|
CUIREAR FÀILTE CHRIDHEIL DO CHEUM ÙR ANNS A' GHÀIDHLIG AGUS CEÒL DUALCHASACH LE URRACHA MÒRA NAN GAIDHEAL
Chaidh
fàilte chridheil, le cuid den luchd-ealain eadar-nàiseanta as
iomraitiche againn, a chur air an naidheachd gu bheil ceum ùr anns
a’ Ghàidhlig agus Ceòl Traidiseanta gu bhith a’
tabhann bhon t-Sultain 2006 a-mach, aig Sabhal Mòr Ostaig. Airson a’
chiad turas a-riamh, gabhaidh ceòl, a tha dùthchasach don Ghàidhlig
bho thùs, ionnsachadh agus a rannsachadh gu ìre ceuma tro mheadhan
na cànaine fhèin.
Thuirt Julie Fowlis - a b’ àbhaist a bhith na h-oileanach aig an t-Sabhal Mhòr agus a tha a’ sìor chosnadh cliù ann an saoghal ceòl nan Gàidheal, bhuannaich i an duais ‘Horizon’ aig BBC Rèidio 2 mar ‘An Neach-Ciùil Folk as Fheàrr a tha a’ Nochdadh’ - “Tha e cianail fhèin math, cùrsa leithid seo fhaicinn, a tha a’ tighinn am bàrr airson luchd-ciùil agus seinneadairean òga, aig a bheil ùidh anns a’ chànain agus an cultur. Tha cùrsaichean air a bhith ann a cheana, ach cha robh gin dhiubh a’ cur a’ chiùil agus an dùthchais còmhla agus dha-rìribh ’s e rud a bha a dhìth a tha seo. Thèid aig seinneadairean agus luchd-ciùil air rathad a-steach fhaighinn don t-sàr-bheartas ciùil a th’ againn an lùib cànain agus dùthchas nan Gàidheil”.
Chuir Calum Dòmhnallach à Runrig ris na tha shuas, “’S e cothrom iongantach a tha seo do luchd-ciùil agus sgrìobhadairean òga às a h-uile ceàrnaidh, an dà chuid, taobh a-muigh agus taobh a-staigh na Gàidhealtachd; thèid aca air eòlas fhaighinn air rud a tha ro luachmhor. Bidh iad uidheamaichte leis na bhios iad air ionnsachadh, an cuid Gàidhlig, agus dùthchas ’s ceòl nan Gàidheil, airson a bhith a’ tòiseachadh le sùrd anns a bhith gan leasachadh fhèin mar luchd-ealain an là an-diugh. Tha Sabhal Mòr Ostaig na àite air leth airson a bhith a’ lìbhrigeadh leithid de chùrsa seo far am faighear bogadh anns a’ chànain agus ann an ceòl. Tha mi làn-chinnteach gum bi e glè chudthromach a-thaobh leasachadh iomadach luchd-ciùil òga a bhios a’ tighinn am bàrr.”
Chaidh cuideachadh a thoirt do Sabhal Mòr Ostaig le sgioba neo-eisimeileach de luchd-comhairle bho taobh a-muigh na colaiste a bha a’ toirt a-staigh cuid de na h-ealantaich as cliùitiche a th’ againn; cluicheadairean agus sgrìobhadairean-ciùil, sgrìobhadairean eile agus luchd-foghlaim. Nam measg, bha an t-sàr sgrìobhadair-ciùil, eòlaiche-ciùil agus neach-eachdraidh, An t-Oll. John Purser, còmhla ris-san bha Donnie Munro a b’ àbhaist a bhith na sheinneadair, na sgrìobhadair agus na neach-ciùil ann an Runrig. Cuideachd bha an clàrsair Alison Kinnaird; am pìobaire agus neach-eachdraidh Hugh Cheape; Niall Keegan agus Sandra Joyce bhon Irish World Music Centre ann an Oilthigh Luimnich; an sgrìobhadair-ciùil agus cluicheadair-piàna Alasdair Nicolson, am pìobaire Iain MacDhòmhnaill agus na seinneadairean Màiri Sìne Chaimbeul agus Cairistìona Primrose.
Mhìnich Iain Tormod MacLeòid, Ceannard an Fhoghlaim aig Sabhal Mòr Ostaig, gun deach beachdachadh, anns a’ chiad dol a-mach, air ceum a thabhann anns a’ Ghàidhlig agus Ceòl Traidiseanta, aig co-labhairt a chuir Sabhal Mòr Ostaig air dòigh ann an 1998, mar phàirt den sgeama Gàidhlig agus Sgrùdaidhean Co-cheangailte Rithe. Thuirt e: “Saoilidh sinn gu bheil sinn ann an suidheachadh air leth airson a bhith a’ tabhann foghlaim ann am modh ùr, togarrach agus anns a bheil co-theacsa. Air tàillibh ’s gu bheil sinn a’ tairgse foghlaim tro meadhan na Gàidhlig agus gu bheil sinn ann an suidheachadh far an cluinnear agus far am bruidhinnear a’ Ghàidhlig gar cuairteachadh a h-uile latha, ’s e coimhearsneachd a tha gu math togarrach, innsgineach a tha anns a’ cholaisde. Bidh an cùrsa seo a’ tarraing cuid de na cluicheadairean traidiseanta a tha cliùiteach air feadh an t-saoghail còmhla. Co dhiubh, tha tòrr chluicheadairean agus seinneadairean aig a’ cholaisde mar thà, agus, dha-rìribh, bidh an cùrsa seo a’ cuir ris na tha sin.”
Chuir Dougie Pincock, Stiùiriche an Ionaid Nàiseanta airson Sàr Chiùil Traidiseanta, faisg air a’ cholaisde anns a’ Phloc, fàilte air a’ chùrsa seo. Thuirt e: “Tha seo a’ cuir ris na tha sinne a’ dèanamh, ann an dòigh a tha glè thairbheach. Tha mi làn-chinnteach gum bi na tha seo, a’ toirt seachad slighe air adhart, a tha gu math ciallach do chuid de na h-oileanaich a tha, agus a bhios againn. Tha e a’ toirt dhuinn an cothrom a bhith ag obair ann an com-pàirticheas ri Sabhal Mòr Ostaig gus cothrom na Fèinne a thabhann don luchd-ciùil agus seinneadairean òga, tàlantach a tha againn.”
Faodaidh oileanaich sam bith aig a bheil ùidh anns a’ chùrsa
cuir a-steach air a shon. Bu chòir do na h-iarrtasan a bhith a’
cur gu Oifigear nan Iarrtasan aig (01471) 888304 air neo sm00mnl@uhi.ac.uk
|