SEINNEADAIR GÀIDHLIG AIR TURAS A DH' ASTRÀILIA

Dealbh air Cairistìona PrimroseTha an seinneadair Gàidhlig ainmeil Cairistìona Primrose a' falbh air turas a dh' Astràilia gus ùidh sa chànan 's ann an seinn Ghàidhlig a bhrosnachadh, 's ùidh san dà chuid air a dhol am meud a rèir na h-àireimh de dhaoine a tha frithealadh chùrsaichean goirid an t-Sabhail Mhòir bhon dùthaich chèin seo o chionn ghoirid.

Fhuair Cairistìona, a tha teagasg 's a' sgrùdadh òrain Ghàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach, cuireadh bho Chomann Gàidhlig Bhictoria agus buidhnean eile a dhol a dh' Astràilia airson seinn is bùithtean-obrach a chumail. Tha i a' falbh Disathairne (5/11/05) agus bidh i ann fad mìos a' teagasg seinn Ghàidhlig agus a' seinn aig cèilidhean.

Thuirt Cairistìona: "Tha daoine à Astràilia air a bhith tighinn an seo gu na cùrsaichean goirid agus gu na cùrsaichean seinn, a' chuid as motha dhiubh a' tighinn gu na cùrsaichean seinn, ach cuid dhiubh airson na Gàidhlig fhèin. Agus o chionn dhà neo trì bhliadhna thàinig Joan Willis is an duine aice ('s ann à Bràgair a tha ise, tha i air a bhith thall an sin airson còrr is 40 bliadhna tha mi a' creidsinn) dhan t-Sabhal Mhòr, agus bha mise a' bruidhinn riutha agus bha iad a' cantainn gum biodh e math nan tiginn a-nall, bha sinn a' bruidhinn a-null 's a-nall. Agus an uair sin am bliadhna fhuair mi post-dealain ag ràdh gu robh iad air an t-airgead a chur ri chèile airson mo thoirt a-nall. Bhon, an comann aca, tha e ceud bliadhna a dh'aois am-bliadhna, Comann Gàidhlig Bhictoria. Thòisich e ann an 1905, agus tha iad a' comharrachadh 100 bliadhna, agus airson na seachdain seo tha iad gam thoirt a-nall. Agus tha cèilidh mhòr aca air an 12mh. Tha mise gu bhith seinn ann an sin, agus bidh mi a' gabhail bùithtean-obrach. Bidh seo uile timcheall Melbourne."

Thuirt Cairstìona, a tha à Càrlabhagh ann an Eilean Leòdhais, gum biodh i cuideachd a' dol gu Canberra far am bi i a' bruidhinn ri oileanaich aig Oilthigh Chanberra mu dheidhinn seinn Ghàidhlig agus far am bi i a' seinn aig cèilidh. Tha i an uair sin gu bhith seinn airson Comann Naomh Anndra ann an Sydney, agus a-rithist bidh Cairistìona a' gabhail tuilleadh bhùithtean-obrach ann an sin.

Agus a' bruidhinn air mar a tha ùidh sa Ghàidhlig air fàs ann an Astràilia thuirt Cairistìona: "Tha mi a' smaoineachadh gu bheil an ùidh a th' anns a' Ghàidhlig a' dol am meud ann an Astràilia. Tha mise a' gabhail ris mar a tha tachairt an seo agus mar a tha iad air tighinn dhan t-Sabhal Mhòr, gu h-àraid o chionn 3 neo 4 bliadhna air ais mhothaich mi air a' chùrsa agam gun robh barrachd a' tighinn ann."

Thuirt stiùiriche Sabhal Mòr Ostaig Tormod MacGilliosa, "Tha sinn uabhasach toilichte gu bheil cuideigin aig a bheil ceangal ris an t-Sabhail Mhòr a' falbh a-null thairis gus beagan de chultair is cànan na Gàidhlig a sgaoileadh. Agus tha seo a' togail air na daoine à Astràilia a tha air a bhith tighinn dha na cùrsaichean goirid againn o chionn bliadhna neo dhà."

Tha daoine bho Chomann Gàidhlig Bhictoria air a bhith aig Mòdan agus ghabh Raghnall MacAoidh (bhon Chomann) pàirt sa Mhòd Nàiseanta Rìoghail am-bhliadhna a-rithist.