FIDHLEIR AINMEIL A’ COMHARRACHADH 20 BLIADHNA DE THEAGASG AIG SMO

Thàinig còrr is 80 duine bho air feadh an t-saoghail còmhla aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach an t-seachdain sa chaidh gus an fhidheall ionnsachadh bho aon dhen luchd-ciùil as fheàrr a th’ ann air an ionnstramaid sin.

’S e seo an fhicheadamh bliadhna de theagasg aig an fhìdhlear ainmeil Alasdair Friseal air cùrsaichean goirid an t-Sabhail agus am measg na feadhna sa chlas aige am-bliadhna bha daoine bho Ameireagaidh, Astràilia, Canada, A’ Ghearmailt, an Spàinn agus An Fhraing, a bharrachd air daoine bho Bhreatainn fhèin.

A’ bruidhinn air na h-amannan a chuir e seachad aig an t-Sabhal thuirt Alasdair: “Tha e air a bhith na thuras iongantach a bha làn innleachdais is annasan. Rud a chòrd gu sònraichte rium ’s e a bhith feuchainn ris a’ chànan a chur aig cridhe a’ chiùil agus an dannsa a-rithist. Tha seo a’ toirt toileachas dhomh agus gam bhrosnachadh.”

A bharrachd air Alasdair bha Frank McConnell is Caroline Reagh bho ‘Dannsa’ a’ teagasg dannsa-ceum agus bha Natalie Haas, neach-ciùil bho New York a tha glè aithnichte air feadh an t-saoghail, a’ teagasg an cello. Agus bha Louise NicCoinnich a’ toirt taic do dh’Alasdair ann a bhith teagasg na fidhle. Uile gu lèir, bha faisg air 150 oileanach a’ gabhail chlasaichean aig SMO an t-seachdain sa chaidh.

Air an oidhche tron t-seachdain bha sreath de thachartasan sònraichte mar bùthan-obrach ann an Gàidhlig, agus air seinn Ghàidhlig, agus oidhche
Haoine bha cèilidh ann far an robh an luchd-teagaisg, oileanaich agus luchd-ciùil eile a’ cluich is a’ seinn.

A’ bruidhinn air soirbheas na seachdain thuirt Oifigear Leasachaidh nan Cùrsaichean Goirid Dàibhidh Byrne: “Cha b’ urrainn dhomh chreidsinn cho math ’s a chaidh an t-seachdain – a bhith faicinn an àite loma-làn de dhaoine tàlantach, agus b’ e sin an luchd-teagaisg agus na h-oileanaich. B’ e seachdain gu math soirbheachail a bh’ ann dhan cholaiste agus bu thoigh leam taing mhòr a thoirt do dh’Alasdair airson na h-obrach ionmholta a tha e air a dhèanamh thar nam bliadhnaichean. Tha mi a’ cur meal-a-naidheachd air ’s e a’ comharrachadh fichead bliadhna de theagasg an seo air na cùrsaichean goirid.”

AIRSON TUILLEADH FIOSRACHAIDH LEIGIBH FIOS GU:

Dàibhidh Byrne air 01471 888240 no Fiona Dunn (Oifigear Margaideachd SMO) air 01471 888215.