Ceumanachd an t-Sabhail

This in English

Chomharraich Sabhal Mòr Ostaig soirbheachadh nan oileanach aige Dihaoine 'sa chaidh aig Ceumanachd 2000 ann an Arainn Chaluim Chille. Bha an Ceumanachd am bliadhna sònraichte buileach agus sianar oileanach a' ceumanachadh le B.A. ann an Gàidhlig airson a' chiad turas.

Chuir Iain T. MacLeòid, Ceannard an Fhoghlaim, meal an naidheachd air na h-oileanaich, "tha sinn fìor mhoiteil as na h-oileanaich air fad.........tha iad air a bhith air leth dìleas agus dìcheallach agus tha iad air mòran a chur ri cliù an ionaid seo", agus chaidh e air adhart gu gach soirbheachadh a ghuidhe dhaibh, "tha cothrom aca a bhith nan luchd-iùil iad fhèin ann an dreuchdan ùra agus an cuid eòlais a chur an sàs anns na coimhearsnachdan far an suidhich iad iad fhèin".

Air a' bhliadhna seo tha a' Cholaiste air a mhisneachadh gu mòr 's barrachd oileanaich na bha riamh air an clàradh air prògraman làn-thìde.

'S e Mgr Ailig MacDhòmhnaill, Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar a thug seachad Oraid na Ceumanachd 's dh' ainmich e cho cudthromach 's a tha Sabhal Mòr Ostaig ann an saoghal foghlam na Gàidhlig.

Thugadh tarraing sònraichte cuideachd air Iona NicDhòmhnaill, Rianaire Acadeimigeach na Colaiste a fhuair B.A. bhon Oilthigh Fosgailte, agus air Tormod MacGilliosa, Stiùiriche na Colaiste, a fhuair ceum urramach bho Oilthigh Obar Dheathain am bliadhna.