Stiùiriche Sabhal Mòr Ostaig air ainmeachadh ann an Liosta Urram na Bànrigh

Tha Sabhal Mòr Ostaig toilichte meal-a-naidheachd a chur air an Àrd Ollamh Tormod MacGilliosa 's e air ainmeachadh air Liosta Urram na Bànrigh am-bliadhna agus e a' faighinn OBE airson na h-obrach a tha e air a dhèanamh as leth na Gàidhlig agus Foghlam.

'S ann às an Eilean Sgitheanach a tha an t-Àrd Ollamh MacGilliosa agus thòisich e ag obair don Cholaiste ann an 1983 mar Rùnaire agus ann an 1987 ghabh e an dreuchd mar Stiùiriche na Colaiste. Tha a' Cholaiste air sìor fhàs on uair sin agus i cliùiteach an-diugh mar àite air leth airson ionnsachadh mun chànan agus chultar nan Gaidheal.

Thuirt An t-Ollamh Fearchar Mac an Tòisich, Fear-Cathrach Urrasairean SMO: "Ann a bhith a' cur meal-a-naidheachd air Tormod, bu toigh leam a ràdh cho toilichte 's a tha mi-fhìn agus, tha mi cinnteach, gach neach a tha eòlach air a' chuid obrach gun d' fhuair e an t-urram seo. Tha e làn airidh air agus cuiridh e cuideachd ri aithne agus cliù na Colaiste."

Tha an t-Àrd Ollamh MacGilliosa na bhall air comataidhean nàiseanta is eadar-nàiseanta Iomairt Cholm Cille, iomairt a bhios a' brosnachadh is a' cur air adhart na Gàidhlig le bhith a' neartachadh cheangalaichean eadar Alba is Èirinn.

Tha e gu mòr an sàs ann an leasachaidhean Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna (OGE) agus tha e na bhall air Fòram, Bun-Stèidh agus Buidheann Stiùiridh OGE. Tha e cuideachd na Fhear-Cathrach air a' Chomataidh Deagh-ghnè Acadaimigeach.

Bha Tormod na stiùiriche air Bòrd Iomairt an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse nuair a thòisich e agus an-diugh tha e air a' bhòrd aig Cànan, Urras Trèinidh Telebhisein Gàidhlig, Ionad Chaluim Chille Ìle, Lèirsinn agus BARAIL. Tha e cuideachd na bhall de dh'Institiùd nam Mhanaisdeach agus de Chomann Rìoghail nan Ealan.

Tha comharra leasachaidhean an t-Sabhail ri fhaicinn ann am pròiseactan cudthromach leithid Àrainn Chaluim Chille, pròiseact mòr Ùghdarras nam Mìle Bliadhna a fhuair duais ailtearachd "Regeneration of Scotland" bho Chomann Rìoghail nan Ailtearan. O chionn ghoirid tha a' Cholaiste air Ionad Chaluim Chille Ìle a stiùireadh agus a thoirt gu buil. An-dràsta tha i cuideachd ag adhartachadh tron ath-cheum, Fàs, Ionad ùr don ghnìomhachas chultarach is chruthachail.

Chaidh obair na Colaiste aithneachadh o chionn ghoirid le Duais Cuimhneachan-Bliadhnail na Bànrigh, an t-Urram Nàiseanta as iomraitiche dhe sheòrsa ann an saoghal Foghlam Àrd Ìre is Leantainneach.