|
AN CÙRSA INNTRIGIDH A' TOIRT BUAIDH FAD IS FARSAING
Tha
faisg air 500 duine air crìoch a chur air a'
Chùrsa Inntrigidh bhon a thòisich e mar sgeama-pìleit
o chionn còig bliadhna, agus aig ceumnachd Disathairne (6/11/2005)
thug 44 oileanaich a-mach teisteanas-crìochnachaidh bho Shabhal Mòr
Ostaig, cuid dhiubh bho cho fada air falbh ri Ameireaga, Astràilia
agus a' Ghearmailt.
Tha an cùrsa - a tha air a lìbhrigeadh aig astar agus a tha 'g amas air fìor luchd-tòiseachaidh a tha ag iarraidh Gàidhlig ionnsachadh - a' dol bho neart gu neart agus thuirt Patricia Jacob a chuir crìoch air a' Chùrsa Inntrigidh am-bliadhna: "Tha mi a' moladh a' chùrsa seo gu mòr do dhuine sam bith a tha ag iarraidh cànan eireachdail ionnsachadh, le cuideachadh bho iomadach tidsear comasach agus taiceil."
Fhuair an cùrsa duais Eòrpach an-uiridh, duais a thathar a' toirt seachad do bhuidhnean is phròiseactan a tha air innleachd a shealltainn ann a bhith teagasg chànanan. Bha 13 oileanaich an làthair aig Sabhal Mòr Ostaig Disathairne airson nan teisteanasan aca fhaighinn bho Alison Dix, Ceannard Foghlam Fad Beatha, agus thuirt i: "Bha latha gu math tlachdmhor againn agus bha e cho math a bhith a' faicinn nan oileanach a' cruinneachadh còmhla, an dèidh a bhith ag obair cho cruaidh. Bha biadh is cèilidh ann às dèidh na ceumnachd agus chòrd seo ris a h-uile duine."
Seach gu bheil an cùrsa air a lìbhrigeadh aig astar, faodaidh daoine bho àite sam bith air an t-saoghal a dhèanamh, agus tha gu leòr dhiubh air a' chothrom seo a ghabhail. Thuirt Eairdsidh Caimbeul, Oifigear Leasachaidh a' Chùrsa Inntrigidh: "Tha sinn uabhasach toilichte gu bheil oileanaich againn air feadh an t-saoghail agus gu bheil a leithid de cheangal eatorra agus Gàidhlig. Tha cuid de dh'oileanaich a rinn an Cùrsa Inntrigidh a-nis mar oileanaich làn-thìde aig a' Cholaiste agus tha dùil againn ri tuilleadh."
'S e amas a' Chùrsa gum bi misneachd aig oileanaich Gàidhlig a chleachdadh agus tha barrachd cudrom ga chur air sgilean labhairt agus èisteachd seach air sgilean sgrìobhaidh. Tha leabhraichean-obrach le CDan an cois a' Chùrsa agus faodaidh oileanaich obrachadh uair sam bith a fhreagras orra fhèin. Thèid co-labhairtean fòn a chumail a h-uile seachdain gus cothrom a thoirt do dh'oileanaich còmhradh ri oidean agus ri oileanaich eile air a' Chùrsa. Tha sgoiltean ceann-seachdain air an cumail aig a' Cholaiste cuideachd airson gach earrann dhen chùrsa (tha trì earrannan ann).
Ged as ann do dh'fhìor luchd-tòiseachaidh a chaidh an Cùrsa Inntrigidh a dhealbh, tha dà shruth ann. Do chuideigin aig a bheil beagan Gàidhlig neo aig a bheil sgilean a thaobh chànanan, faodaidh iadsan sruth nas luaithe a dhèanamh dhen chùrsa. Faodaidh daoine a tha air crìoch a chur air a' chùrsa, agus dearbhadh ann an agallamh gu bheil iad comasach gu leòr a thaobh labhairt, cur a-staigh airson a' Chùrsa Chomais. Tha an Cùrsa Comais na phàirt de Sgeama na Gàidhlig agus Chuspairean Co-cheangailte a tha ga thabhann aig Sabhal Mòr Ostaig agus ionadan eile ann an Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna.
|