|
A' CHIAD CHOINNEIMH DE DH'URRAS LEASAICHAIDH SABHAL MÒR OSTAIG
Chaidh urras ùr a stèidheachadh airson taic a chur ris na planaichean, airson na milleanan de notaichean de dh’ ionmhais a thogail, airson tuilleadh leasachaidh air Sabhal Mòr Ostaig.
Bidh Urras Leasachaidh Sabhal Mòr Ostaig neo-eisimeileach bhon cholaiste agus mar a mhìnich Donaidh Rothach, Stiùiriche Leasachaidh na colaiste agus prìomh oifigear an Urrais, bidh an urras seo a’ gabhail thairis an iomairt airson airgead a thogail bho luchd taic agus buidhnean taiceil san roinn phrìobhaidich, dreuchd a bh’aig luchd-obrach na colaiste suas gu seo.
Choinnich na h-Urrasairean ùra airson a’ chiad turas aig Sabhal Mòr Ostaig Dimàirt sa chaidh (14.10.08) agus fhuair iad brosnachadh sònraichte leis an naidheachd gu bheil dà bhuidheann a th’air a bhith stèidhichte airson deagh ùine air an cuid airgid a chur a-steach dhan Urrais. Thàinig mu £300,000 bho Maoin Caidreachas nan Gàidheal agus còrr air £200,000 bho Urras na h-Aiseirigh a chaidh a chur air dòigh le Sir Iain Noble anns na 1970an.
Chaidh aontachadh an t-seachdain seo gum bi Dòmhnall MacCoinnich, a tha na stiùiriche air Clachairean Dhùn Bheagain, agus a bha air Urras na h-Aiseirigh, na chathraiche air an Urrais agus gum bi Murchadh Moireasdan bho Maoin Caidreachas nan Gàidheal, Brian MacUilleim a bha na Mhìnistear airson na Gàidhlig, Catriona NicLeòid a tha na neach-comhairle chun t-Seansalair nan Urrasairean cuideachd. Thèid Urrasairean a bharrachd an taghadh thairis air na mìosan ri tighinn.
|