Air Diciadain 18 Damhair 2000 chuir Sabhal Mòr Ostaig ainm ri Meòrachan Tuigsinn a' dearbhadh còmhla ri Oilthigh Eilean a' Phrionnsa gum bi an dà ionad a' toirt sùil gheur air cothroman airson co-obrachadh a thaobh leasachaidh agus rannsachaidh. Bidh turasan cultarail don dà chuid luchd-obrach agus oileanaich air an cur air dòigh eadar an dà àite còmhla ri co-obrachadh ann a bhith a' dèanamh suas agus a' toirt seachad prògraman foghlaim, gu sònraichte a thaobh eileanan. Tha Iain Mac a' Phearsain, òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig - fear aig a bheil cuideachd ann an Eilean a' Phrionnsa - air cùrsa Gàidhlig a thoirt seachad san Eilean sin agus tha planaichean ann gus a leithid seo a leudachadh.
A' bruidhinn aig soidhnigeadh a' Mheòrachain ann an Sabhal Mòr Ostaig aig àm Eileanan VI - co-labhairt mhòr eadar-nàiseanta air eileanan beaga, a chaidh a chumail san Eilean Sgitheanach airson a' chiad uair - thuirt Iain T MacLeòid, Ceannard Foghlaim aig a' Cholaiste "Tha e air leth cudthromach gun tig gnìomhan a-mach à ceanglaichean mar seo eadar Gaidhealtachd na h-Alba agus Eilean a' Phrionnsa agus an co-obrachadh eile againn le Eilean Cheap Breatainn agus gum faigh iad taic làidir aig ìre phoilitigeach, fhoghlamach agus choimhearsnachd. Tha dualchas coitcheann againn agus gun teagamh sam bith agus tha am miann ann, a bhith ag ionnsachadh bhon eòlas choitcheann sin." Chaidh crìoch a chur air an t-soidhnigeadh tro inneal co-labhairt bhideo agus thug an t-Oll Ed Domhnallach, a tha teagasg Eachdraidh ann an Oilthigh Eilean a' Phrionnsa, tarraing air na ceanglaichean eachdraidheil leis an Eilean Sgitheanach. Dh'ainmich e cho cudthromach 's a bha am Meòrachan aig an àm seo agus an comharrachadh a' tighinn ann an 2003 den 200 bliadhna bho ràinig na "Selkirk Settlers" Eilean a' Phrionnsa - 800 duine, a chuid as motha dhiubh às an Eilean Sgitheanach. Thuirt e "gu robh Eilean a' Phrionnsa agus an t-Eilean Sgitheanach coltach ri chèile, mar eileanan beaga air oir saoghail nas motha......a' dèanamh cinnteach gu bheil fhios againn cò sinn."