|
TEAGHLACH AINMEIL SLÈITEACH A' TOIRT DILEAB PHRÌSEIL DHAN T-SABHAL MHÒR
Bha Sabhal Mòr Ostaig, a tha na shàr ionad aig cridhe leasachaidhean ann an cànan is dualchas nan Gaidheal, gu math toilichte cuirm a chumail san Leabharlann Diluain 20mh Dàmhair aig 11m gus dìleab de £500.00 bho Innes agus Kirsteen Grannd, clann a’ bhàird ainmeil Dòmhnall Grannd, a bhuineadh do Chamus Croise, is a bhean Mairead NicAonghais, a mholadh.
Tha Innes agus Kirsteen, a tha na seinneadair cliùiteach - air dìleab nach beag mar chuimhneachan air am pàrantan a thoirt dhan Cholaiste a tha ciallachadh gun urrainn dhan Cholaiste a sàr chruinneachadh leabhraichean air cultar nan Gaidheal a leudachadh.
Cheannach an dìleab Leabhar Commun nam Fior Ghael le CN MacIntyre North, a chaidh fhoillseachadh ann an 1881. Tha an leabhar iongantach seo a’ toirt iomradh air cleachdaidhean, cànan is èideadh nan Gaidheal.
Cuideachd, fhuair a’ Cholaiste lethbhreac ùr de ‘The Great Map: The Military Survey of Scotland 1747-1755’, aig Uilleam Ruadh a chaidh a dhèanamh às dèidh Bliadhna Theàrlaich.
Chaidh na leabhraichean inntinneach seo - a bhios na dheagh chuimhneachan air Slèiteach cliùiteach - a thoirt dhan Ollamh Tormod MacGillIosa, Stiùiriche an t-Sabhail Mhòir, a thug taing do dh’Innes agus Kirsteen airson a bhith cho fialaidh. “Tha sinn cho toilichte an tiodhlac uasal a tha seo bhon teaghlach a mholadh. ‘’S e gnìomh mìorbhaileach a tha ann a bhios a’ cur ris a’ cheangal eadar an teaghlach is an sgìre seo.”
A’ bruidhinn air an dà leabhar, thuirt Dr Ùisdean Cheape, a bha na Phrìomh Fhear-gleidhidh ann an Taighean-tasgaidh na h-Alba ach a tha a-nis na òraidiche aig a’ Cholaiste: “’S e beart iongantach a tha ann am mapa Ruaidh agus tha e bunaiteach do chruinneachadh an Leabharlainn. Bidh e na ghoireas rannsachaidh air leth dha na h-oileanaich againn.
’S ann às an leabhar aig Mac an t-Saoir North a fhuair Eideard Dwelly mòran de na dealbhan airson an fhaclair ainmeil aige, is mar sin tha e na leabhar uamhasach prìseil. Tha sinn ro thoilichte gu bheil e againn.”
Thuirt Innes Grant: “’S ann gu math pròiseil is a bhiodh ar pàrantan a bhith ceangailte ri àite mar Shabhal Mòr Ostaig, agus tha sinn air ar dòigh gun d’ fhuair sinn an cothrom iomchaidh seo an cuimhneachadh.”
Tha an leabharlann a’ cur fàilte chridheil air an dìleab seo a dh’fhosglas cothroman rannsachaidh do luchd-obrach is oileanaich, agus a’ toirt taing mhòr dhan teaghlach airson a bhith cho fialaidh.
|