Ionad Nàiseanta na h-Imrich air fosgladh aig Sabhal Mòr Ostaig
Chaidh Ionad Nàiseanta na h-Imrich fhosgladh gu h-oifigeil aig Sabhal Mòr Ostaig
an-diugh (Dihaoine 27.06.03) le Brian MacUilleim, BP. Tha Ionad Nàiseanta na
h-Imrich na cho-phròiseact eadar Sabhal Mòr Ostaig agus Oilthigh Obar Dheathain
agus bidh eòlaichean an dà institiùd ag obrachadh còmhla ri chèile na lùib.
Tha e mar amas aig an Ionad rannsachadh acadaimigeach eadar-chuspaireil a bhrosnachadh
ann an eòlas-imrich agus fòram a chur air dòigh airson deasbad air gnothaichean
co-cheangailte ri eòlas-imrich. Thathar an dùil gum bi an rannsachadh a' coimhead
gu sònraichte air ceistean poileasaidh a thogas ceann an cois imrich san latha
an-diugh, a' ceangal imrich ri atharrachaidhean deamografaigeach, cothrom air
taigheadas is goireasan sòisealta agus gnothaichean co-cheangailte riutha a
thaobh dì-chothromachd shòisealta.

'S e an t-Àrd Ollamh Bryan MacGregor agus an t-Ollamh Aileen Stockdale à Oilthigh
Obar Dheathain agus an t-Ollamh Gillian Rothach à Sabhal Mòr Ostaig, a tha a'
stiùireadh na pròiseict. Thuirt an t-Àrd Ollamh MacGregor an-diugh:
"Tha sinn fìor thoilichte a bhith ag obair còmhla ri Sabhal Mòr Ostaig air a'
phròiseict shònraichte seo. Tha stòras rannsachaidh ri fhaotainn a tha a' dèanamh
sgrùdadh air buaidh imrich san latha an-diugh air leasachadh eaconomaigeach
agus air taigheadas. 'S e glè bheag a tha ri fhaotainn air buaidh imrich air
cultar agus air cànan agus tha sinn an dòchas an cuspair seo a bhrosnachadh
agus taic a thoirt do bhuidhnean a tha an sàs ann a bhith a' leasachadh phoileasaidhean,
gu h-àraidh Bòrd na Gàidhlig."
Tha an t-Ionad a' tabhann dà chùrsa for-cheuma a tha air am maoineachadh le
Iomairt na Gaidhealtachd 's nan Eilean agus gheibhear sùil air na pròiseactan
rannsachaidh a tha a' dol an-dràsta aig
www.ini.smo.uhi.ac.uk
Thathar an dùil ceanglaichean a thogail le taghadh eadar-nàiseanta de sgoilearan
aig a bheil ùidh ann an eòlas-imrich eadar an làrach-lìn, seiminearan, òraidean,
na meadhanan craolaidh eileactronaigeach.
Thuirt Stiùiriche Sabhal Mòr Ostaig, an t-Àrd Ollamh Tormod MacGilliosa OBE:
"Tha mi air leth toilichte gu bheil Ionad Nàiseanta na h-Imrich a-nis air bhog.
Tha e na shamhla air dè a dh'fhaodas èirigh a-mach à beach-smuain chruthachail
an uair a thèid co-obrachadh a chur an cèill. 'S ann aig Brian MacUilleim BP
a bha a' bheachd-smuain agus bu mhiann leam taing a thoirt do dh'Oilthigh Obar
Dheathain airson an deòn a sheall iad ann a bhith a' co-obrachadh còmhla rinn
gus an ionad seo a thoirt gu buil. Bidh sinn a' coimhead air adhart ri leasachaidhean
mòra anns na bliadhnaichean a tha romhainn. Tha taing ri thoirt cuideachd do
dh'Iomairt na Gaidhealtachd 's nan Eilean airson an taic. Tha sinn fada nan
comain."

Leugh
òraid Brian MacUilleim BP
Airson an tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fòn gu Angela NicIlliosa air 01471
888 215 no post-d gu sm00ani@groupwise.uhi.ac.uk