CÈILIDH BHO OIFIGEAR-RIAGHLAIDH NA PÀRLAMAID NA H-ALBA

Alex FergussonThàinig Ailig Fearghasdan, Oifigear-riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, a chèilidh air Sabhal Mòr Ostaig fhad ‘s a bha e air cuairt samhraidh air feadh Alba. Alex Fergusson 2

Cha b’ urrainn dhan Oifigear-riaghlaidh a thadhal air a’ Cholaiste gun facal no dhà de Ghàidhlig ionnsachadh agus mar sin, chuir e ùine seachad le Beathag Mhoireasdan a bha a’ teagaisg cùrsa goirid sa Ghàidhlig agus a rèir nan oileanach agus an òraidiche, rinn e fìor mhath.

Ghabh an Oifigear cuairt air an togalach ùr Fàs agus fhuair e fiosrachadh air na pròiseactan uile a tha a’ dol air adhart anns an Ionad ùr do Ghnìomhachais Cultural is Cruthachail. An uairsin shuidh e còmhla ri luchd-obrach agus oileanaich airson greim bìdhe agus barrachd fiosrachaidh mun Cholaiste.

As dèidh madainn a chur seachad aig an t-Sabhal dh’fhalbh an Oifigear a dh’ Inbhir Nis airson an darna phàirt dhen cuairt aige.