

" 'S e fìor dheagh naidheachd a tha seo do Roinn Foghlam Àrd-Ìre na h-Alba air fad, agus do na h-ionadan-foghlaim beaga gu h-àraidh. Gun teagamh, tha e cudthromach do dh'Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna is e a' sealltainn cho àrd 's a tha ìre an fhoghlaim ann an lìonra pàirtichean OGE mar tha."

Thuirt Brian MacUilleim, Ministear Cumhachd Bhreatainn, a bha na Ministear airson foghlam an Alba, agus a tha a' cur a làn-thaic ri obair an t-Sabhail Mhòir;

"Tha e na adhbhar sòlais dhomh gun deach urram dhe leithid a bhuileachadh air Sabhal Mòr Ostaig. Cho fada sa bha eòlas agam air a' Cholaiste, tha i air sàr-obair a dhèanamh anns gach nì. A dh'aindheoin dùbhlain, chruthaicheadh àrainn colaiste cho tarraingeach 's a tha san dùthaich is thathar a sìor leudachadh roghainn nan cuspair, a bharrachd air a bhith an sàs gu mòr ann an obair eile a thaobh na Gàidhlig."