|
Tha
Ministearan na h-Alba air innse gu bheil Sabhal Mòr Ostaig a’
dol a dh’fhaighinn àrdachadh £3.5 millean ann am bun-mhaoineachadh
a tha ag aithneachadh na colaiste mar ionad nàiseanta airson leasachadh
na Gàidhlig agus a cultar. Tha an t-airgead ùr a’ tighinn
às dèidh sgrùdadh a chaidh a dhèanamh le PricewaterhouseCoopers
air maoineachadh, rianachd ionmhais agus riaghladh na colaiste; agus thathar
a’ faicinn an àrdachaidh seo mar chomharra air deagh riaghladh
agus àrd ìre foghlam na colaiste.
Thadhail Peadar Peacock BPA, am Ministear aig a bheil uallach airson na Gàidhlig, air Sabhal Mòr Ostaig (15mh An Cèitean 2006) far an do dh’fhoillsich e bun-mhaoineachadh ùr dhan cholaiste. Mhìnich am Ministear gun robh Sabhal Mòr Ostaig dol a dh’fhaighinn £3.5 millean a bharrachd de bhun-mhaoineachadh thar ceithir bliadhna bhon Riaghaltas. Tha an t-àrdachadh seo a’ tighinn às dèidh mholaidhean a thàinig às sgrùdadh domhainn neo-eisimeileach dhen cholaiste a chaidh a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba.
Thug an sgrùdadh le PricewaterhouseCoopers sùil gheur air: an structar leis a bheil a’ cholaiste a’ lìbhrigeadh a cuid chùrsaichean; riaghladh na colaiste; an fheadhainn a tha os cionn na colaiste; planaichean ro-innleachdail agus gnìomhach; agus iomadh rud eile a tha cudromach a thaobh soirbheas na colaiste.
Thuirt Mgr Peacock: “Air sgàth nam planaichean lèirsinneach againn airson na Gàidhlig agus a cultair, feumaidh àite mar Sabhal Mòr Ostaig a bhith againn – ionad nàiseanta far an tèid Gàidhlig adhartachadh agus a bhrosnachadh. ’S e sàr institiùid gun samhla a th’ ann an Sabhal Mòr Ostaig a tha a’ gabhail a-staigh foghlam, na h-ealain is dualchas, agus leasachadh eaconomach. ’S e àite air leth cudromach a th’ ann a thaobh bheachdan ùr-ghnàthach ann an saoghal na Gàidhlig.
“Ri linn sin tha mi uabhasach toilichte gu bheil e nar comas an suidheachadh ionmhais aig a’ cholaiste a dhaingneachadh leis a’ phasgan maoineachaidh seo, a chaidh a dhealbh gus taic a chur ri obair agus planaichean na colaiste a thaobh a bhith ag adhartachadh na Gàidhlig. Bidh pàirt glè chudromach aig Sabhal Mòr Ostaig ann a bhith ag adhartachadh na Gàidhlig agus ann a bhith leudachadh eaconomaidh na Gàidhealtachd is nan Eilean.”
A rèir Stiùiriche an t-Sabhail Mhòir, an t-Àrd-Ollamh Tormod MacGilliosa, tha am maoineachadh ùr a’ toirt an aithne air an fheallsanachd ‘iomlan’ a th’ aig a’ cholaiste ann a bhith a’ cur taic ri agus ag ath-bheothachadh na Gàidhlig; tha e cuideachd mar aithne air an stiùireadh ciallach a tha air a bhith ann a thaobh ionmhas a leig leis a’ cholaiste sìor-fhàs.
Thuirt an t-Àrd-Ollamh MacGilliosa: “Tha am maoineachadh a dh’ainmich Peadar Peacock an-diugh cudromach air sgàth chaochladh adhbharan. Sa chiad dol a-mach, tha e a’ coileanadh gealladh a thug am Prìomh Mhinistear Jack McConnell seachad ann an 2004 ann an Òraid an t-Sabhail. Thuirt e an uair sin, ‘Tha leasachadh na Gàidhlig mar phrìomhachas dhuinn agus tron Chomhairle Mhaoineachaidh tha sinn am beachd barrachd aithne a thoirt dhan aithne shònraichte a th’ aig an institiùid seo. Leis an seo faodaidh a’ cholaiste a bhith dòchasach ’s e a’ feuchainn ri ìrean càileachd nas àirde a ruighinn san àm ri thighinn.’ Tha an t-àrdachadh a dh’fhoillsich Mgr Peacock a’ toirt dhuinn barrachd bun-mhaoineachaidh agus aithne oifigeil mar ionad nàiseanta airson leasachadh na Gàidhlig agus a cultair.
“Tha an sgrùdadh le PricewaterhouseCoopers a’ sealltainn gu bheil an fheallsanachd iomlan againn a thaobh a bhith a’ cur taic ri agus ag ath-bheòthachadh na Gàidhlig ceart. Tha e cuideachd a’ toirt aithne air deagh riaghladh na colaiste agus a’ daingneachadh an deagh chliù a tha a’ stiùireadh ghnothaichean foghlaim sa cholaiste. Bhruidhinn an luchd-sgrùdaidh cuideachd air cho math sa tha na h-òraidichean agus ri linn sin cho soirbheachail sa tha an t-ionnsachadh.”
San sgrùdadh aca tha PricewaterhouseCoopers ag ràdh: “Ann a bhith a’ meas suidheachadh an ionmhais aig SMO agus mar a tha e ga ruith, feumar aithne a thoirt air dealas Bòrd nan Urrasairean agus an luchd-obrach a tha air tìde chosg agus spàirn a dhèanamh gus an rùn aca, gum bi colaiste Ghàidhlig àrd-ìre ann, a thoirt gu buil. Tha an obair agus an dealas seo a’ ciallachadh gum b’urrainn do Shabhal Mòr Ostaig fàs bho làrach thogalaichean tuathanais a bha cha mhòr trèigte gu bhith na ionad foghlaim àrd-ìre beothail far a bheil, thathar dhen bheachd, teagasg, clasaichean agus goireasan ionnsachaidh dhen chàileachd as fheàrr a th’ ann.”
Thuirt an sgrùdadh gu robh Sabhal Mòr:
• air cur ris an ath-bheothachadh a bh’ ann a thaobh a bhith a’
sealltainn ùidh ann an Gàidhlig, a cultar agus a dualchas;
• air bun-stèidh a thogail airson foghlam àrd-ìre
a tha a’ toirt taic do leudachadh sgilean luchd-labhairt na Gàidhlig
agus do leudachadh na h-àireimh a th’ ann dhiubh;
• air roinn rannsachaidh a chur air bhonn a dh’aona-ghnothaich
airson taic a thoirt dhan Ghàidhlig;
• air taic a thoirt do chraoladh Gàidhlig le bhith a’ tabhann
trèanadh dreuchdail agus a’ dèanamh rannsachadh; agus
• air togail a thoirt air an eaconomaidh ionadail timcheall sgìre
Shlèite.
Thuirt PricewaterhouseCoopers cuideachd gun cùm SMO air a bhith cur
ri tèarainteachd na Gàidhlig le bhith:
• ag adhartachadh foghlam àrd-ìre tro mheadhan na Gàidhlig;
• a’ cruthachadh ginealach ùr de dhaoine le Gàidhlig
le bhith a’ tabhann chùrsaichean goirid agus chùrsaichean
inntrigidh;
• a’ toirt taic do bhith a’ cruthachadh luchd-obrach Gàidhlig
airson roinnean cudromach mar craoladh, teagasg, an roinn phrìobhaideach,
turasachd, an roinn phoblach;
• a’ dèanamh rannsachadh a thaobh Gàidhlig agus
a cultair; agus
• ag àrdachadh inbhe na Gàidhlig agus a’ leudachadh
misneachd sa chànan le bhith ag eagrachadh cho-labhairtean agus thachartasan
aig a’ cholaiste san Eilean Sgitheanach agus ann an àiteachan
eile.
Thuirt Cathraiche Bòrd nan Urrasairean aig Sabhal Mòr Ostaig, Fearchar Mac an Tòisich: “Dh’iarrainn an toiseach, as leth nan Urrasair, ar làn thaing a thoirt dhan Mhinistear airson tadhal air a’ cholaiste an-diugh agus airson ùidh nar n-obair tro na bliadhnaichean. Tha sinn gu h-àraidh toilichte airson a theachdaireachd, agus gu bheil e ann am facal is ann an gnìomh air aire a thoirt, chan ann a-mhàin do dh’àite sònraichte an t-Sabhail Mhòir ann an ath-bheothachadh na Gàidhlig ach cuideachd anns an nì as fheumaile, ar easbhaidheachd air maoineachadh a tha cinnteach agus freagarrach. As eugmhais sin, chan urrainn dhuinn ar cuid a dhèanamh ann a bhith a’ toirt ar cànain bho bàs gu fàs.
“Tha teachdaireachd Pheadair an-diugh gu ìre a’ cur an gnìomh na molaidhean a thàinig an cois an sgrùdaidh a rinn PWC air rianachd na colaiste an uiridh. Tro na bliadhnaichean tha an Sabhal air a bhith air a chruaidh theannachadh le cion ionmhais agus daonnan an eisimeil nan criomagan airgid a tha air am fàgail aig an Riaghaltas aig deireadh gach bliadhna ionmhais. Gheibh sinn a-nis teach-a-steach bhliadhnail a chuireas a’ cholaiste air bunait nas seasmhaiche na bha aice riamh roimhe, airson seo tha sinn fìor thaingeil.”
Lean Mgr Mac an Tòisich air: “Feumaidh sinn ar cùrsaichean foghlaim a leudachadh, ar goireasan rannsachaidh a leasachadh, tuilleadh talamh a cheannach airson thogalaichean ùra agus gu h-àraidh ullachadh a dhèanamh airson trèanadh thidsearan Gàidhlig. Tha na h-Urrasairean an dòchas gun toir am Ministear còir gu crìch an obair ionmholta a tha e a-nis air a thòiseachadh.”
Roghnaich Ministearan na h-Alba bun-mhaoineachadh a dhìoladh a rèir ‘taghadh a trì’ san sgrùdadh, b’e sin an ìre mhaoineachaidh as fheàrr agus as adhartaiche de na trì taghaidhean a thug PricewaterhouseCoopers seachad airson na colaiste.
Tha seo a’ ciallachadh gum faigh Sabhal Mòr Ostaig £775,000
a bharrachd ann an 2006-2007 agus seo a’ dol suas gu £800,000
ann an 2007-2008 fon Sgrùdadh Cosg a th’ ann an-dràsta.
Agus an uair sin tha Ministearan ag amas air £950,000 a thoirt seachad
ann an 2008-2009 agus £950,000 ann an 2009-2010. Tha an t-airgead seo
a bharrachd air a’ bhun-mhaoineachadh a tha Comhairle Mhaoineachaidh
Foghlam Adhartach na h-Alba a’ dìoladh. Thig còrr is leth
phàirt dhen airgead ùr bho stòras airson foghlam àrd-ìre
is adhartach, agus thig an còrr bho buidseatan foghlaim eile.
Thuirt Ministear Foghlaim Fad-Beatha Nicol Stephen BPA, ’s an roinn
aige còmhla ris an roinn aig Peadar Peacock a’ dol a thoirt seachad
am maoineachadh ùr, “Tha Gàidhlig na pàirt chudromach
de dh’eachdraidh na h-Alba agus ’s ann cudromach a bhios i san
àm ri thighinn. Bidh obair chudromach aig Sabhal Mòr Ostaig
ri dhèanamh gus taic a thoirt chan ann a-mhàin do luchd-labhairt
na Gàidhlig agus do luchd-ionnsachaidh. Tha mi air leth toilichte gu
bheil am prògram foghlaim fad-beatha aig an riaghaltas ag adhartachadh
nan leasachaidhean seo. Air sgàth seo bidh e comasach dhan cholaiste
a bhith a’ coimhead air adhart, agus a’ togail air an t-soirbheas
aca gus coimhead ris na dùbhlain a bhios romhpa san àm ri thighinn.”
Fhuair Sabhal Mòr Ostaig, aithnichte le tòrr dhaoine mar aon
de na prìomh cholaistean a tha a’ toirt stiùir ann am
foghlam na h-Alba, Duais Cuimhneachan-Bliadhnail na Bànrigh ann an
2002 ’s i aon de dìreach dà ionad ann an Alba a fhuair
an duais sin.
|