SABHAL MÒR OSTAIG A' CUR MEAL-A-NAIDHEACHD AIR LUCHD-CEUMNACHAIDH 2003

Dealbh Luchd-Ceumnachaidh 2003

Chaidh Ceumnachd Sabhal Mòr Ostaig a chumail an t-seachdain seo chaidh (03.10.03) is e a' toirt bliadhna air leth soirbheachail dhan Cholaiste gu crìch.

'S e Donnchadh MacFhearguis, Cathraiche Bòrd na Gàidhlig agus Ceannard Àrd Sgoil a' Phluic, a thug seachad Òraid na Ceumnachd am-bliadhna is thug e iomradh air mar a bha a' Cholaiste air fàs on a thòisich i o chionn deich air fhichead bliadhna:

"Tha a' Cholaiste seo air cliù a chosnadh, chan ann dìreach mar ionad àrd-fhoghlaim ach mar àite-cruinneachaidh nan Gaidheal. Chaidh an cliù sin a chomharrachadh le Duais na Bànrigh agus air sgàth saoghal na Gàidhlig tha mi a' guidhe gach soirbheachas do na h-Urrasairean, don sgioba-riaghlaidh, luchd-obrach is oileanaich na Colaiste."

Ach 's e obair agus soirbheachas nan oileanach as motha air an robh Mgr MacFhearguis a' bruidhinn agus an t-àite cudthromach a bhiodh aca ann a bhith a' brosnachadh agus a' leasachadh na Gàidhlig. Bha na briathran seo air an dearbhadh nuair a cheumnaich sianar oileanach le Ceum le Urram airson a' chiad uair, 's triùir dhiubh air dhol air adhart gu cùrsa teagaisg agus an dòchas teagasg sa Bhunsgoil. Ann a bhith cur meal-a-naidheachd air na h-oileanaich, dh'ainmich Mgr MacFhearguis gum biodh Bòrd na Gàidhlig a' toirt taic do dh'oileanaich a bha ag iarraidh a dhol a-staigh gu teagasg:

"Tha gainnead thidsearan fhathast a' cur bacadh air leasachaidhean na Gàidhlig 's mar chuideachadh tha sinne mar Bhòrd a' dol a chur £20,000 do dh'urras a bheir taic do dh' oileanaich a tha sùileachadh a bhith nan tidsearan gus trèanadh fhaighinn aig ionad fo sgèith Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna. Tha mi toilichte gun urrainn dhomh an deagh naidheachd sin innse aig a' chuirm seo."

As dèidh na Ceumnachd, thuirt Iain T MacLeòid, Ceannard an Fhoghlaim aig Sabhal Mòr Ostaig:

"Tha e a' toirt mòr thoileachas dhomh a bhith faicinn na h-oileanaich a' ceumnachadh an-diugh agus gu sònraichte a bhith a' cur meal-a-naidheachd air a' chiad oileanaich a tha air ceumannan le urram a chosnadh san ionad seo. Tha e na phrìomh amas aig Sabhal Mòr Ostaig a bhith na shàr ionad airson na Gàidhlig agus oileanaich a mhisneachadh agus a bhrosnachadh airson làn-phàirt a ghabhail ann an leasachadh a chànain, ann an saoghal obrach agus anns an t-saoghal mhòr. "

Dealbh a' chiad oileanaich a tha air ceumannan le urram a chosnadh bho SMO                Mairead NicIomhair a' toirt seachad Duais Chomunn na Gàidhlig do Mhàiri Parr bhon Bhlar Dhubh
A' chiad oileanaich a tha air ceumannan le urram a                        Mairead NicIomhair a' toirt seachad
chosnadh bho Shabhal Mòr Ostaig (bhon chùl):                              Duais Chomunn na Gàidhlig do
Marion NicAonghais, Scott Dòmhnallach, Sìne NicCoinnich,                 Mhàiri Parr bhon Bhlar Dhubh
Gwen NicGuaire, Siùsaidh NicNèill agus Lynsey NicDhòmhnaill