|
LUCHD-CIÙIL EALANTA NA GAIDHEALTACHD A' TIGHINN GU SABHAL MÒR OSTAIG
Tha Sabhal Mòr Ostaig a' cur fàilte air seann eòlaich a bhios a' tilleadh dhan Cholaiste airson teagasg air na cùrsaichean goirid as t-samhradh. Bidh seann oileanaich na Colaiste am measg luchd-ciùil iomraiteach bho chuid de na còmhlain-ciùil as ainmeil ann an ceòl traidiseanta, a bhios a' toirt seachad oideachadh air na cùrsaichean goirid seo a tha air fàs gu mòr o chionn ghoirid.
Bhon 12mh-16mh den Iuchar, bidh Aonghas MacCoinnich agus Colm O' Rua ann le na gillean tàlantach eile a th' ann an Dàimh. Mar chòmhlan tha iad cho beothail ri gin a th' ann agus taghadh sgoinneil de dh' ionnstramaidean aca. Bidh Gabe McVarish a' teagasg na fidhle, Colm air a' bhanjo, Aonghas air a' pìob mhòir agus James Bremner a' teagasg a' bhodhran.
Air an aon seachdain bidh an còmhla-ciùil cliùiteach,
Cliar, ann còmhla riutha. Bidh na
seinneadairean Màiri Anna NicUalraig agus Magaidh Dhòmhnallach
a' cumail clas òrain Ghàidhlig. Bhon aon chòmhlan bidh
Ingrid NicEanraig a' toirt seachad oideachadh ann a' cluich a' phiana agus
cuideachd Ross Martin a' teagasg giotàr. A bharrachd air seo uile bidh
ceòladair na Colaiste, Iain Dòmhnallach, a' stiùireadh
clas duiseal.
Air
an dàrna seachdain, 19mh-23mh den Iuchar, bidh Julie Fowlis, Jenna
Reid, Eilidh NicLeòid agus Carol Anne NicAoidh bhon chòmhlan
òg, Dòchas, a' teagasg
clasaichean ann am pìobaireachd, fìdeag, fidheall agus clàrsach.
Tha Eilidh, Carol Anne agus Julie a' coimhead air adhart ri bhith tilleadh
dhan t-Sabhal Mhòr, "Chòrd an ùine againn sa Cholaiste
rinn uile gu mòr agus tha e an-còmhnaidh math tilleadh agus
daoine fhaicinn. Tha tòrr spòrs anns na cùrsaichean goirid
agus gu h-àraidh le Fèis an Eilein a' ruith aig an aon àm
is an t-àite a' cur thairis le daoine, tha faireachdainn sònraichte
ann."
Tha Sìm Innes, Co-Òrdanaiche Chùrsaichean Goirid aig Sabhal Mòr Ostaig, a' cur fàilte chridheil air an tachartas seo, "Tha e fìor mhath gu bheil còmhlain-ciùil cho ainmeil a' toirt oideachadh do dh'oileanaich. Tha e gu h-àraidh inntinneach gum bi na còmhlain ann cruinn còmhla agus is cinnteach gum bi cola-deug gu math beothail againn."
Gheibhear barrachd fiosrachaidh agus foirm-iarrtais airson fear de na cùrsaichean
goirid sgoinneil seo air làrach-lìn
nan cùrsaichean goirid no air a fòn aig 01471 888 240.
Tha cuid de na luchd-ciùil seo cuideachd rin cluinntinn air clàr na Colaiste, 'Ceòlmhor Ostaig'.
|