AN ÀIREAMH AS MOTHA DE LUCHD-CEUMNACHAIDH ANN AN EACHDRAIDH AN T-SABHAIL

Cheumnaich 48 oileanach am-bliadhna - an àireamh as motha a cheumnaich ann an eachdraidh an t-Sabhail. Cuideachd, airson a’ chiad turas, cheumnaich oileanaich bhon MA ann an Cultar Dùthchasach ‘s an Àrainneachd agus bhon Chùrsa Adhartais.

Cheumnaich ceathrar am-bliadhna bhon fhor-cheum MA Cultar Dùthchasach ‘s an Àrainneachd, a thòisich ann an 2005 gus tuigse fhaighinn air beatha shòisealta agus eacanomaigeach na Gàidhealtachd is nan Eilean tron chultar dhùthchasach aca. Cheumnaich ceathrar oileanach a bharrachd bhon Chùrsa Adhartais, a tha a’ leantainn bhon Chùrsa Inntrigidh, ‘s a tha co-ionnan ris a’ Chùrsa Chomais, a’ chiad bhliadhna dhe Sgeama Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte.

B’ e Máire Ní Annracháin a thug seachad òraid na h-oidhche. Tha Máire na h-òraidiche àrd-ire aig Oilthigh na h-Èireann, Mà Nuad, ‘s i air a bhith na h-urrasair dhan t-Sabhal Mhòr airson còrr is bliadhna. Mhol i an Sabhal “mar eisimpleir den obair leasachaidh as fheàrr a ghabhas a dhèanamh airson coimhearsnachd na Gàidhlig agus airson a’ chànain fhèin”. A’ brosnachadh an luchd-cheumnachaidh thuirt i ”Is math a thagh sibh nuair a thagh sibh a’ cholaiste seo; is math a rinn sibh anns an sgoileireachd; agus is math a shocraich sibh nuair a chuir sibh earbsa anns a’ Ghàidhlig”.Ceumnachd 08

Bha facal no dhà aig an t-Siorram Ruaraidh Iain MacLeòid, Cathraiche Bòrd Urras na Colaiste ri ràdh cuideachd. Mhol e na h-oileanaich agus ghabh e an cothrom taing mhòr a thoirt dhan Stiùiriche Tormod MacGilliosa airson a’ chuid obrach thar 25 bliadhna is e a’ leigeil dheth a dhreuchd aig deireadh na bliadhna.

Ag ainmeachadh nan leasachaidhean a thachair tron bhliadhna, thuirt Stiùiriche an Fhoghlaim, Iain Tormod MacLeòid, “’S e bliadhna shoirbheachail eile a bha aig a’ Cholaiste leis an togalach Fàs, an t-Ionad Cruthachail agus Cultarail, dha fhosgladh agus Sabhal Mòr Ostaig a’ buanachadh Duais CILT airson Chànanan Eòrpach. Ann a bhith a’ leasachadh chùrsaichean, bha cudrom mòr air sgilean a tha a’ freagairt air iarrtasan na Gàidhlig san là an-diugh, le mar eisimpleir an MA/MA le Urram ann an Gàidhlig le Foghlam a’ cur ri feumalachd foghlam na Gàidhlig agus iomairtean nàiseanta airson barrachd oileanach a thàladh gu teagasg.”

Thugadh seachad duais ùr am-bliadhna, duais chuimhneachaidh an Ollaimh Fearchar Mac an Tòisich, nach maireann, a bha na Chathraiche air Bòrd Urras na Colaiste airson 16 bliadhna. B’ e Eleanor NicDhùghaill a choisinn an duais airson sàr obair acadaimeagach.

Thugadh còig duaisean sònraichte a bharrachd seachad.  B’ iad sin: duais Oileanach na Bliadhna a fhuair Timothy Armstrong; duais Chomunn na Gàidhlig, airson a bhith a' cur air adhart chòraichean agus dualchas na Gàidhlig a fhuair Janni Diez; Duais  Chomunn Gàidhealach Lunnainn a fhuair Ingeborg Birnie is Eòin Dòmhnallach airson adhartas ann an Gàidhlig; Duais Chuimhneachaidh Anna NicDhonnchaidh a fhuair Caomhainn MacLachlainn airson a bhith a’ cur air adhart amasan na Colaiste agus thachartasan mun Cholaiste; agus mu dheireadh, duais Ionadail an SQA a fhuair Lisa Annette agus Jacqueline NicIlleathain airson nan comharraidhean iomlan as àirde air cùrsaichean an SQA.

Bruth an seo airson sealltain air an Òraid na Ceumnachd le Máire Ní Annracháin