GHEIBH OILEANAICH AN EILEIN SGITHEANAICH BUANNACHD À BURSARAIDHEAN GÀIDHLIG

Dealbh air Steven MacIomhair agus Alasdair Whyte a choisinn bursaraidhean bho Sgeama nam Bursaraidhean Gàidhlig aig OGE nam Mìle Bliadhna
Steven MacIomhair agus Alasdair Whyte a choisinn bursaraidhean bho Sgeama nam Bursaraidhean Gàidhlig aig OGE nam Mìle Bliadhna
Tha dithis oileanach à Eilean Muile agus Siorrachd Rois a tha aig Colaiste Sabhal Mòr Ostaig dìreach air cluinntinn gum faigh gach duine aca £1000 bho Sgeama nam Bursaraidhean Gàidhlig aig UHI.

Am bliadhna, tha Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna an co-bhoinn ri Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle nan Eilean Siar air sia bursaraidhean, de luach £1000 gach fear, a thoirt seachad do dh'oileanaich OGE a tha a' tòiseachadh air a' chiad bhliadhna aca de phrògram tro mheadhan na Gàidhlig. Tha ceithir de na bursaraidhean air am maoineachadh le OGE agus Comhairle na Gàidhealtachd; tha na dhà eile air am maoineachadh le OGE agus Comhairle nan Eilean Siar.

Tha dithis de na h-oileanaich soirbheachail aig Colaiste Inbhirnis, a tha na pàirt de OGE, tha dithis aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach agus dithis aig Colaiste a' Chaisteil, Steòrnabhagh. Tha na h-oileanaich uile a' leantainn fear de thrì cùrsaichean Gàidhlig: CertHE Cùrsa Comais/Conaltraidh, BA (Hons) Gàidhlig is Iomall a' Chuain Siar no BA (Hons) Cànan is Cultar.

Lìon luchd-iarrtais foirmichean air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean is iad an dòchas gum faigheadh iad duais a chuidicheadh iad le teachd beò agus le bhith a' ceannachd leabhraichean agus uidheamachadh airson an cùrsa.

Thuirt Comhairliche Seumas Friseal, Cathraiche Comataidh Thaghte na Gàidhlig, "Tha mi air mo dhòigh gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd ag obair còmhla ri OGE gus duaisean a bhuileachadh air oileanaich aig a bheil miann air Gàidhlig ionnsachadh taobh a-staigh lìonra OGE. Tha fios agam gu bheil e fain-ear aig na h-oileanaich a fhuair na bursaraidhean dhol nan tidsearan agus nì seo feum do fhoghlam na Gàidhlig air a' Ghàidhealtachd."

Thuirt cathraiche Bòrd nam Bursaraidhean, Jean Urquhart, "Aig na h-amannan teann an seo, nì na duaisean de £1000 seo diofar mòr dha na h-oileanaich a tha làn airidh orra. 'S ann aig an fheadhainn a fhuair na bursaraidhean a bhios buaidh air a' Ghàidhlig san àm ri teachd is iad nan tidsearan, nan sgrìobhadairean is nan luchd-craolaidh."

Tha UHI agus an dà Chomhairle a' meas na sgeama seo mar airgid tasgaidh gu math measarra a leasaicheas san àm ri teachd cànan is cultar na Gàidhlig ann an Alba.

Tha Sgeama nam Bursaraidhean Gàidhlig aig OGE a-nis na còigeamh bliadhna. Tha i air 44 bursaraidhean a thoirt seachad gu ruige seo.