Dàrna Ceumnachd Fichead an t-Sabhail Mhòir

Cha b’ e ach molaidhean a bh’ aig Neasa Ní Chinnéide, Ceann-suidhe am Biùro Èorpach airson Mion-chànain, ‘s i a’ bruidhinn aig an dàrna ceumnachd fhichead aig Sabhal Mòr Ostaig an t-seachdain sa chaidh. [06.10.06]  ceumnachd206Cheumnaich 39 oileanaich às dèidh bliadhna shoirbheachail eile aig Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig.  

Bhruidhinn Neasa air Fuaimean na h-Eòrpa far an tug i misneachd dha na h-oileanaich cumail orra ‘s iad a’ feuchainn air an cànan is an cultar a bhrosnachadh.

“Seo sinne ann an Sabhal Mòr Ostaig, àrainneachd far a bheil sibh ag oidhirpeachadh gus ur n-amasan a choileanadh a thaobh ur cultar sònraichte a chomharrachadh ‘s a neartachadh, ‘s tha mi ‘n dòchas gum beir sibh air na h-amasan sin a chuir sibh fhèin mu ur coinneimh.”

Mus robh i san dreuchd le EBLUL, bha Neasa os cionn phrògraman Gaeilge le RTE airson iomadach bliadhna agus bha i na Cathraiche air Fèis Cheiltis airson Fiolm agus Telebhisein.  An-diugh, tha i cuideachd a’ suidhe air Bòrd-stiùiridh Taigh-chluiche Nàiseanta an t-sluaigh ann an Èirinn agus bidh i ag obair mar neach-comhairle anns an roinn chànanachais.  Tha i pòsda ri John Hegarty, a tha na Phròbhaist aig Colaiste Thrianan Bhail’ Àtha Cliath.

Chùm i oirre ag ràdh, “Tha mi’ n dòchas gun lorg sibh na dòighean agaibh fhèin air deànamh cinnteach gum bi fuaimean na h-Eòrpa cho ioma-chànanach ‘s a b’ àbhaist agus, mar choimhearsnachd de thidsearan ‘s de sgoilearan ‘s de chraoladairean, gun cùm sibh sùil gheur air na leasachaidhean a tha fo sheòl an-dràsta.  Tha sinn air a bhith a’ feuchainn cho fada; tha mìltean rin coiseachd agus fheallaidhean rin cumail fhathast. “

A’ bruidhinn air a’ bhliadhna a chaidh seachad, thuirt Iain Tormod MacLeòid, Ceannard an Fhoghlaim: "Tha a' cheumnachd air crìoch a chur air bliadhna shoirbheachail eile don Cholaiste, aig a bheil an uiread as motha de dh'oileanaich làn-tìde 's a bh' aice riamh. Bha an òraid aig Neasa air leth iomchaidh agus na brosnachadh do na h-oileanaich a tha a-nis uidheamaichte leis na sgilean a leigeas leotha barrachd neart a thoirt don chànan is don chultar a bha iad a' rannsachadh an seo aig SMO."

Bha facal no dhà aig Fearchar Mac an Tòisich ri ràdh cuideachd, aig seo a’ cheumnachd mu dheireadh aig am bruidhneadh e.  Tha Fearchar na Chathraiche air Bòrd Urras na Colaiste agus bidh e a’ leigeil dheth a dhreuchd sa ceumnachd06Mhàrt an ath bhliadhna às deidh còig bliadhna deug de dh’obair ionmholta airson na Colaiste.

A bharrachd air na teisteanasan a chaidh a bhuileachadh, thugadh ceithir duaisean sònraichte seachad.  B’ iad: duais Oileanach na Bliadhna agus duais Chomunn na

Gàidhlig, airson a bhith a' cur air adhart chòraichean agus dualchas na Gàidhlig a fhuair Iseabail Nicilleathain; Duais Chomunn na Gàidhealtachd Lunnainn a fhuair Raonaid Alcorn airson Adhartas ann an Gàidhlig; Duais Cuimhneachaidh Anna NicDhonnchaidh a fhuair Magaidh Harrison agus Ùna NicLeòid airson a bhith a’ cur air adhart amasan na Colaiste agus tachartasan mun Cholaiste; agus mu dheireadh, duais Ionadail an SQA a fhuair Màiri NicNeacail agus Lorena Fhriseil airson comharraidhean iomlan as àirde air cùrsaichean an SQA;


Ceanglaichean gu Òraid 2006

Oraid ann an Gàidhlig    Oraid ann an Beurla   Oraid ann an Gaeilge