|
ADHARTAS SA GHÀIDHLIG AIRSON OILEANACH BHEINN NA FAOGHLA
Bhuannaich Dòmhnall MacDhiarmaid duais aig Sabhal Mòr Ostaig airson oileanach a rinnadhartas sa Ghàidhlig aig Colaiste a' Chaisteil ann am Beinn na Faoghla. Fhuair Dòmhnall seachdain air na cùrsaichean goirid aig an t-Sabhal agus thàinig a bhos tron t-samhraidh.
Thuirt Dòmhnall, “Bha an cùrsa fhèin uabhasach inntinneach ann an suidheachadh sònraichte math. ‘S e seachdain math dhà rìreabh a bh’ ann gun teagamh! Bha an cothrom air leth cudthromach airson mo leasachadh phearsanta sa chànan - gu h-àraid a bhith ga bruidhinn agus ag èisteachd.”
|