OILEANAICH ÀS AN EADAILT A TADHAL AIR SMO AGUS AIR AN EILEAN SGITHEANACH IS LOCH AILLSE

Air an t-seachdain sa chaidh bha 13 oileanaich bho Oilthigh nan Saidheansan Sòghalach anns an Eadailt stèidhte aig Sabhal Mòr Ostaig. Mar phàirt den phrògram ceum aca, thadhail iad air diofar àiteachan mar tuathanachas bainne, tuathanach fàs-bheairteach, taighean-òsta is taighean-bidhe air feadh an t-Eilean Sgitheanach is Loch Aillse. ‘S e seachdain thrang a bh’ann dhaibh. A bharrachd air na tursan fhèin, bha òraidean aca aig Sabhal Mòr Ostaig air croitearachd is eachdraidh na sgìre.

Dh’ fhàg na h-oileanaich air Là na Sàbaid gus cuairt a chur air Obar Dheathain is Dùn Èideann mus tilleadh iad dhan Eadailt. B'e seo a’ chiad bhuidheann de dh'oileanaich bhon Oilthigh, còmhla ris a' cho-òrdanaiche aca, Fulvio Silvestri, a fhuair an cothrom cuairt a chur air Alba. Cha b'e turas fhurasta a bh'ann dhaibh agus aca ri'n dùthaich fhèin fhàgail tràth sa mhadainn an dèidh dhan Eadailt Cupa na Cruinne a’ bhuannachd.

Tha Oilthigh nan Saidheansan Sòghalach gu math coltach ri SMO ann an iomadh dòigh. Tha i nas lugha na àiteachan foghlaim eile anns an Eadailt agus dh'fhosgail i dìreach dà bhliadhna air ais, ann an 2004. Tha i a' toirt chothroman foghlaim do dh’ oileanaich le bhith a dèanamh obair acadaimeagach agus cuideachd a' dol air cuairtean timcheall an t-saoghail gu dùthchannan mar Alba, An Fhraing is An Ungair. Tha na cuairtean sònraichte seo air an cunntas mar phàirt den cheum aca.

.