airsploidairsplod2 

 

FIOS-NAIDHEACHD

 

Cathy a’ cur iomairt nàiseanta air bhog

Air Splaoid! a’ toirt comas do dh’Alba a’ Ghàidhlig aithneachadh ann an 2007

Tha an neach iomraiteach TBh is rèidio Cathy Bhàn air pròiseact do luchd-ionnsachaidh a chur air bhog a bhios a’ brosnachadh dhaoine gus a’ Ghàidhlig a lorg ann an 2007, a’ bhliadhna a chomharraicheas Alba cultar na Gàidhealtachd.

Tha Air Splaoid! ri fhaotainn an-asgaidh air an eadar-lìn do gach duine ann an Alba, agus gu dearbh, air feadh an t-saoghail. Gheibhear e air làrach-lìn a’ BhBC agus ann an ionadan-ionnsachaidh anns a h-uile pàirt den dùthaich.

Tha www.airsplaoid.co.uk a’ gabhail a-steach:

Bheir cuairtean do sgoiltean is tachartasan eile, a bhios nam pàirtean de iomairt nàiseanta, a’ toirt taic dhan ionnsachadh.

“’S e rud gu math beothachail a tha ann an Air Splaoid!,” thuirt Shirley Ghrannd, Manaidsear a’ Phròiseict. “Cho math ri rudan gu math spòrsail, faodaidh daoine dòigh-ionnsachaidh a tha fregarrach dhaibhsan a thaghadh – àite sam bith, aig àm sam bith. Tha sinn cuideachd air leth toilichte gu bheil na prìomh ughdarrasan uile air tighinn còmhla gus am pròiseact seo a thoirt gu buil. Tha  na dhòigh ùr daoine a chur an sàs leis a’ chànan.”

Tha an cùrsa freagarrach do sgoiltean, agus faodaidh tidsearan aig a bheil, no fiù ’s aig nach eil, a’ Ghàidhlig an cùrsa a chleachdadh ma bhios iad airson Gàidhlig a tharraing a-steach dhan rùm-teagaisg. Tha e freagarrach do phàrantan aig a bheil clann a tha a’ frithealadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, is a tha ag iarraidh beagan Gàidhlig ionnsachadh airson an cuideachadh. Agus tha e freagarrach do dhuine sam bith aig a bheil ùidh anns a’ chànan is a tha airson barrachd fhaighinn a-mach.

Thuirt Cathy Bhàn: “Seo dòigh mìorbhaileach ùr gus daoine a bhrosnachadh tlachd a ghabhail anns a’ Ghàidhlig a tha aig teas-meadhan cultar na Gaidhealtachd agus, gu dearbh, na h-Alba. Cuideachd, tha e na adhbhar-brosnachaidh gu bheil an uiread de chom-pàirtichean ag obair còmhla air a’ phròiseact.”

Barrachd fiosrachaidh:    www.airsplaoid.co.uk
Cànan:  Raonaid Alcorn, Manaidsear Margaideachd, Cànan.  01471 888 505 no 0773 237 9359
Na meadhanan: Jim Wilkie   0775 360 6886

Brathan do luchd-deasachaidh:  
Chaidh Air Splaoid! a bhreithneachadh agus a leasachadh le Cànan, companaidh ioma-meadhan a tha air duaisean nàiseanta a bhuannachadh, is a tha stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig, colaiste Ghàidhlig na h-Alba, ann an Slèite, an t-Eilean Sgithenach.

Tha àireamhan dhaoine ag ionnsachadh na Gàidhlig air a dhol am meud mar thoradh air teicneòlas ùr. Faodaidh daoine goireasan ionnsachaidh Ghàidhlig an-asgaidh air an eadar-lìon.  

Tha Cànan a’ toirt taing mhòr dha na buidhnean a thug taic is maoineachadh dhan phròiseact seo. Aig 1mh Faoilteach 2007, seo na com-pàirtichean: Highland 2007, Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, Iomairt na Gaidhealtachd, Learning and Teaching Scotland, learndirect scotland, Bòrd na Gàidhlig, BBC Alba, Comhairle na Gaidhealtachd, LEADER+, Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna agus Sabhal Mòr Ostaig.

 

Tha e mar amas aig Highland 2007, am bliadhna a chomharraicheas Alba cultar na Gaidhealtachd, a’ Ghaidhealtachd a chur air adhart mar àite air leth airson a bhith fuireach ann is tadhal air, le bhith toirt focas air gnè sònraichte is gun samhail cultar na Gaidhealtachd anns an àm a dh’fhalbh, an latha an-diugh is an àm ri tighinn. Tha am pròiseact na chom-pàirteachas eadar trì prìomh ùghdarrasan maoineachaidh: Comhairle na Gaidhealtachd, Riaghaltas na h-Alba agus Iomairt na Gaidhealtachd. Bidh an fhèill a mhaireas bliadhna a’ gabhail a-steach iomadh tachartas mòr is beag, cho math pròiseactan calpa mar ‘The Highland Promise’ airson daoine òga.  Faic www.highland2007.com airson barrachd fiosrachaidh. Tha Highland 2007 na ciad bhliadhna stèidhichte air cuspair a chaidh a dhealbhadh le Riaghaltas na h-Alba airson Alba a chur air adhart mar àite air leth airson a bhith fuireach ann is tadhal air.

 

GAIRM-DHEALBHAN

Bidh Cathy Bhàn agus Dwelly còmhla ri sgoilearan bho Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu airson dealbhan aig:

11m    

DICIADAIN, 24 Faoilteach, 2007

Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.  44 Sràid Ashley, G3. (roimhe na Acadamaidh Woodside, far Sràid Argyle).

 

CUIRM NAM MEADHANAN

Às dèidh nan dealbhan, tha cuireadh aig luchd nam meadhanan tighinn a bhruidhinn is ithe còmhla rinn aig

Talla-ciùil Rìoghail Ghlaschu

Diciadain, 24 Faoilteach aig meadhan-latha
Seòmar Bhochanain

Tha com-pàirtichean Air Splaoid!  deònach a bhith a’ bruidhinn mun phròiseact gu mì-fhoirmeil.

Raonaid Alcorn, Manaidsear Margaideachd, Cànan.  01471 888 505 no 0773 237 9359