CRANNGHAL

Chaidh obair ealain ùr a chur air bhog aig Àrainn Chaluim Chille air 23 Samhain 2006 leis an t-Oll. Richard Holloway, Cathraiche Comhairle nan Ealan. Leis an ainm Crannghal (a’ ciallachadh frèam curragh) chaidh an snaidheadaireachd a dhealbh leis na luchd-ealain ainmeil Will MacLean agus Arthur Watson. Chaidh a chur ri chèile ann am bùth-obrach Shnaidheadaireachd ann an Lumsden, Siorrachd Obar Dheathain.

Ga chur air bhog thuirt an t-Oll. Holloway gun robh Will MacLean agus Arthur Watson air obair ealain a thoirt dhuinn a bha a’ samhlachadh, ma dh’fhaodte, mar a mhìnicheadh an Abstol Pol neart air a dhèanamh foirfe tro laigse.

Thuirt an t-Àrd Oll. Tormod MacGilliosa, Stiùiriche an t-Sabhail, “Tha sinn da-rìreabh toilichte leis an obair ealain a fhuair sinn bho Will agus Arthur agus tha e air leth freagarrach suidhichte air beulaibh Àrainn Chaluim Chille a’ coimhead a-mach air Linne Shlèite. Bidh an obair ealain seo a’ samhlachadh diofar nithean do dhiofar dhaoine ach tha mise gu pearsanta ga fhaicinn mar chlach mhìle chudromach ann am beatha an t-Sabhail - a’ toirt urram dha na tha dèante mar thràth agus mar dhrochaid chun nan nithean a dh’fheumas a-nis tachairt ann an sìor leasachadh ar cànan ‘s cultar. Bidh an t-slighe uaireannan caran starrabach ach tha an turas an còmhnaidh inntinneach.

Bruth an seo airson leughadh "A ’ Chrannghail" a chaidh a sgriobhadh le Meg Bateman bhon t-Oll.

Òraid bho Richard Holloway

Aithisg bhon luchd-Ealain