|
SABHAL MÒR OSTAIG A' FAIGHINN DEALBH HOWSON DE SHOMHAIRLE
Chaidh cur ri na h-ealain lèirsinneach aig Sabhal Mòr Ostaig o chionn ghoirid, le tiodhlac de dhealbh a rinn Peter Howson de Shomhairle Mac Gill-Eain, am bàrd a choisinn cliù eadar-nàiseanta agus aig an robh buaidh mhòr air eachdraidh na colaiste.
Chaidh an dealbh seo, a bhios na phàirt de stòras ealain an t-Sabhail Mhòir, a thoirt seachad do Stiùiriche na colaiste, an t-Àrd Ollamh Tormod MacGilliosa aig dìnnear shònraichte a chaidh a chumail sa cholaiste an t-seachdain-sa chaidh.
‘S e am Morair Dòmhnallach à Tradeston a dh’ùghdarraich an dealbh fhad ’s a bha e na Cheannard air STV, airson prìomh shreath a rinn STV mu chuid de nuadh-bhàird na h-Alba a chomharrachadh.
Ann a bhith a’ gabhail na deilbh às leth nan Urrasairean, thuirt an t-Àrd Ollamh Mac Gilliosa;
“Tha sinn air leth toilichte an tiodhlac coibhneil seo a ghabhail bhon Mhorair Gus Dòmhnallach, a tha air a bhith na charaid agus na neach-taic don cholaiste airson ùine mhòr, agus aig a bheil ceanglaichean làidir teaghlaich ris a’ phàirt seo den Eilein Sgitheanach. B’ e aon de phrìomh bhàird na 20mh linne a bh’ann an Somhairle Mac Gill-Eain agus dh’adhbhraich a bhuaidh làidir is bhrosnachail a thug e air Litreachas Eadar-nàiseanta gun robh cànan is cultar na Gàidhlig gu follaiseach na lèirsinn eadar-nàiseanta.
Bidh e na ìomhaigh bhrosnachail do na Gàidheil gu bràth agus leis gun robh e na Sgrìobhaiche aig Sabhal Mòr Ostaig, tha àite sònraichte aige ann an cridhe na colaiste.”
An dèidh làimh, thuirt Donaidh Rothach, Stiùiriche Leasachaidh an t-Sabhail Mhòir agus Cathraiche Buidheann nan Ealan Lèirsinnich;
“Tha na tiodhlac coibhneil seo gu sònraichte iomchaidh ann a bhith a’ fighe ri chèile dà dhual chudromach den dìleib chultarail againn, ealain litreachail agus lèirsinneach. ‘S e neach-ealain le cliù eadar-nàiseanta a th’ann am Peter Howson agus cuiridh am pìos-obrach seo gu mòr ris an iomairt airson stòras de dh’ealain lèirsinneach a bhith an seo aig an t-Sabhal Mhòr.”
Bha buill de dh’Urras Shomhairle Mhic Gill-Eain agus Chloinn Dhòmhnaill aig an dìnnear còmhla ri ceannardan is caraidean an t-Sabhail Mhòir, agus na càirdean aig a’ Mhorair Dòmhnallach a tha san Eilean Sgitheanach.
Gheibh an dealbh àite ann an stòras maireannach na colaiste còmhla ri dà dhealbh eile den Bhàrd, a rinn Sandy Moffat, RSA agus Peter Edwards.
|