MOLADH MÒR BHO HMIE AIRSON SABHAL MÒR OSTAIG

Chaidh aithisg le Luchd-sgrùdaidh na Bànrighe airson Foghlaim (HMIE) fhoillseachadh air an t-seachdain-sa anns a bheil Sabhal Mòr Ostaig air a mheas aig an ìre as àirde ann an seachd de na deich raointean a chaidh a sgrùdadh. Mhol an sgrùdadh gun robh grunn raointean far an robh a’ Cholaiste “a’ dèanamh gu math agus a’ leasachadh càileachd a seirbheisean do luchd-ionnsachaidh...”.

Bha Luchd-sgrùdaidh a’ coimhead gu sònraichte air cùrsaichean FE agus bha iad a’ meas luchd-obrach, oileanaich, dòighean ionnsachaidh agus teagaisg agus ceannardas na colaiste. Chaidh Sabhal Mòr a mheas “Fìor Mhath”, an ìre as àirde, ann an seachd diofair raointean agus “Math” ann an trì raointean eile. Choimhead HMIE san sgrùdadh aca air na raointean a leanas: Ceannardas Foghlaim, stiùireadh agus riaghladh; Cruth a’ phrògraim; Modhan ionnsachaidh agus teagaisg; Luchd-obrach; Measadh; Adhartas agus builean luchd-ionnsachaidh; Treòrachadh agus taic do luchd-ionnsachaidh; Togalaichean airson ionnsachadh agus teagasg; Uidheam agus stuthan; Barantachadh agus leasachadh càileachd.

Thuirt HMIE san aithisg aca: “’S e àrainneachd chàirdeil agus thaiceil a th’ anns a’ cholaiste airson luchd-ionnsachaidh agus tha iad air am misneachadh a dhol air adhart gu tuilleadh ionnsachaidh... Bha dàimh mhath eadar luchd-teagaisg agus luchd-ionnsachaidh air feadh na colaiste agus mar thoradh air an seo bha àrainneachd ionnsachaidh èifeachdach ann. Bha na leasanan aig gach neach-teagaisg air an deagh dhealbh agus bha an luchd-teagaisg mothachail air feumalachdan an luchd-ionnsachaidh... Rinn cha mhòr a h-uile neach-ionnsachaidh adhartas math agus am measadh seo a’ gabhail a-staigh an t-eòlas a bha aca roimhe. Bha iad air ìrean-comais àrda a ruigsinn ann an Gàidhlig agus bha barrachd misneachd aca a thaobh a bhith bruidhinn a’ chànain.”

Thuirt Stiùiriche na Colaiste, an t-Àrd-ollamh Tormod MacGillÌosa, “Tha sinn air leth toilichte leis a’ mheasadh dhòchasach a thug Luchd-Sgrùdaidh na Bànrighe air a’ cholaiste mar àrainneachd ionnsachaidh. Tha an aithisg a’ dearbhadh saothair mhòr an luchd-obrach aig a’ cholaiste agus tha i mar fhianais air obair dhìcheallach nan oileanach.  Mar Cholaiste Ghàidhlig na h-Alba tha sinn a’ cumail oirnn le bhith feuchainn ri cothroman ionnsachaidh sa chànan adhartachadh is a leudachadh, an dà chuid sa cholaiste agus aig astar. Tha an aithisg seo gur misneachadh gus barrachd piseach a thoirt air cor na Gàidhlig tro fhoghlam, agus bidh sinn a’ feuchainn ri barrachd is barrachd a dhèanamh gus cùisean adhartachadh. Le fosgladh an ionaid ùir airson nan gnìomhachasan cruthachail, Fàs, agus roghainn de chùrsaichean fo- agus for-cheum a tha a’ sìor leudachadh, tha tuilleadh dhùbhlain romhainn, ach tha sinn dòchasach gun soirbhich leinn.”

 

Chuir Iain Tormod MacLeòid, Ceannard an Fhoghlaim, fàilte air co-dhùnaidhean HMIE, “Tha an Aithisg-Sgrùdaidh a’ togail air an deagh aithisg a fhuair sinn roimhe seo ann an 2004. Airson a’ chiad uair, bha cùrsaichean goirid mar phàirt den sgrùdadh agus chuir iad, an co-bhonn ris na cùrsaichean cànain air astar, gu mòr ris an toradh de 7 “fìor mhath” a chaidh a chosnadh gu h-iomlan.  Tha sgrùdaidhean le Luchd-Sgrùdaidh na Ban-righ air am bonntachadh air ìrean agus tomhaisean nàiseanta agus, tha na toraidhean airson cùisean acadaimigeach agus riaghladh na Colaiste, mar dhuais chothromach air na h-oidhirpean aig luchd-obrach agus oileanaich gu lèir ann a bhith a’ cumail suas agus a’ leasachadh ìrean deagh-ghnè.  Mar phàirt de seo,  tha an aithne a thaobh sàr-obair  a chaidh a’ chomharrachadh anns an Aithisg air leth sòlasach dhuinn.”

Thug an aithisg iomradh air ceannardas na colaiste agus cho buadhmhor is èifeachdach sa bha e, agus dh’ainmich i An Cùrsa Inntrigidh aig a’ cholaiste mar eisimpleir de chùrsa for-ghnìomhach a bha air thoiseach air càch san raon aca. “Anns gach leasan bha taghadh de ghnìomhan-ionnsachaidh: cleachdadh labhairt fighte a-staigh, sgrùdadh agus tuigse air sgrìobhadh agus cleachdadh sgilean labhairt ùra le còmhraidhean sìmplidh… Bha luchd-ionnsachaidh a rinn An Cùrsa Inntrigidh ga mholadh gu mòr. Bha a’ chuid as motha de luchd-ionnsachaidh dhen bheachd gun do chuidich na clasaichean-fòn iad le bhith fàs misneachdail ann a bhith bruidhinn Gàidhlig aig ìre thràth. Chaidh àireamh mhòr dhiubh air adhart gu cùrsaichean nas adhartaiche no bha cothroman obrach na b’ fheàrr aca ri linn nan sgilean cànain aca.”

Thug an aithisg iomradh sònraichte air Seachdain nan Teaghlaichean aig a’ cholaiste, a thèid a chumail as t-samhradh, mar thachartas for-ghnìomhach. Thadhail luchd-sgrùdaidh na Bànrighe air a’ cholaiste sa Ghiblean agus san Ògmhios am bliadhna-sa gus an sgrùdadh aca a dhèanamh. Chaidh an sgrùdadh mu dheireadh a dhèanamh ann an 2004.