|
AN ÀIREAMH AS ÀIRDE DE DH'OILEANAICH RIAMH A' DOL DON T-SABHAL MHÒR AM-BLIADHNA
Tha
an àireamh as àirde de dh' oileanaich riamh roimhe a' dol gu
Sabhal Mòr Ostaig am bliadhna 's teirm ùr air tòiseachadh
an t-seachdain sa chaidh (07.09.05). Cuideachd, airson a' chiad uair tha a'
cholaiste Ghàidhlig a' lìbhrigeadh cùrsa for-cheum.
Tha 111 oileanach a' gabhail chùrsaichean làn-thìde aig Sabhal Mòr Ostaig am bliadhna. Tha a' chuid as motha dhiubh a' fuireach aig a' cholaiste (feadhainn a' tighinn bho cho fada air falbh ri Ameireaga a Tuath agus an Roinn Eòrpa) agus a' dèanamh chùrsaichean agus tha grunn math eile ag ionnsachadh aig astar.
Thuirt Iain Tormod MacLeòid Ceannard an Fhoghlaim aig a' Cholaiste:
"'S e grunn rudan as coireach: tha sinn air a bhith soirbheachail a thaobh trusaidh, cuideachd tha cùrsaichean ùra ann mar am for-cheum ann an Cultar Dùthchasach agus an Àrainneachd, tha sinn a' teagasg oileanaich aig astar ann an Colaiste Inbhir Nis agus tha feadhainn a' tighinn bhon Chùrsa Inntrigidh. Uile gu lèir, tha còrr is ceud againn, agus tha fiù 's feadhainn againn shìos ann an Ìle aig Ionad Chaluim Chille Ìle. Tha a leithid de chothroman ann a-nis do dhaoine a bhith 'g ionnsachadh aig a' Cholaiste."
A' bruidhinn air an fhor-cheum ùr thuirt e:
"Tha còignear againn ga dhèanamh am bliadhna agus 's e Uisdean Cheape am prìomh òraidiche air a' chùrsa. Tha Dòmhnall Uilleam Stiùbhart agus òraidichean bho Shabhal Mòr fhèin cuideachd an sàs ann."
Mar as àbhaist, chan ann bho Alba a-mhàin a tha na h-oileanaich a' tighinn, tha cuid ann bho Ameireaga a Tuath, cuid ann bho Shasainn, cuid bhon Ghearmailt agus aon oileanach bhon a' Bheilg. Agus tha iad de dhiofar aoisean, feadhainn a tha dìreach air an sgoil fhàgail agus cuid eile a tha nas aosta.
Tha am for-cheum ùr ann an Cultar Dùthchasach agus an Àrainneachd air a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig agus tha e a' toirt cothrom do dh' oileanaich tuigse fhaighinn air beatha agus suidheachadh sòisealta agus eaconomach na Gaidhealtachd agus nan Eilean tro sgrùdadh air cultar dùthchasach agus àrainneachd na sgìre. 'S e cùrsa pàirt-thìde a th' ann a mhaireas trì bliadhna agus tha cothrom aig oileanaich an cùrsa a dhèanamh aig astar agus pàirtean dheth air-loidhne.
A bharrachd air a' chùrsa ùr for-cheum, tha Sabhal Mòr Ostaig a ruith cùrsa pìolatach 'Cuir Peann ri Pàipear' am bliadhna agus a rèir Mhgr MhicLeòid bidh 25 a' tòiseachadh air a' chùrsa sin. 'S e cùrsa air loidhne le taic a th' ann an 'Cuir Peann ri Pàipear' airson dhaoine a tha fileanta sa Ghàidhlig ach a tha 'g iarraidh na sgilean sgrìobhaidh is eadar-theangachaidh aca a leasachadh.
Fhad 's a tha Sabhal Mòr Ostaig, Colaiste Ghàidhlig na h-Alba, a' sìor-fhàs, tha Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna (den bheil SMO na phàirt) air an t-slighe gu inbhe oilthigh. Tha Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna ann an co-bhonn ri Oilthigh Obar Dheadhain, Oilthigh Dhùn Èideann agus Oilthigh Shrath Chluaidh ag obair a dh' ionnsaigh tiotal Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean fhaighinn. Tha na trì oilthighean gu bhith toirt stiùir agus taic do dh' UHI ann a bhith lìbhrigeadh plana rannsachaidh.
Thathar an dùil
gum bi na trì oilthighean nam buill chorporra de dh' UHI agus gu bi
inbhe oilthigh aig UHI ann an 2007. Tha rannsachadh na phàirt mòr
de Shabhal Mòr Ostaig mu thràth agus na buidhnean rannsachaidh
Ionad Nàiseanta na h-Imrich
agus Lèirsinn stèidhichte
aig a' cholaiste a bharrachd air oileanaich PhD a tha 'g obair fo sgèith
Oilthigh Obar Dheadhain is Sabhal Mòr Ostaig.
|