CEUMNACHD AN T-SABHAIL 2004

Dealbh air na h-oileanaich a cheumnaich à Sabhal Mòr Ostaig am-bliadhna

Thug Ceumnachd Sabhal Mòr Ostaig, a chaidh a chumail aig toiseach an Dàmhair, bliadhna shoirbheachail eile gu crìch.

B' e an t-Ollamh Rob Ò Maolalaigh à Instituid Ard-lèinn Bhaile Àtha Cliath a thug seachad Òraid na Ceumnachd am-bliadhna agus ann a bhith a' cur meal an naidheachd air na h-oileanaich a cheumnaich chuir e nan cuimhne cho cudromach 's a bha an ceum a choisinn iad:

"Tha sibhse air cur gu mòr ri saoghal na Gàidhlig, ri saoghal na Gàidhealtachd agus gu dearbha ri saoghal na h-Alba anns an fharsaingeachd. Tha mi an dòchas gun cùm sibh oirbh a' dèanamh sin."

Bhruidhinn e cuideachd air cho cudromach 's a bhios ceanglaichean eadar Èirinn is Alba:

"Is math is fhiach dhuibh cuimhneachadh gu bheil càirdean agaibh ann an Èirinn a tha an ìre mhath anns an aon suidheachadh is a tha sibh fhèin: Gàidheil a tha a' strì an aghaidh chumhachdan a bhuineas dhan t-saoghal mhòr. Tha mòran as urrainn do Ghàidheil an dà dhùthaich ionnsachadh bho chèile."

Dh'ainmich Iain T MacLeòid, Ceannard an Fhoghlaim aig Sabhal Mòr Ostaig, na duaisean a choisinn Roinn Foghlam Fad Beatha na Colaiste:

"Bho chionn ghoirid bhuannaich an Cùrsa Inntrigidh duais Eòrpach CILT airson chànanan agus bhuannaich iad cuideachd a' phrìomh dhuais a tha air a thoirt seachad bho Routledge, airson a' chùrsa chànain inbheach as fheàrr airson na bliadhna."

Bhruidhinn e cuideachd air an sgrùdadh a chaidh a dhèanamh air na cùrsaichean ceuma Gàidhlig agus Cùrsa Telebhisean is Ioma-meadhan:

"A' cleachdadh shlatan-tomhais nàiseanta, cho-dhùin an QAA gu robh na h-ìrean acadaimigeach agus na cothroman oideachaidh ionmholta agus aig an ìre as àirde a thaobh deagh-ghnè agus gu robh an Cùrsa Comais aig ìre bharraichte a thaobh teagaisg agus ionnsachaidh. Tha an aithne bho na sgrùdaidhean agus na duaisean fìor chudromach dhan t-Sabhal Mhòr, dhan Ghàidhlig agus dha Institiud OGE na Mìle Bliadhna air an t-shlighe gu tiotal Oilthigh . Tha an soirbheachadh seo uile cuideachd mar thoradh air saothair an luchd-obrach agus nan oileanach gu lèir."