|
CATHAIDH ANN NIC A' PHI AM MEASG BUIDHEANN DE SHÀR THIDSEARAN AIG CÙRSAICHEAN GOIRID NA BLIADHNA-SA AIG SMO
Tha an seinneadair ainmeil à Barraigh Cathaidh Ann Nic a’ Phì a’ tilleadh dhan chost an iar am-bliadhna mar aon de na sàr thidsearan a tha a’ teagasg aig cùrsaichean goirid an t-Sabhail Mhòir as t-samhradh.
A bharrachd air Cathaidh Ann, a tha a-nis a’ fuireach ann an Canada, thèid an t-seachdain fìdhleareachd, air a bheil fèill mhòr, aig Alasdair Friseal a chumail a-rithist agus bidh Patsy Reid, Coll Dòmhnallach agus Louise NicCoinnich ann còmhla ris. Air an aon seachdain bidh clasaichean cello le Natalie Haas agus Pauline Salmond, a thuilleadh air clasaichean dannsa-ceum còmhla ri Caroline Reagh agus Sandra NicDhonnchaidh.
Bidh Cairistìona Primrose agus Cathaidh Ann Nic a’ Phì a’ teagasg seinn Ghàidhlig, agus am measg nan clasaichean eile bidh an fhidheall le Charlie MacKerron agus Louise NicCoinnich, pìobaireachd còmhla ri Iain Mac a’ Phàidein agus Anndra Mac a’ Phearsain, an fhideag le Iain Dòmhnallach, a’ chlàrsach le Karen Marhalsay, am bogsa le Fergie Dòmhnallach agus Addie Harper, peantadh le Iseabail Mhoireach, am bodhran le Màrtainn Ó Nèill agus clasaichean dualchais mu Raibeart Burns agus an ceangal ris a’ Ghàidhealtachd leis an Dr Fred Freeman.
A bharrachd air seinneadairean is luchd-ciùil ainmeil, bidh sreath de chlasaichean Gàidhlig aig gach ìre bho an-dràsta gu deireadh an t-samhraidh air an teagasg le tidsearan aig a bheil deagh eòlas. Bidh cùrsaichean Gàidhlig ann airson luchd-labhairt na Beurla, na Gaeilge agus na Gearmailtis tro mhìosan an t-samhraidh.
Thuirt Dàibhidh Byrne, Co-òrdanaiche nan Cùrsaichean Goirid: “Tha mi air leth toilichte a bhith foillseachadh prògram de thachartasan cho math seo agus tha mi a’ coimhead air adhart ris an t-samhradh gu mòr. Tha na cùrsaichean Gàidhlig fad-seachdain gus a bhith fiù ’s nas fheàrr am-bhliadhna, agus tha e na thoileachas mòr dhomh fàilte a chur air Cathy Ann Nic a’ Phì a tha tilleadh dha na h-eileanan seo agus i a’ cur ri prògram de chùrsaichean goirid, a tha nar beachd-ne mìorbhaileach.”
Tha na cùrsaichean goirid a’ ruith gu deireadh an Lùnastail agus am measg nan cùrsaichean tha gan cumail tha: Gàidhlig, pìobaireachd, an fhidheall, dannsa-ceum, cello, am bocsa, peantadh, an fhìdeag, a’ chlàrsach agus tòrr a bharrachd. Tha na cùrsaichean goirid air a bhith gan ruith airson còrr is 30 bliadhna aig SMO.
“Tha na h-àireamhan a tha sinn a’ faighinn gach bliadhna nan deagh mholadh air na cùrsaichean,” thuirt Mgr Byrne. “Tha sinn air tòrr iarrtasan fhaighinn mu thràth am-bliadhna, ach tha àiteachan fhathast air fhàgail air cuid de na cùrsaichean. Tha daoine a’ tighinn bho air feadh an t-saoghail do na cùrsaichean goirid seo ’s iad a’ faighinn blasad de chultar is chànan nan Gàidheal, a bharrachd air a bhith ag ionnsachadh bho chuid dhen luchd-ciùil as fheàrr a th’ ann.”
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu na cùrsaichean goirid faicibh www.smo.uhi.ac.uk/cg
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu phrògram nan Cùrsaichean Goirid leigibh fios gu Dàibhidh Byrne air 01471 888240.
Fiosrachadh don luchd-deasachaidh:
AIRSON TUILLEADH FIOSRACHAIDH:
DAVID BYRNE AIR 01471 888240
|