£75,000 ga thoirt do sgoilearachd aig SMO

This in English

Chaidh ainmeachadh an-diugh gu bheil Sabhal Mòr Ostaig, na ball den UHI, air taic-airgid mhòr fhaighinn airson sgoilearachd do oileanaich a tha clàrachadh air a' phrògram ceum aig a' Cholaiste. Bhon t-Sultain a-mach bidh còig sgoilearachd suas ri tri mìle nòt rim faotainn tron sgeama ùr "Sgoilearachdan Leitir Iùbh".

Chaidh na sgoilearachdan a chur air bhonn le taic phearsanta bho Phòl Van Vlissingen, fear-glèidhteachais aig a bheil oighreachd Leitir Iùbh, agus a chompanach Caroline Tisdall a thug seachad £75,000 dhan Cholaiste, an t-suim as motha a fhuair iad riamh mar thiodhlac.

Chaidh an tiodhlac a thoirt seachad dhan Cholaiste ag aithneachadh mar mholadh air obair Sabhal Mòr Ostaig agus am pàirt cudthromach a th' aig a' Cholaiste aig teis-meadhan ath-bheothachadh a' chànain 's a' chultair.

Bha Caroline Tisdall a tha na h-Ollamh aig Oilthigh Oxford Brookes agus na h-Urrasair aig an John Muir Trust ag ràdh an-diugh, "Bha spèis agam-fhìn 's aig Pòl o chionn fhada don obair fìor-chudthromach a tha tachairt aig an t-Sabhail a thaobh ag ath-bheothachadh cànan 's cultair na Gàidhlig. Tha sinn gu mòr a' faicinn seo mar phàirt de thuigsinn agus neartachadh nan ceanglaichean eadar dualchas agus an àrainneachd. Tha cànan 's cultair bunaiteach nuair a smaoinicheas sinn air an dòigh a tha sinn a' faicinn an t-saoghal nàdarra agus bhiodh e na chall uamhasach mura biodh iad ann do na ginealaichean ri teachd. Mar fhìor luchd-glèidhteachais tha sinn a' faicinn an dàimh eadar cànan, cultair agus an àrainneachd air leth cudthromach"

Thuirt Donnie Rothach, Stiùiriche Leasachaidhean na Colaiste, "Tha sinn air leth toilichte an taic-airgid seo fhaighinn a bheir an cothrom do oileanaich a tha tighinn gu Sabhal Mòr Ostaig a chur a-steach airson sgoilearachdan suas ri £3,000"

Bha Eilidh Nic Neacail à Portrìgh 's na h-oileanach anns an darna bhliadhna aig a' Cholaiste ag ràdh an-diugh, "Le sgoilearachd mar seo rim faotainn, bidh Sabhal Mòr Ostaig nas tarraingiche do oileanaich a tha beachdachadh air cùrsaichean ceum a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig"

'S ann de Clann Mhic Coinnich Geàrrloch a bhuineas Caroline Tisdall 's bidh i-fhèin 's Van Vlissingen a' cur seachad a chuid as motha den ùine aca ag obair anns an t-saoghal glèidhteachais, an dà chuid aig Leitir Iùbh agus air pròiseactan air feadh an t-saoghal. Am measg nam pròiseactan tha iad ag obair còmhla ri Nelson Mandela 's an Riaghaltais ùr ann an Africa a Deas air pròiseact mòr paircean nàiseanta.

Anns na bliadhnaichean a chaidh seachad, tha iad air taic a thoirt don obair aig Ionad Urras Mucan-Mara 's Leumadairean nan Eilean ann an Tobar Mhoire 's cuideachd dhan Roinn Ghàidhlig aig Taigh-tasgaidh Gheàrrloch.

Bu chòir do oileanaich a tha ag iarraidh tighinn air cùrsa aig an t-Sabhail 's fiosrachadh fhaighinn air "Sgoilearachd Leitir Iùbh" a sgrìobhadh gu:

Fiona NicLeòid
Oifigear Trusaidh
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ