ADHARTAS AN T-SABHAIL NA ADHBHAR MOIRT DO CHATHRAICHE NAN URRASAIREAN

Fhuair ALASDAIR H CAIMBEUL cothrom bruidhinn ri Fearchar Mac an Tòisich Dihaoine sa chaidh, air an latha mu dheireadh aige mar Chathraiche Bòrd nan Urrasairean aig Sabhal Mòr Ostaig…

Chan ann a h-uile latha a bhios Mòd aig Mac an Tòisich mar a thuirt Fearchar fhèin oidhche Haoine sa chaidh aig dìnnear far an robh grunn math de dh’uachdarain saoghal na Gàidhlig cruinn còmhla gus urram a thoirt agus spèis a shealltainn do Sgitheanach a tha air sàr obair a dhèanamh a thaobh oideachaidh agus na Gàidhlig, fad iomadh bliadhna mar thidsear, cheannard-sgoile agus ball de dh’iomadh bòrd agus buidheann comhairleachaidh.

Bha e na chomharra air a’ bhuaidh a tha air a bhith aig an duine èasgaidh seo à Ealaghol, a rugadh sa bhaile ann an 1923, mar a bha dithis seann Mhinistearan na Gàidhlig an làthair am measg gach mith is maith eile. B’ e Dihaoine an latha mu dheireadh aig Fearchar Mac an Tòisich mar Chathraiche Bòrd nan Urrasairean aig Sabhal Mòr Ostaig, dreuchd a thòisich e ann an 1991, agus roimhe sin bha e na bhall de Chomataidh Oideachaidh an t-Sabhail Mhòir bho 1985. Ach bha ceangal aig Fearchar ris an t-Sabhal Mhòr fada roimhe sin agus e air Comataidh Comhairleachaidh Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd is nan Eilean tràth sna 70an.

Tha e fhèin a’ mìneachadh: “Dà bhliadhna no trì bliadhna air ais a-nis, nuair a thadhail Roger Hutchinson orm agus e a’ sgrìobhadh leabhar mun t-Sabhal, thòisich mi air rùrach am measg nam pàipearan agam fhèin gus faighinn a-mach ciamar a thòisich an Sabhal, agus fhuair mi a dhà no thrì litrichean am measg mo phàipearan bho Iain Noble agus freagairtean bhuam fhèin gu Iain, agus tha cuimhne agam ag ràdh ris ann an aonan dhe na freagairtean gu robh mi a’ faicinn na colaiste a bh’ aige anns an amharc, chan ann mar àite a bha a’ seasamh leatha fhèin, ach rud a bha mise a’ faicinn a bhiodh na pàirt cudromach de dh’ Oilthigh ùr na Gàidhealtachd.

“Agus bha mi fhèin aig an aon àm air litir a chur, bha mi an uairsin air a’ bhuidheann a bha a’ toirt comhairle do Bhòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd is nan Eilean, an HIDB mar a chanadh iad an uairsin, agus sgrìobh mi litir anns a’ bhliadhna naoi deug trì fichead sa trì deug ag ràdh nach robh mi duilich gun d’ fhuair Sruighlea an Oilthigh nuair a fhuair iad i an àite Inbhir Nis. Thuirt mi nach robh mise a’ faicinn Oilthigh ann an Inbhir Nis a bhiodh freagarrach airson na Gàidhealtachd is nan eilean: gur e an seòrsa Oilthigh a bha mi a’ faicinn fear a bhiodh air a stèidheachadh air na colaistean adhartach a bha an uairsin an siud agus an seo air feadh na Gàidhealtachd.  Ach chan obraicheadh an rud a bha sin an uairsin, thaobh cha robh na h-innealan a th’ aca an-diugh airson a bhith a ceangal àiteachean ri chèile, cha robh iad aca.”

’S e adhbhar toileachais is moit a th’ ann do Fhearchar a bhith coimhead air ais air mar a tha Sabhal Mòr Ostaig air fàs bho bhith stèidhichte ann an seann thogalaichean tuathanais gu bhith na prìomh cholaiste àrd-ìre na Gàidhlig ann an Alba. Ach ged a tha ceangal glè làidir air a bhith aig Fearchar ris a’ cholaiste fad còrr is 20 bliadhna, bidh cuimhne aig tòrr dhaoine air mar thidsear agus ceannard-sgoile. Às dèidh dha ùine a chosg aig muir san Dàrna Cogadh thug e a-mach ceum le urram ann an Oilthigh Dhùn Èideann agus teisteanas teagaisg bho Cholaiste Chnoc Iordain. Thug e seachad ùine a’ teagasg eachdraidh ann an Acadamaidh Ghlaschu agus Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis an toiseach mus deach e na cheannard-sgoile ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh. An nuair sin chaidh Fearchar dhan Òban mar cheannard, agus chuir e crìoch air a dhreuchd teagaisg mar cheannard-sgoile Àrd-sgoil Rìoghail Dhùn Èideann, tè de na sgoiltean às aosta agus as cliùmhor ann am Breatainn, far an robh e 17 bliadhna.

’S iomadh bòrd is buidheann a tha air feum a dhèanamh de dh’eòlas is gliocas Fhearchair, agus b’ e aon de na prìomh dhleastanasan a bh’ aige a bhith na Chathraiche air Bòrd Sgrùdaidh na h-Alba. Ged a tha e air a bhith an sàs ann an iomadach iomairt is buidheann thar nam bliadhnaichean, tha e follaiseach gu bheil bàidh shònraichte aig Fearchar do cholaiste Ghàidhlig an Eilein Sgitheanaich: “Tha mise a’ dèanamh dheth gun do rinn a’ cholaiste seo barrachd feum do sheasamh na Gàidhlig na àite sam bith eile,” tha Fearchar ag ràdh. “A thaobh, cha robh beachd mòr sam bith aig eadhon na Gàidheil fhèin air a’ Ghàidhlig mar mheadhan teagaisg. Agus chan eil e na iongnadh sam bith, a thaobh mar a tha fhios agad, dhùin An Achd Foghlaim anns an naodhamh linn deug, dhùin e a’ Ghàidhlig a-mach às an sgoil uile gu lèir agus mar sin ’s e a’ Bheurla an aon mheadhan teagaisg a fhuair daoine mar a bha mise ann an Sgoil Ealaghol far a robh a’ Ghàidhlig a’ tighinn a-mach air chluasan dhaoine aig an àm sin, agus cha robh guth Gàidhlig anns an sgoil.

“Cha d’ fhuair mise teagasg ann an Gàidhlig ach nuair a chaidh mi a dh’Àrd-sgoil Phort Rìgh ged a bha Gàidhlig gu leòr agam bho mo mhàthair is bho m’athair. Agus ’s e an taic as motha a thug an Sabhal, saoilidh mise, dhan a’ Ghàidhlig, bho thoiseach tòiseachaidh dh’ùidheamaich iad a’ Ghàidhlig mar an aon mheadhan teagaisg a bha gu bhith aig an t-Sabhal agus thug sin inbhe dhan a’ Ghàidhlig nach robh aice riamh roimhe.”

A rèir Fhearchair: “Bha mòran nuair a bha mise òg a bha am beachd, is an creideamh seo aca, gun robh a’ Bheurla mòran na b’ fheàrr airson daoine faighinn air adhart is airson teagasg is airson do rathad a dhèanamh anns an t-saoghal na bha Gàidhlig, cha robh feum mòr sam bith anns a’ Ghàidhlig airson faighinn air adhart anns an t-saoghal.  Agus mar sin, le bhith ga cleachdadh mar mheadhan teagaisg an seo rinn an Sabhal barrachd feum do sheasamh is inbhe na Gàidhlig agus dhan an ìomhaigh a bha aig sluagh na Gàidhlig fhèin air a Ghàidhlig.

“Cha robh seasamh air a bhith aig a’ Ghàidhlig an dàrna cuid am measg Ghàidheil fhèin no am measg an Riaghaltais.  Nuair a bha mise nam Chathraiche air Bòrd nan Deuchainn bhithinn a’ tighinn thairis air Ministearan agus air daoine san t-seirbheis Chatharra agus bha mòran nam measg aig nach robh beachd neo barail mhòr sam bith dhan a’ Ghàidhlig. Agus a-nis tha gnothaichean air atharrachadh gu mòr. Tha sinn air an riaghaltas a chosnadh gu bhith a’ toirt taic dhan a’ Ghàidhlig a-nis agus gu bhith cho bàidheil ris a’ Ghàidhlig ann an dòigh nach robh iad riamh roimhe. ’S e a tha a’ cur dragh orm fhèin nach eil sluagh na Gàidhlig fhèin, nach eil gu leòr dhiubh co-dhiù a’ toirt an seasamh dhan a’ Ghàidhlig agus am beachd air a’ Ghàidhlig agus air luach na Gàidhlig ’s a bu chòir dhaibh. Tha againn ri adhartas eile a dhèanamh an sin fhathast.”

Tha Fearchar a’ faireachdainn gu bheil an Riaghaltas agus na h-ùghdarrasan eile nas bàidheile na bha iad dhan Ghàidhlig, ach tha e fhathast a’ faireachdainn gum feum adhartas a bhith ann le bhith trusadh thidsearan agus a thaobh siostam nan sgoiltean Gàidhlig.

“’S e sin an cnap-starra as motha agus ’s e sin aonan dhe na h-atharraichean a dh’iarrainn tachairt ann an seo, gum biodh a’ cholaiste seo agus Oilthigh na Gàidhealtachd air fad ann an co-bhonn ris na colaistean foghlaim agus na colaistean trèanaidh, gum biodh cùrsa againn,” tha Fearchar ag ràdh. “Agus tha e a-nis dol a thòiseachadh tha mi an dòchas an ath-bhliadhna, an ath sheisein co-dhiù, cùrsa airson trèanadh thidsearan tro mheadhan na Gàidhlig, cùrsa a theagaisgeas iad fhèin agus a thrèanas iad tro mheadhan na Gàidhlig, chan ann an criomagan beaga dhen a’ Ghàidhlig agus a’ chuid eile ann am Beurla.

“Agus ann an co-bhonn ris an sin bu thoil leam an seòrsa modal a th’ againn anns na bun-sgoiltean atharrachadh. Tha e math gun do thòisich iad le ionadan Gàidhlig ann an sgoiltean Beurla ach chan e sin am modal a tha a dhìth agus chan e eadhon an rud a tha a’ tachairt ann an Slèite fhèin a-nis – aonad Beurla ann an Sgoil Ghàidhlig. Aon uair ’s gum faigh a’ chlann a-mach às na clasaichean ’s e a’ Bheurla, ma tha aonad Gàidhlig ann an Sgoil Bheurla, neo aonad Beurla ann an Sgoil Ghàidhlig, aon uair ’s gun tig iad a-mach às na clasaichean ’s ann aig a’ Bheurla a tha làmh an uachdair.  Nis, ’s e an seòrsa modal a tha dhìth an seòrsa sgoil a tha nis an Glaschu. Sgoil Ghàidhlig bho thoiseach gu deireadh. Ann an Glaschu tha i bho thrì bliadhna gu ochd bliadhna deug far a bheil a h-uile nì, a h-uile rud, a h-uile anail a tha thu a’ gabhail, tha a’ Ghàidhlig a’ tighinn a-mach tro do chuinneanan agus ’s e sin an seòrsa rud a tha a dhìth oirnn agus chan urrainn dhuinn sin a dhèanamh gus am bi gu leòr trusadh de luchd-teagaisg agus trèanadh de luchd-teagaisg air a choileanadh agus ’s e cho luath ’s a thòisicheas sinn ’s e as fheàrr.”

Agus ged a tha Fearchar a-nis 83 bliadhna a dh’aois, chan eil dad a choltas air gu bheil e gu bhith aig fois ann an dòigh mhòr sam bith. Fiù ’s aig an dìnnear oidhche Haoine agus e a’ leigeil dheth a dhreuchd mar Chathraiche an t-Sabhail, bhathar ag iarraidh air ceanglaichean làidir a chumail ris a’ cholaiste le bhith air comataidh an leabharlainn aig a’ cholaiste.

Seach gu robh Fearchar na sheòrsa de dh’fhàidh ann an 1973 agus e a’ bruidhinn air oilthigh na Gàidhealtachd stèidhichte air na colaistean àrd-ìre a bh’ ann mu thràth, dh’fhaighnich mi dha dè bha e a’ smaoineachadh a bha an dàn dhan t-Sabhal Mhòr sna bliadhnaichean ri thighinn.

“Chì mi a’ cholaiste seo a’ fàs nas motha agus tha i a’ dol a chur ri ath-leasachadh na Gàidhlig anns an dòigh a bu mhiann leam agus a dh’fheumas tachairt. Feumaidh an àireamh de dh’oileanaich a dhol suas. Chan eil mi a’ faicinn colaiste mhòr, mhòr ach bu thoil leam gun rachadh an àireamh co-dhiù a dhùblachadh suas ’s dòcha gu dà cheud gu leth neo trì ceud oileanach. Ma tha an t-àite dol a dh’fhàs anns an dòigh seo feumaidh iad tuilleadh talmhainn a cheannach a thaobh tha talamh a dhìth oirnn agus bhiodh e math fhaicinn Àrainn Ostaig agus Àrainn Chaluim Chille air an ceangal ri chèile uile gu lèir coltach ri àite brèagha, tha e brèagha mar a tha e ach nam biodh iad uile còmhla bhiodh e na b’ fheàrr.

“Feumaidh sinn cuideachd rannsachadh a chur air bhonn a tha nas seasmhaiche na tha aice an ceartair – delete airson feumaidh sinn togail air Lèirsinn agus a neartachadh a thaobh feumaidh sinn rannsachadh air dà nì: airson na poileasaidhean a bhios againn airson a bhith a’ cur ri fàs na Gàidhlig, agus ga beothachadh. Feumaidh sinn fiosrachadh nas fheàrr na th’ againn fhaighinn air ciamar a bhiodh sinn comasach air beachdan phàrantan Gàidhlig atharrachadh gus am bi iad fhèin deònach clann a thogail aig glùin am màthair le Gàidhlig, thaobh is e sin an dòigh is fheàrr air a Ghàidhlig a chumail beò.”

Agus ’s iomadh beachd eile a bh’ aig Fearchar air adhartas an t-Sabhail, agus e an dòchas ri linn an ionaid ùir Fàs agus deagh ghnè anns gach roinn de dh’obair na colaiste gum fàsadh an Sabhal Mòr ainmeil air feadh an t-saoghail am measg an t-sluaigh Cheiltich

Tha mi cinnteach gu robh Fearchar beagan muladach an t-seachdain sa chaidh agus fhios aige gur e sin a’ choinneamh mu dheireadh mar Chathraiche an t-Sabhail: àite a tha air fàs gu mòr bhon a chuir esan eòlas air an toiseach.

Agus dè an rud a mhaireas an cuimhne Fhearchair bho àm mar Chathraiche?

“’S e an rud a mhaireas nam chuimhne: a h-uile uair a thig mi a-nuas an seo ’s e cho beothail ’s a tha an t-àite. Tha e dìreach, tha e a’ toirt spionnadh dhomh fhèin,” tha e a’ freagairt le fiamh gàire. “Cha chreid mi gum bithinn air mairsinn cho fada mura robh mi air a bhith nam Chathraiche an seo. Tha cuimhne agam Bob Greave a bha na chiad stiùiriche air an HIDB ag ràdh rium gur e a’ chomhairle a b’ fheàrr a fhuair e fhèin riamh – cùm an eanchainn a’ dol agus cùm na casan a’ gluasad!”