|
SOLAS - COMANN CRÌOSDAIL OGE - AIR EILTHIREACHD GU EILEAN I
Thòisich Comann Crìosdail OGE "Solas" san t-Sultain 2007 aig Sabhal Mòr Ostaig (SMO) san Eilean Sgitheanach le beachd aig Caomhainn MacLachlainn a tha na Chaitligeach agus leam fhìn nam Lutharanach. Le sin is e buidheann eacumanagach a th' unnainn dhà-rìribh! Agus b' e seirbheis eacumanagach Ghàidhlig a' chiad rud a chuir mi air dòigh le Mgr. Seumas MacNèill agus an t-Urr. Iain Urchadan, is dòcha a' chiad tè a-riamh san Eilean Sgitheanach. Thàinig feadhainn dhen chlann aigBun-sgoil Shlèite a-nall cuideachd agus le sin bha mu 35 daoine an làthair. Thuirt Mgr. Seumas nach eil seirbheisean eacumanagach a' còrdadh ris mar as trice o chionn 's gu bheil an dà thaobh a' geàrradh sìos an cuid cleachdaidhean gus dèanamh cinnteach nach eil iad a' cur dragh air an taobh eile. Uill, tha mi toilichte ri ràdh nach ann mar sin a bha cùisean againne! Ghabh na Clèirich ri croise air an altair agus an "credo" air aithris agus na Caitligich ri sailm air am precenteadh m.e. Bha stiùiriche SMO, An t-Àrd Oll. Tormod MacIllìosa, còmhla rinn cuideachd.
Ro àm na Nollaig chuir mi eilthireachd air dòigh gu Eilean I. Tha sinn uabhasach taingeil airson taic-airgid a fhuair sinn bho UHISA is SMO agus chuir mi crannchur-gill air dòigh aig cèilidh cuideachd. Dh'fhalbh sinn le meanbh-bhus SMO air a' bhàta-aisig à Armadal agus an uair sin a-rithist eadar Loch Àlainn agus Eilean Mhuile. Ghabh sinn cupan tea ann an Tobar Mhoire mus deach sinn air a' bhàta gu Eilean I. Bha sinn a' fuireach ann an ostal-òigridh gu math snog a' coimhead a-mach air tràigh breàgha. Chaidh sinn gu aifhreann san Eaglais Chaitligeach bheag, gu seirbheis Phròstanach na paraiste agus gu seirbheis san seann abaid far a' bheil buidheann eacumanagach a-nis ris an canar "Coimhearsnachd Eilean I". Tha Naomh Colm Cille a' tachairt riut sa h-uile àite agus dh'ionnsaich sinn beagan mun an duine a thug Crìosdaidheachd a-nall a dh'Alba. Bha sinn cuideachd a' leughadh leabhar beag: "Soisgeul Eòin ann an Gàidhlig an là an-diugh" agus chum sinn deasbad bheag air ar creideamh le gloinne fion air an oidhche (faic an dealbh). Air an t-slighe air ais bha cothrom againn a-rithist coimhead beagan air Eilean Mhuile mus deach sinn air ais gu tìr mòr air an oidhche.
Tha sinn fhathast a' tighinn còmhla a h-uile Dimàirt aig 1f gus cabadaich agus ùrnaigh a dhèanamh. Aig amanan bidh daoine a' bruidhinn air ciamar a chaidh an iompachadh, ach dìreach ma tha iad ag iarraidh!
Chuir mi bocsa-fiosrachaidh air dòigh, far a bheil bileagan le fiosrachadh Crìosdail a' nochdadh agus far an tèid sanasachd a chur an àirde airson ar tachartasan. Is e an àth rud a chuir mi romham, fiolmaichean le buaidh spioradail a chuir air airson na h-oileanaich.
Is e "Solas" an t-ainm a th' air a' bhuidheann againn; mar a th' aig Ìosa ann an Soisgeul Eòin (8:12): "Is mise solas an t-saoghail!" Tha sinn a' cumail ris a' Ghàidhlig agus bhitheamaid uabhasach toilichte neach no dhà fhaicinn air VC às na h-Eileanan Siar, HTC no gu dearbha àite sam bith eile. Mura h-eil sibh a' faireachdain làidir gu leòr airson rudeigin a chantail sa Ghàidhlig faodaidh sibh tionndaidh gu Beurla cuideachd. Agus nan robh meur Beurla air tòiseachadh an àiteigin bhitheamaid ro thoilichte cruithneachadh ribhse bho àm gu àm cuideachd!
San fharsaingeachd b' fheàrr leam fhaicinn gun gabhadh a h-uile Crìosdaidh aig OGE pàirt ann! Chuir mi bruidheann air bhonn air [www.facebook.com]. Tha sinn ag iarraidh ur beachdan a chluinntinn. Siuthadaibh!
|