ÀRD-CHONSUL NA H-ÈIREANN A' TADHAL AIR SABHAL MÒR OSTAIG

Thadhail Àrd-Chonsul na h-Èireann, Cliona Manahan, air Sabhal Mòr Ostaig an t-seachdain sa fhad ‘s a bha i a’ tadhal air an Eilean Sgitheanach. Choinnich i ri Stiùiriche na Colaiste - Tormod MacGillÌosa is luchd-obrach eile agus fhuair i barrachd fiosrachaidh mu obair na Colaiste. Rè an turais bha an t-Àrd-Chonsul ag amas air tuigse nas fheàrr fhaighinn air cultar an Eilein le bhith a' coinneachadh ri diofar dhaoine de dhiofar aoisean agus à diofar àiteachan.

A bharrachd air Sabhal Mòr Ostaig, thadhail i air Caisteal Dùn Bheagain, Minginis, Taigh-tasgaidh Croit Chealaboist agus Port Rìgh far an cuala i ceòl traidiseanta le ceòladairean na sgìre. Às dèidh an turais arsa ise: “’S e turas inntinneach is cuideachail a bh’ agam dhan Cholaiste agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair gu math dlùth le Sabhal Mòr Ostaig fhad ‘s a tha mi ann an Alba. Mun Eilean Sgitheanach; ghabh mi iongnadh cho brèagha 's a tha an t-Eilean 's cho càirdeil 's a bha na daoine ris an do thachair mi.”

.