THUGADH AITHNE DO DH'OBAIR LEASACHAIDH AN T-SABHAIL MHÒIR ANN AN CO-FHARPAIS NÀISEANTA

Dealbh air Donaidh Rothach, an t-Ollamh Fearchar Mac an Tòisich agus an t-Àrd-Ollamh Tormod MacGilliosa leis an duais
Donnie Rothach, an t-Ollamh Fearchar Mac an Tòisich agus
an t-Àrd-Ollamh Tormod MacGilliosa a' togail na duais.
(Dealbh le cead Iomairt na h-Alba)

Thugadh aithne an t-seachdain sa chaidh do dh'obair leasachaidh an t-Sabhail Mhòir 's a' bhuaidh a tha air a bhith aig a' cholaiste air a' choimhearsnachd timcheall oirre. Thug Iomairt na h-Alba - a bha toirt seachad dhuaisean 'Dynamic Place' ann an Dùn Èideann Oidhche Ardaoin (24/11/2005) - aithne dhan t-Sabhal Mhòr agus an diofar a tha i a' dèanamh dhan choimhearsnachd. Rinn a' bhuidheann leasachaidh nàiseanta 'deagh-mholadh' air a' cholaiste aig an t-seirbheis-buileachaidh airson mar a chuir i ri ath-bheòthachadh na sgìre ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich.

Tha na britheamhan ag iarraidh phròiseactan a chuidicheas le a bhith a' stèidheachadh 'Dynamic Place' ann an Alba agus tha Iomairt na h-Alba a' toirt seachad na duaisean le taic bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Coimhearsnachdan Alba is Dualchas Nàdair na h-Alba.

Ann a bhith dèanamh 'deagh-mholadh' air a' cholaiste, thuirt na britheamhan: "'S e àite gun samhla a th' ann an Sabhal Mòr Ostaig, an t-ionad nàiseanta airson na Gàidhlig, a tha 'g obair gu gleusta gus caochladh chothroman foghlaim is cultarach tro mheadhan na Gàidhlig a chruthachadh. 'S ann aice a tha buaidh mhòr a thaobh ath-bheòthachadh na Gàidhlig, a' chultair 's na coimhearsnachd. Tha taobh mòr eadar-nàiseanta air Sabhal Mòr Ostaig, agus rud a bha ri mholadh a rèir nam britheamhan 's e mar a tha cliù aig a' cholaiste air feadh an t-saoghail a thaobh càileachd 's i suidhichte ann an ceàrnaidh iomallach dhen Eilean Sgitheanach. Tha an t-ionad air a bhith aig teis-meadhan ùrachadh na sgìre ionadail agus chuir i gu mòr ri bhith cur stad air call sluaigh bhon sgìre le bhith tabhainn obair, foghlam is cothroman trèanaidh."

Thuirt an Stiùiriche Leasachaidh aig Sabhal Mòr Ostaig Donaidh Rothach: "Tha e na urram mòr do Shabhal Mòr Ostaig an duais nàiseanta iomraiteach seo fhaighinn a tha toirt aithne air nach e rud fiosaigeach a th' ann an 'dynamic place' a-mhàin, ach gur e toradh a th' ann air an dòchas, an taic agus an lùths a tha aig a h-uile duine a tha an sàs san obair seo."

B' e 7Stanes, beachd-smuain airson seachd slighean 'baidhsagal-monaidh' a chur air dòigh ann an ceann a deas na h-Alba, a bhuannaich a' chiad duais agus b' e Leabharlann is Ionad Ionnsachaidh sna Gorbals a ghlèidh a' chiad àite san earrann aig Sabhal Mòr Ostaig airson Leasachadh Coimhearsnachd. Fhuair Sabhal Mòr Ostaig còmhla ri Craigmillar Business Incubator Project an dàrna àite san earrann sin. B' iad an fheadhainn a bhuannaich na h-earrannan eile: Edinburgh Quay Phase One san earrann Àrainneachd nan Togalach; agus fhuair 7Stanes a' chiad duais airson na h-earrainn Ceanglaichean a bharrachd air a' chiad duais uile gu lèir.

A rèir Iomairt na h-Alba, tha na duaisean seo sònraichte mar a tha iad a' comharrachadh phròiseactan a tha putadh Alba air adhart. Am measg na feadhna a tha air a' phrìomh dhuais fhaighinn roimhe tha an Rosyth Ferry Project 's am Falkirk Wheel.