OBAIR 'S EUCHDAN AN T-SABHAIL GAM MOLADH AIG A' CHEUMNACHD

Dealbh air luchd-ceumnachaidh an t-Sabhail Mhòir 2005

Mhol Donalda NicFhionghuin obair agus euchdan Sabhal Mòr Ostaig nuair a thug i seachad òraid aig Ceumnachd na colaiste Dihaoine sa chaidh (30.09.05), agus an àireamh as àirde de dh' oileanaich riamh a' ceumnachadh. Thuirt Donalda, a tha còmhla ri Magaidh Choineagan os cionn phrògraman is sheirbheisean aig BBC Alba, gum bu chòir misneachd a bhith aig a h-uile gin de na h-oileanaich 's iad an impis aghaidh a chur ris an t-saoghal mhòr.

Ann an òraid fharsaing thuirt i: "Tha fhios againn, a dh'aindeoin gach adhartais gu bheil àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig fhathast a' tuiteam agus gu bheil an ginealach as sine, anns a bheil 's dòcha a' mhòr-chuid de luchd-bruidhinn na Gàidhlig, a' sìoladh air falbh bhuainn. Gu dearbh 's iomadh uair a chuala mi feadhainn a bhuineas don ghinealach ud a' caoidh nach robh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig gach ìre ri fhaighinn nuair a bha iadsan òg, neo nuair a bha an cuid chloinne-san òg (sin an ginealach agamsa), nuair a bha a' Ghàidhlig na bu treasa aig ìre coimhearsnachd na tha i an-diugh.

"Ach tha sinn far a bheil sinn. Saoilidh mi coimhead air ais 's dòcha air an aon làimh gun do dh'adhbharaich am mì-rùn cion misneachd gun teagamh ach cuideachd, agus tha seo 's dòcha fìor fhathast, gun tug buaidh na h-ana-ceartais cus neart bhuainn agus gun tàinig rud ris an canar sa Bheurla 'victim complex' oirnn. Saoilidh mi gu bheil seo buailteach daoine fhàgail ann an suidheachadh far a bheil e eu-comasach dhaibh an cuid innleachdan air fad a chur gu feum gus adhartas nas fheàrr a chosnadh."

Bhruidhinn Donalda air mar a tha piseach mòr air tighinn air craoladh Gàidhlig, agus air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Thuirt i cuideachd gu robh Sabhal Mòr airidh air moladh airson mar a chur a' cholaiste ris an adhartas seo.

Lean i oirre: "Sabhal Mòr Ostaig: neamhnaid luachmhor dha-rìribh ann am paidirean foghlam na Gàidhlig le foghlam agus cùrsaichean a' cosnadh cliù, urram agus dhuaisean ann an iomadh ceàrnaidh agus a' tàladh oileanaich bho air feadh an t-saoghail. Aig a' cheann thall, tha toradh an t-soirbheachaidh sin ri fhaicinn ann an iomadh àit'-obrach le luchd-ceumnachaidh gan dearbhadh fhèin aig a h-uile ìre ann an obraichean eadar-dhealaichte. Tha sin follaiseach anns a' BhBC agus meas mòr air tàlantan agus ionnsachadh nan daoine sin agus bho chionn seachdain no dhà aon dhiubh sin air obair aig fìor àrd ìre a chosnadh dha fhèin."

Chomhairlich an craoladair do na h-oileanaich a bhith misneachail annta fhèin. Thuirt i: "Tha e gu mòr an urra ribhse tòrr dhen adhartas a chaidh a dhèanamh gu ruige seo a leantainn agus gu dearbha togail air. Ma leanas sibh obair anns am bi sibh a' cleachdadh na Gàidhlig bho latha gu latha, bidh sin mìorbhaileach, oir tha feum oirbh.

"Mura tig cothroman an sin agus ma thèid sibh a raointean eile, leis an t-soirbheachadh a leanas sibh gun teagamh, bheir an eisimpleir seachad a teachdaireachd fhèin agus 's e cothrom a th' ann ìomhaigh na Gàidhlig agus mothachadh dhi a thoirt do na raointean sin."

A' bruidhinn air a' bhliadhna foghlaim a chaidh seachad, thuirt Iain Tormod MacLeòid, Ceannard an Fhoghlaim: "'S e bliadhna shoirbheachail eile a tha air a bhith aig a' Cholaiste, le mu naochad oileanach clàraichte air na cùrsaichean ceum Gàidhlig ann an 2004/05 agus an àireamh as motha riamh a' ceumnachadh aig deireadh na bliadhna acadaimigeach (45) agus le 12 dhiubh sin a' cosnadh ceum le urram.

"Chaidh adhartas math a dhèanamh le raointean eile de dh'obair na Colaiste cuideachd, gu h-àraidh ann an rannsachadh agus obair sgoilearachd agus bha e math a' bhith a' comharrachadh soirbheachadh luchd-obrach le dithis a' cosnadh MBA bho Oilthigh Heriot Watt sa bhliadhna a chaidh seachad. Bhathar moiteil cuideachd gun do bhuannaich an Cùrsa Inntrigidh aig Sabhal Mòr Ostaig dà dhuais nàiseanta anns a' bhliadhna a chaidh seachad. Tha an soirbheachadh seo an urra gu mòr ris an obair chruaidh a rinn oileanaich, luchd-teagaisg agus luchd-obrach gu lèir."

A bharrachd air na teisteanasan a chaidh a bhuileachadh, thugadh ceithir duaisean seachad. B' iad: Duais Ionadail an SQA a fhuair Mànus Greumach, bho Breacais Iosal san Eilean Sgitheanach, airson comharraidhean iomlan as àirde air cùrsaichean an SQA; Duais Chomunn na Gàidhealtachd Lunnainn a fhuair Des Moore airson Adhartas ann an Gàidhlig; Duais Cuimhneachaidh Anna NicDhonnchaidh a fhuair Màiri NicNeacail bho Shlèite airson cur air adhart amasan na Colaiste agus tachartasan mun Cholaiste; agus Duais Chomunn na Gàidhlig a fhuair Tim Armstrong agus Megan Breece bho na Stàitean Aonaichte airson a bhith a' cur air adhart chòraichean agus dualchas na Gàidhlig.