A' CHIAD CHEUMNACHADH AIG IONAD CHALUIM CHILLE ÌLE

Dealbh air an luchd-ceumnachaidhDealbh air latha a' Cheumnachaidh


'S e latha mòr a bh' ann an Disathairne 14mh An Gearran nuair a chaidh a' chiad Cheumnachadh dhe oileanaich a chumail le Ionad Chaluim Chille Ìle.

Chaidh teisteanasan a thoirt seachad le Brian MacUilleim BP air an latha dha cha mhòr 100 oileanach a bh' air cùrsaichean Gàidhlig agus clasaichean oidhche a dhèanamh aig an Ionad bhon a chaidh fhosgladh gu h-oifigeil san t-Sultain 2002. Tha seo a' gabhail a-staigh a' Chùrsa Inntrigidh agus a' Chùrsa Chomais, a bharrachd air cùrsaichean goirid agus clasaichean oidhche ann an Gàidhlig aig gach ìre.

Dealbh air oileanaich an IonaidBha clàr ùr cuideachd air fhoillseachadh taobh a-muigh an Ionaid mar urram dha Brian MacUilleim airson a' bhrosnachaidh 's na taice a tha e air toirt dha Ionad Chaluim Chille Ìle thar na bliadhnaichean, agus choisinn Elma Paton duais shònraichte air a thoirt seachad le Co-roinn Gàidhlig Ìle, Dhiùra is Cholbhasa mar an t-oileanach a rinn an t-adhartas bu mhotha ann an Gàidhlig.

Mar a thuirt Dòmhnall Angaidh MacIllinnein, Manaidsear an Ionaid, "Tha e air leth misneachail dha obair an Ionaid faicinn an uimhir de dhaoine a' faighinn teisteanasan Gàidhlig, agus tha mi a' cur meal an naidheachd air na h-oileanaich air fad leis cho dìcheallach 's a dh' obraich iad ann a bhith a' neartachadh an cuid Ghàidhlig. Tha mi a' coimhead air adhart ri mòran làithean brèagha eile mar seo san àm ri teachd".